Innleachd Shasainn

Gu h-annasach, tha na Sasannaich a’ gabhail air an socair an turas seo air an rathad gu Brasil. Chan eil uiread de ghlòramas ann idir. Carson? Eòghan Stiùbhart a’ gabhail beachd.

WC-2014-Brasil.svg
WC-2014-Brasil” by http://www.brandsoftheworld.com/logo/fifa-world-cup-brasil-2014-0. Via Wikipedia.

Airson adhbhar air choireigin, chan urrainn dhomh a bhith dubh an aghaidh Sasainn mar a b’ àbhaist aig Cupa na Cruinne.

’S dòcha o chionn ’s gu bheil an Ginealach Òr air falbh, chan eil Beckham, Terry, Cole nar coinneamh fad an t-siubhail, Beckham na dhrathais agus Terry is Cole ann an drathais aig mnathan dhaoine eile. Chan eil an cultar WAGs a’ cuairteachadh na sgioba, agus Crouchie, Rio, na bleigeardan ud air falbh. Tha Stevie G ann fhathast , ach tha sinne ann an Alba an-còmhnaidh caran dèidheil air na Scousers agus le sin, chan eil fiù ’s Rooney gar cur droil.  Ged a chuir e an tadhal a rinn an gnothach oirnn an-uiridh, ’s e Rickie Lambert, Scouser eile, an gaisgeach ùr agus tha e na adhbhar dòchais dhuinn uile a tha fhathast nar gillean beaga le bruadaran ball-coise.  Fear a bha a’ cluich anns na lìogan ìseal bho chionn ghoirid a-nis a’ dol a-mach aig an aghaidh, a’ riochdachadh a dhùthcha aig Cupa na Cruinne. ’S coma leam mas e trì leòmhannan a tha air bhroilleach, abair sgeulachd!

A thaobh a’ mhanaidseir, tha mi taingeil nach e Harry “Wheeler-Dealer” Redknapp a tha os cionn na sgioba. ’S e duine uasal dhà-rìreabh a tha ann an Roy Hodgson, fear a chaidh a-null thairis agus a dh’ionnsaich a dhreuchd mus do thill e dhachaigh.  Chan eil e a’ gabhail ris a’ chultar aig na naidheachdan a bhios a’ sireadh ceann-naidheachd. “Carson a tha sibh air ur beò-ghlacadh le aon chluicheadair?” ars esan, an toiseach mu Wayne Rooney, agus an uairsin mu Ross Barkley. Rinn Barkley glè mhath an aghaidh Ecuador ach thog Hodgson air rud na dhà nach d’ rinn e ro mhath. Rud a bhios deagh choidse a’ dèanamh, gus am fàs cluicheadairean òga nas fheàrr. Tha Roy a’ taghadh sgioba a rèir foirm seach cliù, agus tha sguad òg talantach fo a stiùir.

Genève Indoors 2014 - 20140114 - Roy Hodgson.jpg
Genève Indoors 2014 – 20140114 – Roy Hodgson” by Clément Bucco-LechatOwn work. Licensed under CC BY-SA 3.0 via Wikimedia Commons.

Ach ’s dòcha gu bheil mo bheachd diofraichte a chionn ’s gu bheil na meadhanan Sasannach air a bhith an ìre mhath sàmhach an turas seo. As dèidh maslaidh ann an Afraga a Deas, cha b’ urrainn dhaibh am beachd a chumail suas gun robh Sasainn am measg nan sgiobaidhean a bha comasach a’ cho-fharpais a ghlèidheadh.  ’S iomadh uair a chuala mi daoine ag ràdh, bhithinn coma mu dheidhinn nan Sasannach a’ dèanamh gu math ach ’s e an luchd-aithris a bhios a’ cur caise orm.  Uill, tha e coltach gu bheil iad air beagan irisleachd ionnsachadh, gu ruige seo co-dhiù.  Ann am bliadhna chudromach, ’s mathaid gur e rud math a tha sin don dream “Nas Fheàrr Còmhla”.

Tha e mar gun tàinig diktat o Dhaibhidh Camshron ag ràdh “Chan eil e gu diofar dè sgudal bhios mi fhèin, Seòras Osbourne, Barack Obama, Nigel Farage, Alasdair Darling no Danny Alexander ag ràdh, bidh na h-Albannaich a’ bhòtadh “Cha Bu Chòir” ACH ma thòisicheas Clive Tyldesley air a’ chac ud mu dheidhinn cò b’ fheàrr le Sasainn anns a’ Chuairt Dheireannach/1966/bidh cuimhne agad gun do chluich e sia miosan air iasad aig Stoke City, mar sin air adhart, bidh gach mac màthar aca a’ cur taic ris an trustar sin Salmond sa bhad, mar sin dùinibh ur caban agus bithibh modhail.”

Is cinnteach nach eil seo fìor agus bhon a chunnaic sinn sa ghèam eadar Ecuador agus Sasainn Diciadain, chan eil e coltach gum bi Sasainn faisg air a’ chuairt-dheireannach aig a’ cheann thall. Ach bhon a chunnacas sa ghèam, tha e coltach gun cluich iad an gèam le luaths is sradag. Bha e coltach ri gèam aig a’ cho-fharpais fhèin, ach ga chluich ann am Miami gus am faigheadh sgioba Hodgson cleachdte ris an teas mus cluich iad anns an dlùth-choille ann an Ceann a Tuath Bhrasil. Chaidh Raheem Sterling a chur far na pàirce le cairt dhearg ach ’s e am fear a thog m’ aire, Alexander Oxlade-Chamberlain, mo mhàthair fhèin ag ràdh gun robh e a’ cur Jimmy Johnstone na cuimhne.  Gu mì-fhortanach, bha Oxlade-Chamberlain air a leòn agus tha e a-nis na theagamh airson na co-fharpaise fhèin. Duilich mura bi cluicheadair cho beothail ann.

Mar a thuirt mi mios no dhà air ais, tha mi fhathast a’ cur taic ri Urugaidh (ged a shaoilinn gun dèan Brasil an gnothach aig a’ cheann thall), ach ann am “Buidheann a’ Bhàis” còmhla ri Sasainn, an Eadailt agus Costa Rica, bidh e gu math inntinneach dhan luchd-amhairc. Chan eil fada ann a-nis!

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach