Iomain: Sùil air adhart gu Seusan 2015

Ged nach shaoileadh tu an ceartair, chan fhada bhuainn a tha an t-Earrach agus bliadhna eile na h-iomain – Tha Eòghan Stiùbhart a’ coimhead air adhart ri bliadhna chudromach do spòrs nan Gàidheal.

Lovat Shinty Club Champions 2014.JPG
Lovat Shinty Club Champions 2014” by SologoalOwn work. Licensed under CC BY-SA 3.0 via Wikimedia Commons.

Tha mi air dùsgadh às mo shuain gheamhraidh, agus mi a’ cuimseachadh air bliadhna na h-iomain a tha romhainn. Feumaidh mi aithris gu bheil an trèanadh a tha dhìth orm a’ cur eagal mo mhionaich orm ach ’s cinnteach nuair a bhios mi air a’ phàirc air a’ chiad latha gum bi mi air mo dhòigh.

Is e gnàths-cainnt anns nach do chuir mi cus suim a tha ann an “Abair ach beagan is abair gu math e”, mar as lugha a chanas mi mu dheidhinn iomain san fharsaingeachd an-uiridh, ’s ann as fheàrr. A dh’aindeoin gach buadh, bha iomadach mealladh innte – fada cus chanadh feadhainn, le Torcuil is Astaidh bochd a’ faighinn tàire air choireigin gach seachdain aig Comann na Camanachd ann an Taigh Alton..

Ach aig deireadh an latha, chaidh iomain a chluich agus ’s e Baile Ùr an t-Slèibh a ghlèidh am Prìomh Lìog an-uiridh agus Ceann a’ Ghiùthsaich a thug dhachaigh Cupa na Camanachd, le Raghnall Ros a’ retireadh (sic) aig fìor-bhàrr a chomais, ach bidh dùbhlain mhòr a bhios ann dhan dà sgioba na duaisean sin a ghleidheadh a-rithist. Tha Gary Innes air a dhreuchd a leigeil seachad airson barrachd ùine a chosg còmhla ri Norrie agus na gillean Mànran cuideachd, mar sin feumaidh an spòrs a dhèanamh às aonais dithis a chuir gu mòr ri ìomhaigh spòrs nan Gàidheal.

Tha am Prìomh Lìog air tilleadh gu deich sgiobaidhean as dèidh molaidh o Bhaile Ùr an t-Slèibh agus Cheann a’ Ghiùthsaich aig Coinneamh Bhliadhnail a’ Chomainn. Is e cion gheamaichean a bha a’ cur dheth mòran sgiobaidhean an-uiridh – an dà sgioba Bhàideanach gu h-àraidh mì-thoilichte gun robh “An t-Eilean” agus “An Dail” gam fàgail bàn ann an teis-mheadhan seusan an luchd-turais ann an Sgìre a’ Mhonaidh Ruaidh. Bidh Baile Ùr an t-Slèibh a’ coimhead ris an Lìog a-rithist ach bidh Ceann a’ Ghiùthsaich airson gun cùm iad orra “a’ leasachadh” agus ’s e bònas a bhios ann an duais mhòr sam bith.

Tha aon eagal ann ge-tà agus sin gum bi an seusan a’ ruith ro fhada mar a b’ àbhaist dha o chionn dhà no trì bliadhna; gu h-àraidh ma bhios aon sgioba, leithid Caolas Bhòid a’ dèanamh glè mhath sna cupannan ach aig an aon àm a’ fulang le geamaichean gan cur dheth san lìog.

A thaobh sin, bidh Caolas Bhòid cunnartach ann an Cupa na Camanachd uair eile, ach tha an spòrs cho fosgailte ’s a bha e o chionn fhada.  Bidh Lòbhat a’ feuchainn uair eile greim fhaighinn air an Lìog air neo Cupa na Camanachd, ged a tha iad air a bhith fo gheasaibh anns a’ phrìomh cho-fharpais chupa nàiseanta o chionn bhliadhnaichean agus tha Ailean MacRàth air seasamh sìos mar mhanaidsear o chionn latha no dhà.  Leis gu bheil uiread de Ghàidheil a’ fuireach taobh a-staigh crìochan fearainn MhicShimidh agus baile beag Chill Tharaglain, ’s dòcha gum bi gu leòr Gàidheil toilichte ma chumas iad grèim air Cupa MhicThàmhais a-rithist co-dhiù.

Bidh Gleann Urchadain an dòchas gun dèan iad suas airson bliadhna làn bhriseadh-cridhe, seusan cumhachdail san lìog, ach dà ghèam thruagh ann an dà chuairt dheireannach, Cupa MhicThàmhais agus Cupa na Camanachd, a’ fàgail blas searbh air 2014 dhaibhsan.

Is e an cunnart as motha a tha ann do sgiobaidhean leithid Ghleann Urchadain agus Cheann Loch Seile nach eil iad buileach air na h-àirdean a ruighinn mar a bhathar an dùil.  Tha Cupa MhicAmhlaigh aig muinntir Dhruim na Drochaid o chionn dà bhliadhna airson an cumail blàth ach cha do shoirbhich “Gìnealach Òr” Cheann an t-Sàile idir ann an co-fharpais nàiseanta, agus leis na gillean sin a’ fàs beagan nas aosta, ’s mathaid gum fulaing iad an dearbh rud a thachair dha an nàbaidhean Sgitheanach – ag imrich gu pàirc eireachdail ùr ach leis an sgioba air leth a bha ann air crìonadh on uair a bha iad aig bàrr. ’S mathaid gu bheil sin ro dhubhach ge-tà agus gur e seo a’ bhliadhna a thèid leis na Seilich.

Tha Inbhir Aora an-còmhnaidh caochlaideach agus bidh e inntinneach a bhith a’ coimhead air mar a thèid do Chamanachd an Òbain agus An Gearastan agus iad air tilleadh on fhògradh aca sna roinnean ìseal. Bidh Loch Abair an dòchas gun tig piseach air cùisean cuideachd às dèidh seusan doirbh an-uiridh far an deach an sàbhaladh leis mar a chaidh na lìogaichean atharrachadh.

Shìos anns an Lìog Nàiseanta, a tha fhathast cho connspaideach agus mì-chliùiteach ’s a bha e riamh, eadhon le sgiobaidhean a bha air a shon, leithid Bhaile a’ Chaolais agus Chill Mhaillidh a’ gearan mu dheidhinn, agus tòrr sgiobaidhean leithid Chabar Fèidh, Chamanachd an Eilein agus Ghleann Urachaidh ann gu math ain-deònach.  Tharraing Eilean Bhòid a-mach às an Lìog Nàiseanta uile gu lèir, agus dh’fhàg sin Comann na Camanachd a’ rùrachadh airson sgioba a ghabhadh an t-àite mu dheireadh.

Ghabh Inbhir Nis an t-àite aig a’ cheann thall, ach bidh e doirbh don Bhaile leis mar a chrìochnaich iad aig bun a’ Chiad Roinn a Tuath an-uiridh. Tha iad air Drew MacNèill fhastadh mar mhanaidsear ge-tà, agus ’s e am manaidsear a thug soirbheachas dhan Ghearasatan agus do Ghleann Urchadain sna cupannan, mar sin ’s mathaid gun dèan iad adhartas.

SkyeCamanachd2014

Bidh na Sgitheanaich an dòchas gun cùm iad orra ann an deagh shunnd às dèidh bliadhna mhisneachail shìos anns a’ Chiad Roinn a-Tuath, a’ dol gun chall san lìog, a’ ruighinn iar chuairt-dheireannach agus a’ togail Cupa a’ Bhaile Mhòir.  Tha sguad òg èasgaidh aca, agus tha e doirbh a chreidsinn nach eil ann ach bliadhna on a thòisich sinn ar duilleagan spòrs aig Dàna le artaigil a’ coimhead air suidheachadh duilich an Eilein – moladh mòr do Iain Mòr “Spod” MacLeòid agus a h-uile duine aig an Eilean.

Tha fàs agus crìonadh ri fhaicinn ann am freumhan an spòrs.  Tha sgioba ùr anns an Òban, Òban Latharnach, ach tha tòrr sgiobaidhean sa Cheann a Deas a’ gearan gu bheil iad gann de chluicheadairean agus tha iomain sna bailtean mòra fhathast mòr am measg òigridh ach gun mòran a ghluasad air adhart dhan ath ìre.

Mu thuath, ged a ghabh Srath Spè agus Leòdhas ceumannan mòra an-uiridh, agus mòran aca a’ fiughar ri am bliadhna-sa ma chumas iad orra a’ leasachadh, tha saoghal caochlaideach nan sgiobaidhean beaga air tighinn am follais, le sgioba Loch Bhraoin a’ tarraing a-mach às na lìogaichean.

Tha seo na thàmailt mhòr leis gu bheil Ulapul na bhaile ìre mhath mhòr air a’ Ghàidhealtachd agus tha seo a’ fàgail Leòdhas agus a’ ghràisg bheag ghoireasach ann an Ceann Loch Bìorbhaidh air an fhìor iomall. Tha e doirbh a thomhas dè thug air an sgioba seo a dhol fodha; dith-thaic san àrd-sgoil ionadail, cus ghillean ag obair air falbh on taigh, air neo dìreach sgìths às dèidh bhliadhnaichean a’ strì ri sgioba a chur air dòigh a’ toirt buaidh air buidheann bheag de dhaoine saor-thoileach.  ’S e cunnart a tha seo dhan a h-uile buidheann a bhios ag obair gu saor-thoileach, ann an spòrs, anns a’ choimhearsnachd air neo ann an Gàidhlig.  Rabhadh dhan sgioba ùr ann an Gallaibh, ’s dòcha?

Bliadhna chudromach dhan spòrs, agus ged a bha Ùisdean MacIllinnnein ag aithris an seann abairt air Facebook an latha eile, “On the Turf, As Under it, all men are created Equal”, tha làn fhios againn gum bi am bliadhna sa làn euchd agus toileachais do dh’fheadhainn agus làn chràidh agus bhròin do chàch. Gun èirich leis gach cluicheadair anns na mìosan a tha romhainn.

 

– Eòghan Stiùbhart

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach