Ionnsachadh Co-obrachail | Ionnsachadh an Guaillibh a Chèile

drawings-on-wall

Ciamar an toir sinn piseach air teagasg agus ionnsachadh na Gàidhlig? Feumaidh sinn coimhead ri diofar dhòighean a bheir misneachd agus neo-eismileachd do luchd-ionnsachaidh, agus ’s mathaid gum bi “ionnsachadh co-obrachail” na fhuasgladh a-rèir Eòghain.

As t-samhradh bha mi fèir air mo dhòigh leis na fhuair mo thriùir sgoilearan àrd-ìre ann an Gàidhlig. Tha e doirbh a chreidsinn gu bheil mise ceathramh den t-slighe tron deicheamh bliadhna de theagasg na Gàidhlig agam, agus bha e na thlachd mhòr dhomh a bhith a’ faicinn iomadh seann sgoilear agam aig a’ Mhòd, and dà chuid sgoilearan FTMG agus feadhainn a bha agam mar luchd-ionnsachaidh, a’ seinn is a’ bruidhinn sa Ghàidhlig o mhoch gu dubh.

A dh’ aindeoin seann aois, tha mi a’ faireachdainn ann an deagh thrum ge-tà. Rinn mi cùrsa anns an t-seachdain mu dheireadh dhe mo shaor-làithean a thug spionnadh dhomh is mi a’ dol a-steach gu mo dheicheamh bliadhna-sgoile ann an teagasg na Gàidhlig. Is e an cùrsa a bha seo, Ionnsachadh Co-obrachail (air neo Co-operative Learning) agus mholainn do thidsear sam bith, gu h-àraidh tidsearan Gàidhlig aig gach ìre, bun-sgoil, àrd-sgoil, foghlam àrd-ìre agus foghlam-inbhich a bhith a’ cur mion-eòlas air an dòigh-teagaisg seo.

A-nise, canaidh feadhainn, “ach tha mi a’ dèanamh obair-buidhne mu thràth agus bidh a h-uile duine a’ faighinn air adhart glè mhath.” ’S mathaid gu bheil sin fìor, agus chan eil mi airson dimeas a dhèanamh air na h-euchdan teagaisg a tha a’ dol air adhart a latha ’s a dh’ oidhche airson ar cànan a thogail às an t-sloc, ach chì mise ann an Ionnsachadh Co-obrachail ceart cothrom airson obair-buidhne a neartachadh is a leudachadh is a dhèanamh nas eifeachdaiche, oir tha Ionnsachadh Co-obrachail nas motha na obair-buidhne a-mhàin. Ann an obair-buidhne, tha e ro fhurast’ do dh’fheadhainn a bhith am falach, a bhith a’ gèilleadh dhan fheadhainn as comasaiche (neo as fharamaiche!) agus amhail, tha e ro fhurasta dhan fheadhainn sin a bhith a’ gabhail ghnothaichean os làimh.

Cha robh mi iomagaineach mun dòigh-theagaisg seo – tha mi air a bhith a’ cur eòlas air na dòighean-teagaisg a tha an-sàs ann cho fad ’s gu bheil mi air a bhith nam oileanach air cùrsa a tha mi fhèin a’ dèanamh tro Chomhairle na Gàidhealtachd am-bliadhna. Bha feadhainn agam gu nàdarrach nam theagasg ach tha iomadh cleas ri ionnsachadh airson Ionnsachadh Co-obrachail a chur an gnìomh, rudan teicnigeach a nì ciall ach air nach biodh tu a’ smaoineachadh, mar eisimpleir, nach bu chòir buidhnean nas motha na ceathrar a bhith ann. Chan eil mi ag iarraidh do shàrachadh leis an uabhas fiosrachaidh (oir tha mi airson gun gabh thu ri mo bheachd) ach bheir mi sùil air cuid dhe na cleasan a tha na lùib.

’S e a’ chiad rud, gum bi cothrom aig a h-uile duine an guth a chur “air bòrd” – ’s urrainn dha seo a bhith na rud cho sìmplidh ri “can d’ainm, cò às a tha thu agus dè an aois a tha thu” (rud gu math freagarrach airson luchd-tòiseachaidh aig a bheil na bunaitean) gu “dè rinn thu air an deireadh-sheachdain agus ciamar a tha thu a’ faireachdainn mu dheidhinn?” (’S dòcha nach biodh sin ro fhreagarrach le cuid de luchd-ionnsachaidh ma bhios ceann goirt is aithreachas fhathast a’ brùthadh orra madainn Diluain!)

’S e an dara rud, gun cruthaich iadsan spionnadh anns a’ bhuidheann aca, is gun tog iad sgioba, leis gum bi iad a’ seasamh an guaillibh a chèile agus ag obair a dh’ ionnsaigh na h-amasan aca còmhla. Chan fheum seo a bhith ceangailte ris an obair a bhios romhpa ach faodaidh e a bhith ceangailte (An-dràsta tha mi a’ teagasg mu dheidhinn cloinn-cinnidh agus na rudan ceangailte riutha mar shloinneadh is shluagh-ghairm san dòigh seo airson na builean is eòlasan air cultar a choileanadh). Agus  ’s e seo a’ chiad cheum dhe na Còig Ceumanann de dh’Ionnsachadh Cho-obrachail, Eadar-eisimileachd Dheimhinneach Positive Interdependence – (mo leisgeul airson a’ Ghàidhlig sin!)

Oir tha obair –sgioba aig cridhe ionnsachadh-buidhne sam bith, agus tha ceithir ceumannan ann – forming, storming, norming agus performing –a chaidh a mholadh le Bruce Tuckman ann an 1965 – is iad na diofar ceumananan a bhios a’ tachairt mar as fhaide air adhart a thèid buidheann no sgioba (a’ cruthachadh, a’ cathachadh, a’ cleachdadh is a’ cluich?). Mar as dlùithe a tha an sgioba, ’s ann as fheàrr a gheibh iad air adhart leis an obair a tha romhpa.

Is e an dara ceum Cunntalachd Fa Leth – Individual Accountability. Tha e cudromach cuideachd gu bheil iarrtas air a h-uile duine anns an sgioba a bhith a’ coileanadh dleastanas air choireigin, oir mar a thuirt mi na bu tràithe, tha cuid dualtach a bhith a’ falach neo a’ toirt thairis. Bidh e follaiseach cò tha air a’ bhuidheann a leigeil sìos mura dèanar oidhirp le cuideigin.

Is e an treas ceum am fear as fheàrr dhomhsa, Eadar-obrachadh Aghaidh ri AghaidhFace to Face Interaction – Tha an ceum seo air saorsa a thoirt dhomh. Bha mise a’ faireachdainn gun robh mi fhèin a’ dèanamh cus bruidhinn (is beag an t-iongnadh, canaidh feadhainn!), agus tha mi a’ faireachdainn fuasgladh mòr air seo – a-nise, tha iad a’ cluinntinn nas motha na mo ghuth-sa, tha iad a’ cuairteachadh an t-seòmair, agus ma bhios aon aca ceàrr, bidh iad a’ ceartachadh a chèile.

Tha e cudromach sùil a chumail air an tìde agus bidh seo cuideachd ag obair mar ìmpidh air na sgiobaidhean a bhith ag obair aig astar agus a’ cuimseachadh air na h-amasan a tha romhpa. Mar phàirt de seo, tha ceathramh ceum ann – Sgilean Soisealta – agus feumaidh mi ràdh gu bheil e cho sìmplidh is cho doirbh aig an aon àm seo a dhèanamh ceart. Feumaidh sinn cuimhneachadh nach eil sgilean sòisealta aig mòran cloinne nuair a thig iad dhan sgoil, ma chanas sinn “bithibh modhail” riutha, ciamar a tha fios againn gu bheil fhios acasan dè a tha ann am “modh”?

Tha mise a’ mothachadh gu bheil sgilean sòisealta – ag iarraidh orra taing is dùrachd a thoirt seachad, crathadh-làimhe a dhèanamh, is beannachd fhàgail as an dèidh — gan cuideachadh gu mòr, a bharrachd air na sgilean a tha a dhìth orra airson beatha, le bhith a’ cuimhneachadh Gàidhlig bhunaiteach is e a’ tighinn dhaibh nas nàdarra, agus aig an aon àm gan dùsgadh airson Gàidhlig ùr no Gàidhlig nas dorra a thogail is a chur gu feum.

Agus le sin, thig sinn dhan cheum dheireannach, CnuasachadhReflection -is e cnuasachadh cnag na cùise; as aonais smaoineachadh is beachdachadh air na tha sinn ag ionnsachadh, cha thog sinn ach bunaitean a’ chuspair no a’ chànain. Bidh sinn ag ionnsachadh fada a bharrachd ma bhios sinn fhèin a’ faighinn cothrom ar n-eòlas a thoirt seachad agus an uairsin cnuasachadh air a’ ghnothach (a-rèir coltais ma nì clas sgoile cnuasachadh air ionnsachadh, togaidh 90% dhiubh an cuspair – as aonais cnuasachaidh cha tog ach 15% dhiubh.)

A-nise, thig sinn dhan cheist a bhios aig a h-uile tidsear aig a h-uile ìre, “Eòghain a charaid, tha coltas ann gu bheil obair mhòr an lùib seo”.  Bidh mi onarach agus canaidh mi gu bheil beagan obrach na lùib ach chan eil e tomadach. Ged ’s e ullachadh an t-uallach as motha a th’ ort, nuair a bhios tu air sgioba a thogail, tha an soirbheachas a’ tighinn am bàrr – faodaidh iad a bhith ag obair ann an càraid, air neo ag obair le daoine eile sa chlas aig a bheil an aon aireamh, air neo a’ cuairteachadh nam bòrd agus a’ tilleadh dhan sgioba aig a’cheann-thall airson cnuasachadh air na dh’ionnsaich iad. Tha an t-uallach orrasan aig a’ cheann thall agus leis gu bheil barrachd saorsa agad agus gu bheil barrachd buannachd a’ tighinn, ’s ann nas fheàrr a tha teagasg a’ còrdadh riut.

Chan i an aon iuchair gu ionnsachadh math a tha ann an Ionnsachadh Co-obrachail ach ’s i roi-innleachd glè eifeachdach is ioma-fhillte a bhios a’ cuideachadh luchd-ionnsachaidh agus luchd-teagaisg le chèile. Is mathaid gu bheil thusa a tha a’ leughadh seo fhathast a’ cantail “B’ eòlach do sheanmhair” ris (agus bhiodh iad ceart oir tha eachdraidh gu math fada is uasal aig an dòigh-teagaisg, a’ dol air ais còrr is ceud bliadhna) ach chanainn gu bheil na cothroman a tha an lùib a bhith ag ionnsachadh mar a chuirear air dòigh e (agus mar a bhios tu a’ seachnadh mhearachdan cumanta) cho math gum bu chòir dhuinn uile a tha an–sàs ann am foghlam Gàidhlig ar dìcheall a dhèanamh  ionnsachadh is a chleachdadh far a bheil e freagarrach. Cha bhi aithreachas ort.

– E

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach