Iomairt Sgoil Eòlais na h-Alba
Tha Iomairt Sgoil Eòlais na h-Alba air fàs caran sàmhach bho chionn ghoirid, ach tha gnothaichean a’ teasachadh a-rithist.
An-uiridh, bha iomairt mhòr airson Sgoil Eòlais na h-Alba aig Oilthigh Dhùn Èideann a shàbhaladh bho cho-shuidheachadh roinntean a bhios a’ tachairt as t-samhradh 2014 (aig an dearbh àm ’s a tha dùil aig an Roinn ri Rannsachadh na Gàidhlig 8).
Tha an imrich fhathast a’ dol air aghaidh; bidh an Sgoil a’ gluasad gu penthouse suite 50 Ceàrnag Sheòrais (còmhla ris a h-uile roinn ann an Sgoil Litreachasan, Chànanan is Chultaran) agus an tasglann ainmeil, na leabharlannan, agus eile gam brùthadh a-steach do 29 Ceàrnag Sheòrais.
29 Ceàrnag Sheòrais – Tardis an Dotair air iasad?
An-dràsta, tha Sgoil Eòlas na h-Alba, Roinn na Ceiltis, Leabharlann Sgoil Eòlais na h-Alba, Leabharlann na Ceiltis agus àiteachan an luchd-obrach a’ lìonadh 27-29 Ceàrnag Sheòrais.
A-rèir dùil an Oilthighe, thèid na leabharlannan, an tasglann, àiteachan-obrach agus cuid de luchd-obrach uile gu lèir còmhla san aon togalach aig 29 Ceàrnag Sheòrais – am fear as lugha de na trì togalaichean. A bharrachd air sin, tha dùil aig an Oilthigh ri ‘cridhe ùr na Gàidhlig’ a chruthachadh an seo. ’S dòcha gun d’fhuair an t-Oilthigh iasad den Tardis bhon Dotair, oir tha oileanaich agus luchd-obrach na Roinne cinnteach nach bi rùm gu leòr san togalach!
Mar eisimpleir, a-rèir nam planaichean, thèid an àireamh de àiteachan-obrach airson luchd-rannsachaidh a lùghdachadh bhon 50 a tha ann an 27-29 Ceàrnag Sheòrais gu dìreach 7 ann an 29 Ceàrnag Sheòrais! Abair leudachadh ghoireasan, agus an t-Oilthigh ag ràdh gur e piseach a tha ann.

Cridhe na Gàidhlig
Ged a bha an iomairt an-uiridh air leth faicsinneach – a’ sgaoileadh fad is farsaing thar an t-saoghail – tha e coltach nach gabh an Sgoil a chumail ann an 27 Ceàrnag Sheòrais.
An-dràsta, tha cridhe na Gàidhlig san Oilthigh stèidhichte ann an 27 gu 29 Ceàrnag Sheòrais, am measg an luchd-obrach, nan oileanach, na leabharlannan, na tasglannan, agus nan aoighean a thig ann gu minig. Ma thèid na roinnean seo a sgaradh bho chèile, theagamh nach bi an toradh math.
Thèid Roinn na Ceiltis a chur a-steach do Thogalach Uilleim MhicDhonnchaidh, ionad ùr na sgoile, far am bi i an ìre mhath do-fhaicsinneach do dhuine sam bith.
Chan eil planaichean leithid iad seo a’ buntainn ri Oilthigh Dhùn Èideann a-mhàin. Tha iad mar phàirt de cho-shuidheachadh gus rùm a shàbhaladh a tha a’ tachairt ann an iomadh raoin air feadh na dùthcha. Uaireannan, tha e cronail gun teagamh.
Oilthigh Aberystwyth
Ann an Oilthigh Aberystwyth, bho chionn ghoirid fhèin, chaidh Roinn na Cuimris imrich às an t-Seann Cholaiste ri taobh na mara, agus a thoirt suas air a’ chnoc do thogalach grànnda ùr. Tha ùpraid a bharrachd air tachairt, agus na h-oileanaich neo-riaraichte air fad.
San imrich, ’s e ‘àite-foghlaim’ a thairgse a bhathar an dùil an Oilthighe. Ach, chaill iad na leabhraichean às an leabharlann aca, leis an ‘àite-fhoghlaim’ làn de sgeilpichean falamh. An uair sin, chaill iad an seòmar fhèin còmhla ris a’ chòrr den togalach.
Tha planaichean ann cuideachd gus an t-àite-fuirich ainmeil Cuimris Pantycelyn a dhùnadh, a dh’aindeoin aimhreit nan oileanach.
Tha e soilleir nach tig rud sam bith math às a’ ghnothach nuair as e luchd-malairt a tha os cionn oilthighean an àite sgoilearan.
-Liam Alastair Crouse, le cuideachadh bho Ghille-chrìost MacGill’Eòin, oileanach Ceilteach ODÈ