Iomairt nan Sgiath-Dheargan | Bàrdachd

sgiath-dheargan

Iomairt nan Sgiath-Dheargan

Lùb a geugan fo eallach mheasan
A’ chraobh chaorainn dhaingeann
Leugan deàlrach gach aon na ulaidh
A’ frasadh bho chlò òr-bhuidhe
Fiar-ghathan na camhanaich
Dh’fhuadaich sgleò is driùchdain
À meangan is duilleach brisg
Nochdte am fianais latha bric

Gu sgeilmeil a laigh an t-eun
Gu ladarna a thog e cheann
Coinnealta, uallach gun nàire
Gun chogais; creach air aire
Gun toinisg, sannt a threòir
Gadaiche an solas an latha
Spùinn dian-ghlacte na shùil
Grìogag ghreimichte na bhile

Thàinig companach à falachan
Thàinig dithis, thàinig triùir ann
Dh’èirich ealtainn fear mu seach
Bho còmhdach preasach is glac
Lasair sgàrlaid an sgiathalaich
Reubadh, spìonadh gun chrìoch
Ràpach, cìocrach gun sòradh
Gus an do choileanadh an spùilleadh

Dh’fhàgadh truagh an caorann
Dar thraogh às a’ ghrian
Air rùsgadh, lom gun mhaise
Tuar doilleir, gun gleans às
Dar dh’fhalbh am feachd
Cho ealamh ris an teachd
Sgàilean ioma-sgiathach
Don chiaradh a’ meathadh

B’ e armailt air iteag gun fhiaradh
A chuimse air toradh mo ghàrraidh
A thriall thar tìr is garbh-chuan
A theàrn gu creach is buain
Ged dh’fhàg iad mo lios air sgioladh
Rùisgte an aghaidh a’ gheamhraidh
Dar bhuail e orm buadh an iomairt
Bhuilich mi orra mo bheannachd

 

  • Alistair Paul
Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach