Iomain nam Ban – “Na mnathan bu shuairce, bu mhodhaile a ghluasad”

Sgioba nam Bana-Ghaidheal aig Iomain Cholmcille 2015

Tha iomain nam ban air èirigh gu mòr o chionn ghoirid agus tha guth nan Gàidheal gu làidir anns an leasachadh seo – Tha Eòghan ag aithris.

Is e saoghal nam fear a th’ ann a-rèir Seumas MacIlleDhuinn – ach mar a thuirt Goistidh na h-Anama fhèin – cha dh’fhiach e gun bhoireannach no chailin.

Amhail mar a tha saoghal na Camanachd an-dràsta. O chionn fichead bliadhna, tha spòrs na Gàidheal air ar-a-mach sàmhach fhaicinn, agus beag air bheag tha na boireannaich a’ faighinn cothrom na feinne anns an spòrs.

Tha na bodaich a’ faicinn mu dheireadh thall gum b’ urrainn do sgioba nam ban a chur gu mòr ri beatha a’ chomainn le bhith a’ cur gu feum na pàirce nas trice, a’ dublachadh an àireimh de dhaoine saor-thoileach agus a’ tarraing aire luchd-taice ùra cuideachd. Tha Comann nam Ban air a bhith gu math adhartach a thaobh ìomairtean airson an gèam acasan a shanasachadh o chionn ghoirid agus cuideachd, ghabh iad an ceum dàna a bthih a’ cur sgioba-cruinneachaidh de chluicheadairan o na lìogan roinneil a-staigh dhan phrìomh lìog nàiseanta airson sgilean a leasachadh agus barrachd chothroman cluiche a chrùthachadh.

Is e an rud as fheàrr cuideach gu bheil iomadh bana-Ghàidheal an-sàs anns na h-iomairtean seo. Tha grunn mhath de na Sgitheanaich a’ bruidhinn a’ chànain agus tha a’ mhòr-chuid de sguad Aird nam Murchan ga bruidhinn cuideachd. Tha soirbheachas foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a’ ciallachadh gu bheil cluicheadairean leis a’ chànan aig cha mhòr a h-uile sgioba o Ashleigh Fhriseal sa Ghearasdan gu grunn mhath chluicheadairean ann an Glaschu agus airson a’ chiad uair riamh, bha sgioba nam ban a’ cluich aig Iomain Cholmcille ann an Eirinn an-uiridh. ’S e Catrìona Gibb às an Eilean Sgitheanach a bha na sgiobair agus manaidsear-cluiche air an sgioba sin agus tha i a’ moladh iomain mar ghnothach soirbheachail airson boireannach sam bith a dhèanamh.

“Nuair a thòisich mise a’ cluich sa bhun-sgoile, cha robh ach dithis no triùir chlann-nighean a’ cluich san sgioba. A-nis, tha dà sgioba nam ban againn agus sgioba aig a’ mhòr-chuid de bhun-sgoiltean anns an Eilean. Tha na h-àireamhan air àrdachadh ’s tha tòrr a-nis a’ faicinn nach ann do dh’fhireannaich a-mhain a tha an spòrs. Tha feum aig gach sgioba air measgachadh de chluicheadairean, cuid a tha nas luaithe no nas làidire no aig a bheil sùil gheur airson stad a chur air tadhal. Tha mise air iomadh chothrom fhaighinn le iomain. Bha e fìor-shònraichte dhomhsa an-uiridh a’ chiad sgioba nam ban a stiùireadh aig Iomain Cholmcille 8 ann an Eireann. Chòrd e ris an sgioba air fad cothrom fhaighinn coinnicheadh ri cluicheadairean eile à Alba ’s Eireann agus Gàidhlig a chleachdadh ann an suidheachadh gu mì-fhoirmeil.”

Tha caraid-sgioba Catrìona, Caitlin NicIlleathain, air a bhith a-measg na feadhna as cliùitiche sa gheam o aois òg leis gu bheil i a’ tighinn on aon teaghlach ri Cally MacIlleathain, a bha na sgiobair nuair a bhuinnig Camanachd an Eilein Cupa na Camanachd ann an 1990. Thòisich Caitlin a’ cluich còmhla ri gillean o aois òg, agus tha i air sàr-chomas a shealltainn on a thòisich i a’ cluich do dh’Alba aig aois sia deug o chionn dà bhliadhna.

“Tha iomain a’ còrdadh rium airson gur e spòrs sgioba a th’ ann agus tha thu a’ cur earb’ anns gach cluicheadair. ’S mar sin tha feum aig sgioba a bhith gu math eòlach air a chèile. Tha tòrr spòrs ann a bhith a’ cluich còmhla ris a h-uile duine agus tha sinn mar theaghlach mòr. Tha seo a’ dèanamh iomain nas soirbhe air a’ phàirc oir tha sinn a’ bruidhinn ri chèile gu h-eifeachd agus tha eòlas againn air càite am bi gach cluicheadair. Cuideachd tha iomain a’ toirt orm a bhith a’ faireachdainn gu bheil mi a’ cumail eachdraidh shònraichte air adhart.

Tha Ceitidh Nic-a-Phì na h-oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig agus tha i a’ dèanamh tòrr obrach airson sgioba bhoireannach Àird nam Murchan. On a tharraing sgioba nam fear a-mach às an lìog o chionn ceithir bliahdna, is iad an aon sgioba inbheach anns an sgìre ìomallach. Tha ise a’ toirt mòran toileachas às a bhith a’ cluich iomain agus tha i a’ dearbhadh beachd Chaitlin mu dheidhinn cho cudromach ’s a tha an càirdeas eadar na cluicheadairean ach cuideachd gu bheil ceangal ann ri rudeigin nas doimhne is nas motha.

“Tha iomain a’ còrdadh rium ann an iomadach seòrsa dòigh ach gu cinnteach ’s e an rud as cudromaiche dhomhsa – an sgioba a’ tighinn còmhla, a’ cluich, a’ siubhal agus fealla-dhà a bhith againn còmhla gach seachdain. ’S e an rud sònraichte a th’ againn le iomain ’s gu bheil daoine a’ cluich sna coimhearsnachdan aca fhèin agus leis gu bheil iad a’ riochdachadh na sgìrean aca, tha e a’ faireachdainn gu bheil na coimhearsnachdan uile an sàs cuideachd agus ’s e rud uamhraidh fhèin cudromach a tha sin airson daoine òga a tha gu h-àraidh a’ fanach ann an sgìrean iomallach air feadh na Gàidhealtachd.”

Tha Claire Delaney à teaghlach gu math ainmeil ann an iomain le piuthar, Ciorstaidh, a-measg nan cluicheadairean boireanta as fhèarr ann an Alba agus co-oghaichean, Ben is Danny agus uncail Mìcheal a’ dèanamh mòran do sgioba Loch Abair. Tha a cèile, Mìcheal Rodger, a’ cluich do Chill Mhaillidh cuideachd agus ged a bha i garbh measail air an spòrs a choimhead, o chionn trì miosan cha robh ùidh aig Claire ann an cluiche mus d’ rinn Comann Camanachd nam Ban leudachadh air Lìog Leasachaidh a tha ag amas air cluicheadairean agus sgiobaidhean ùra a thaladh dhan spòrs.

“’S toil leam gu mòr a bhith a’ cluich iomain. Tha e dìreach sgoinneil a bhith mar phàirt de sgioba. Tha mi daonnan a’ coinneachadh ri daoine ùr! Tha mise mar phàirt dhen sgioba leasachaidh. ‘S toil leam a bhith faighinn tadhail gu leòr! Tha sinn air mullach an lìg an-dràsta agus chòrdadh e rium fuireach ann! Tha iomain a’ fàs gu mòr ann an Loch Abar gu sònraichte le na boireannaich. Tha na h-àireamhan a’ fàs gach seachdain aig trèanadh agus le lìg leasachaidh tha cothroman gu leòr ann airson sgilean a thoirt air adhart.”

Bidh Caitlin agus Ceitidh cuideachd a’ cluich aig ìrean nas àirde na an Lìog Leasachaidh. Tha Lìog Nàiseanta ann le còig sgiobaidhean anns am bi an t-Eilean a’ cluich, agus dà lìog roinneil (Lìog a’ Chinn a Deas le sia sgiobaidhean, le dà sgioba Aird nam Murchan agus An Gearasdan a bhiodh a’ cluich anns a’ Cheann a Tuath ann an gèam nam fear, agus Liog a’ Chinn a Tuath le sia sgiobaidhean eile). ’S e an Cupa Valerie Friseil as ionnain ri Cupa na Camanachd ach tha Cupa Dùbhlain Mharine Harvest ann airson na sgiobaidhean roinneil cuideachd. Tha Caitlin agus Ceitidh air briseadh-cridhe fhulang anns an dà fharpais seo o chionn dà bhliadhna.

Ràinig sgioba an Eilein cuairt dheireannach Valerie Friseil ann an 2014 ach dh’fhailnich e orra tadhal a bharrachd a chur seachad air sgioba eòlach agus fada nas sine aig Glaschu Meadhan-Arraghaidheal a tha an-dràsta nam ban-righean air gèam nam ban. Tha an dara sgioba aca làidir cuideachd agus ged gha an t-slighe aig Àird nam Murchan gu cuairt dheireannach a’ Chupa Dhùbhlain an-uiridh glè bhrosnachail, chaill iad le buillean peanais ri GMA, as dèidh dhaibh tadhal a chur anns a’ mhionaid mu dheireadh de dh’ùine a bharrachd.

“An-uiridh fhuair sinne a-staigh dhan cùrsa dheireannach sa Chupa Dhùbhlain agus gu dearbh b’ e siud aon de na rudan a bu mhotha a rinn mise a-riamh anns an spòrs. Cha d’ fhuair sgioba sam bith eile bhon sgìre againn cho fada sin agus ’s e cothrom air leth dhuinn uile a bh’ ann air an latha – ged a chaidh sin a-mach sna penalties aig deireadh a’ gheama!” ars Ceitidh

Tha Ceitidh glè dhòchasach mu dheidhinn iomain nam ban san àm ri teachd. “Nam bheachdsa, tha deagh leasachadh air a bhith ann thar nam bliadhnaichean – gu h-àraidh o chionn bliadhna no dhà. Leis gu bheil lìog leasachaidh ann a-niste airson luchd-ionnsachadh no nigheanan òga agus sgiobaidhean a tha airson tòiseachadh, tha mi smaointinn gum bi barrachd chothroman ann airson misneachd a thoirt do bhoireannaich a tha airson cluiche. Leis a seo ged-tà, bhithinn airson bharrachd fhaicinn sna meadhanan mu Gèam nam Ban – a thaobh naidheachdan is geamaichean – agus tha mi an dòchas gun tig sinn san àm ri teachd.”

Tha Caitlin cuideachd air adhartas mòr fhaicinn anns an spòrs anns na deich bliadhnaichean a tha i air a bhith a’ cluich aig ìre nàiseanta agus tha i cinnteach gum faicear tòrr a bharrachad anns an ath dheichead. ’S math gum bi am facal mu dheireadh aice-se.
“Tha mi a smoineachadh gu bheil gèam nam boireannach air tighinn air adhart gu mòr. Tha barrachd nigheanan a’ tighinn troimhe bhon bhun sgoil agus a’ dol a steach gu ìre fo 14 còmhla ris na gillean. Tha sinn a’ faicinn tòrr nigheanan a’ tighinn gu campa leasachaidh an t-samhraidh agus tha sinn a’ faighinnn tòrr a-mach às na làithean sin agus tha adhartas mòr ri fhaicinn anns a h-uile duine às a dhèidh.”

“Cuideachd tha sinn a’ faicinn bhoireannaich a’ cluich aig a’ chiad agus an dara ìre còmhla ris na gillean. Tha seo math fhaicinn. Cuideachd tha sinn a’ faicinn adhartas anns a’ gheam eadar-nàiseanta cuideachd. Gach bliadhna tha gach cluicheadair a’ cluich nas fhèarr agus tha nigheanan eile a’ tighinn a-steach. Tha seo ga dhèanamh nas dorra airson na h-Eireannaich gu h-àraid leis an strùctair proifeiseanta a tha an coidse, Stiùbhart Reid a’ toirt oirnn a leantainn. Tha seo a’ toirt orm faireachdainn gu bheil gèam nam boireannach aig aite math an-dràsta agus tha mise a’ smaoinechadh gum bi adhartas a bharrachd a’ tighinn anns am àm ri teachd.”

Comann Camanachd nam Ban

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach