“Is breá liom Gaeilge, ach airson mo chuid-sa, seach do chuid.”

Tha Marcas Mac an Tuairneir a’ toirt sùil air cealgachd is faclan gràineil mun Ghaeilge.

Air duilleagan air-loidhne an The Irish Examiner an-dràsta, leughadh alt le tòrr bharailean ach gun mhòran beachdachaidh air an robh ‘Is breá liom Gaeilge but we should dump it as a core subject’ is a chuir mar choinneamh, mar luchd-bruidhinn mion-chànanan air feadh saoghal-Twitter is an fhìor-shaoghail gu lèir, cothrom an duslach a shèideadh bho ar càirtean anti-[cuir a-steach mion-chànan, anseo] bingo. Leis a sin, fhad ’s is beag an ùidh aig a’ mhòr-chuid Albannach ann an suidheachadh a’ chànain Èireannaich, chì sinne, aig a bheil sùil gheur air riochdachadh na Gàidhlig is na Beurla Gallta sna meadhanan mòra, rudeigin as aithne dhuinn o shean.

Bha MacConaill, ‘National News Analyst of the Year’ a-rèir seanchais, gu math sgiobalta is na dheann ruith a-mach às a’ gheata le brath-naidheachd a bha cho gleusta ri còisir Ghàidhlig na sheannlachadh. ‘Is brèagha leam an Ghaeilge’, a dh’agair e (sa Ghàidhlig Èireannaich, nach lugha), ach…

Tha am facal ‘ach’ gu math suarach do luchd-bruidhinn nan trì cànanan Gàidhealach. ’S e fead-coin do dh’amharas ga thogail os cionn dligheachd ar cànanan fhèin, mar mhodhan conaltraidh co-aimsireil, is os ar cionn fhìn, nar coimhearsnachdan. Ach, tha siud, ceart gu leòr, ge-tà, oir tha MacConaill gu math daingeann gus cliù a dhìon, na dhuine laghach – ’s esan ar caraid as fheàrr, san dà-rìribh. Tron an alt, nì e iomradh glòmach air a cuid Ghàidhlig Èireannaich a tha aige fhathast, ann an dòigh air choireigin.

Air a’ char as lugha, tha MacConaill onarach leis nach ann aige-san a tha a chuid bheachdan ath-chuairtichte, bho thùs, a’ dèanamh luaidh air feallsanachd Mhìcheil Lewis, a bhuineas do tobar an eòlais chritigich Vanity Fair – chan eil is ’am cò e, nas motha – aig a bheil Beurla a-mhàin, a cheart cho dòcha ri Fraingis-sgoile is e a’ sgrìobhadh airson iris siùil-bheatha. Gun teagamh ’s esan an tùs as fheàrr nan sireadh tu anailis chànanan nam mursanach, ann an Èirinn, ge b’ e càite.

Gun sgot is gum faighear a’ mhòr-chuid den malaise ro dà- is trì-chànanachas dùthchasach air taobh a-staigh ar nàiseanan fhèin, tha MacConaill, a-rèir choltais, deònach an dearbh rud fhèin a thaisbeanadh is e deimhinnte gur iad seo “the sort of observations that only an outsider can make.” Chan eil na th’ aig Lewis ri ràdh, tro MhacChonaill, cho ùr-nòsach, an fhìrinn innse. “As there is no one in Ireland who does not speak English”, mar sin, “the vast majority […] do not speak Gaelic,” is e an dùil, a’ toirt dearmad air èifeachdas foghlam na Gaeilge do luchd-ionnsachaidh, ga chur air bhonn o seann-làithean na Poblachd. ’S e cuspair-sgoile, a tha seo is a tha air a’ bhith ga thoirt a-steach do chuiricealam ann an diofair roinneann siostam foghlam Èireann a Tuath, fad dheicheadan, cuideachd.

Gidheadh, bidh am measadh comas cànain aig Lewis a’ crochadh air càineadh, ag aithris, gun fhianais, ach tro a chuid eòlais, sealladh a tha tuilleadh is cumanta is nach bu choir an cànan nas laige (no air a lagachadh) a chleachdadh ann an roinnean-cànain fa leth – leithid riaghaltais, an-seo – mas ann is nach co-ionnan comas-labhairt sa chànan ‘eile’ ri comas-labhairt sa chànan ‘mòr’ is gun leigeamaid an cànan beag dhinn. A’ sparradh a’ bheachd ann an co-thaobhachadh aig suirbhidh de ghrunn do-shònraichte de Theachtaí Dàla, a dh’aideachadh “enough to get by” dhaibh. Tha blas gu math searbh air sgeulachd gainnead diomhagaid is dì-mhisneachaidh, nàire a tha gu math cumanta am-measg luchd-labhairt mion-chànanan. Gun teagamh, thigeadh comas nan riochdairean seo am feabhas agus leasachadh nan cothroman aca an cànan a chleachdadh, tarsainn raontan-shòisealta, an àite a bhith ga sheachnadh, fàth-chùl, ann am fora poblach.

Cumaidh Lewis a’ dol is e a’ faicinn tòcanais, rud, am barail MhicChonaill, a tha na “waste of time”. Neo-ar-thaing, a-rèir lèirsinn aon-chànanaich, no fiù ’s dà-chànanaich gun taic, bhiodh seo ga fhaicinn nàdarra, mur as e frìth-ghluasad a th’ ann, leis gu bheil an cruinne-cè fhathast ri bualadh droma ceannas na Beurla agus nach gann propaganda, a nì cinnteach is gum brosnaichear a’ Bheurla mar chànan adhartais, aonta is conaltraidh, thar chrìochan, is ga h-èigheachd thar mòr-thìrean fad linn na h-iar-cholonachd.

Is dòcha, a thaobh luchd-labhairt na Gàidhlig Èireannaich, aig a bheil i, mar chiad chànan, ann am mòran roinnean, no a thaobh luchd-ionnsachaidh, a rinn trèanadh gus an cuid fileantais a thoirt seachad air cúpla focail, gu bheil de bhriathrachas aca cheana gus na coincheapan seo a chur an cèill. Ach, a-rithist, ann an naidheachdas MhicChonaill, chìthear miann nan coimhearsnachdan sin ga chur air chùl feumannan na feadhna ris an canar a’ mhòr-chuid; feumannan don am bi a’ frithealadh gu ceart, le cinnt, aig poileasaidh dà-chànanach, mar thà. Nàile, a bheil feum sam bith aig neach-bruidhinn na Gaeilge fileanta air ràcadh faclan TD, sa Bheurla, is an teachdaireachd ga thoirt seachad sa Ghaeilge an toiseach co-dhiù?

Sa bhad, tionndaidhidh MacConaill air truaghanan bochda aig a bheil Beurla a-mhàin, is iad gan cur gun iomall, gan cluinntinn uile ann an guth an TD Mhìcheil Uallais, fad tachartais a tha fhathast ri fhaicinn air YouTube. Bidh MacConaill a’ dealbhadh Uí Cheallaigh an cruth Gaeilgeoir an bhastaird ghránna  is an dùil is gun gabh Uallas, a dh’aideachadh fhèin cion comas cainnte, ri goireas siostam-eadar-theangachaidh a dh’fhuraisteachadh a thuigse. Chan eil ach port mòr-àrdan Uí Cheallaigh aig MacConaill is e cho dàna roghainn cànan na Gaeilge a dhèanamh air Lá na Gaeilge fhèin, là ga aithneachadh aig ìre nàiseanta, gu seachd àraid air sgàth bruidhinn na Gaeilge a bhrosnachadh. Nach inntinneach is gach duine seach Uallas, sa bhidio, ri taisbeanadh làn chomas labhairte tron Ghàidhlig Èireannaich nach biodh fìù ’s an fheadhainn as spìocaiche a chàineadh mar “enough to get by”. Gu dearbh is an t-socair a bh’ air a’ chonaltradh a’ sruthadh eatarra a dhèanadh aragamaid shoilleir fhèin do thuilleadh Ghaeilge a chleachadh na mhodh oifigeil, nan cuirte buinn ri bathaisean a thaobh rùn pearsanta cànanach nan TD.

Do MhacConaill, bha tuilleadh ’s a chorr ann an iarrtas spèis is roghainn cànan aig Ó Ceallaigh, a bha ga chlaonadh na “high-handedness” agus “slap-down” fhad ’s is neach-labhairt cànain, aig a bheil inbhe oifigeil is nàiseanta ann an  dùthaich an neach-labhairt fhèin, a chaidh a chaoin-chronachadh a-rithist is air sgàth mì-ghoireas adhbharachadh do chuid a dhiùltas le brag buannachd nan cothroman a tha roimhe a ghabhail, is rud mòr no beag ionnsachadh, gus an Gaeilgeoir a choinneachadh, letheach an t-slighe bhuaithe.

’S mì-riatanach is mì-fhreagarrach na buillean a bheir MacConaill, gu fosgarra, don TD Sinn Féin Mary Lou McDonald, is a sean-cheannard, air sgàth an cuid chomasan cainnte, ge-tà, is e a’ leantainn air, is staitistigs na chois, a’ cur rudan an cuimhne mhion-choimhearsnachdan as aithne dhaibh, gu bràth, cheana: gur e mion-choimhearsnachdan a th’ annta. A bharrachd air son, leasaichear an argamaid, agus MacConaill a’ dol air ar n-aghaidh is nach losgamaid e air grunnd dearg Ìfrinne e, mar a dh’iarradh e maitheas buidhne shòisealta a chaidh iomallachadh, mu thràth. Nach b’ àill linn is e ri sgrùdadh ar còirichean daonna ar cànanan a chumail suas?

Le grad-mhìneachadh air a cuid amadais mhisgich, far an robh eadar-dhealachas cànanach gu math cudromach romhpa-san a bheireadh blas mòr-chuid na Beurla, no fiù ’s Shasainn, air, chan fhaic e an tòcanas a bha e cho sgiobalta a’ càineadh earrann no dhà air ais ann am beòil chàch. Gu dearbh, tha buannachd ann an cànan a-nis, fhad ’s a tha e eadar a bhilean fhèin. Ach air feabhas ar faux ami, nach daingeann a roghainnean pàrantach le pais an ìoranais:

“We have sent our daughter to a brilliant gaelscoil.”

A-nis is rùsgte freumh uil-fhiosrachd. Nach gabh MacConaill mo leisgeul is a bheachdan a’ cur car nam shròin, an-seo ann an Alba, far as aithne dhomh pàrantan eile, a bhios a’ fuireach ann an sgìrean ùghdarrasan ionadail is a chaidh a dhiùltadh is an iarrtasan dligheach laghail do dh’fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig do an cuid chloinne. Tha fàileadh sochair rogha air anail MhicConaill is a’ bruidhinn, gun teagamh, ga thàladh le bileagan fiosrach ag àrd-mholadh foghlaim dà-chànanaich, leithid bhios gan sgaoileadh gu fialaidh le buidhnean mar Bilingualism Matters, air cladaichean ceanalta.

A-rèir BilingualKidSpot.com:

Studies show that being bilingual has many cognitive benefits. According to research, speaking a second language can mean that you have a better attention span and can multi-task better than monolinguals. This is because being bilingual means you are constantly switching from one language to the other. Numerous other studies suggest that bilingualism can also reduce the risk of having a stroke.

Mealamaid naidheachd nighean MhicChonaill. ’S cinnteach is gun tlachdmhor a cuid leasachadh cànain fhaicinn, ro a h-athair, nach coimhead sinn air ais air a’ bhrath-naidheachd, far an cuireadh guth ri guthan eile an t-sluaigh a lagaicheadh is a chuireadh às, tà, cothroman do chloinn eile a shireadh cothrom na Gaeilge.

Tha MacConaill gu mòr ri measadh cruaidh a thoirt air oidhirpean luchd-teagaisg foghlaim do luchd-ionnsachaidh air feadh na Poblachd. Ge b’ e an “calamitous failure” a bheireadh e air a cuid obrach tha e balbh ron tsunami maireannach ris a bhios iad – agus tidsear ìghne fhèin – a’ strì, agus sìor-cheannas na Beurla ga chur an taca ri sgallais chunbhalach sna meadhanan mòra. Feumaidh gu bheil fealla-dhà aca uile air oidhche nam pàrant.

Toireamaid sùil air cothroman Ní Chonaill òige, ge-tà, agus an àrainneachd Ghàidhealach far am bi i beò. Gheibh clann Èireannach buannachd suidheachadh far a bheil an cànan Gàidhealach fada nas so-fhaicsinneach is tarraingeach, taobh a-staigh cultar na h-òigridh, an coimeas ris an t-suidheachadh an-seo. Bidh leithid TG Lurgan ri obair ionmholta, a’ togail drochaid eadar cultar pop is Beurla is cànan nan deugairean, far an robh na ceudan de dh’òigridh air an toirt tron t-siostam is a tha air an dlùth-cheangail ris a’ bheatha dhà-chànanach aca, tro chànan a tha ga fhreumhachadh nan taighean is dearbh-aithne. Air sàillibh na fuaime mòire air YouTube, tha TG4 air sreath de thagraidhean seinn Ghàidhealaiche a chur gu Comórtas Eurofíse nan Òigridh (chan eil de Ghàidhlig cheart air, fhathast!) a’ dèanamh fìor thaisbeanadh, sa chiad dol a-mach, nach eil an cànan na cnap-starra do chothrom no soirbheachas, ach slighe air adhart, agus gum faicte is gum faicear an cànan is spèis is co-ionnanachd gan toirt dha, air àrd-ùrlar eadar-nàiseanta. Tha iad a’ cruthachadh deagh eiseamplaran de dhaoine a tha an dà chuid eiseamplarach is so-ruigsinneach.

Is dòcha gun toireadh MacConaill for is nach iad “die hards” a th’ anns a’ chloinn sin, no is nach tigeadh am pàrantan “from their high perch and accept reality”. A-rèist, a-rèir MhicChonaill, ’s iad luchd-bruidhinn is luchd-iomairt as coireach, iad a bhios ag obair gu saor-thoileach, is nach tàinig piseach ath-leasachaidh air a’ chùis. Seo uile gun luaidh air rùn coimhearsnachdan Gàidhealach is na shireadh iad a-rèir feuma is dàn a chur romhpa fhèin.

Tha e gu math duilich taghadh foghlam MhicChonaill dha cuid fhèin a chur a cho-thaobhachadh ris na tha, na bhriathran fhèin na “colossal waste of time and inconvenience” do chàch. Cha dèan an t-alt taisbeanadh ach air a chion eòlais air clann le Gaeilge aca bhon ghlùin, air na Gaeltachta, no na bhios a dhìth orra, no fiù ’s feadhainn eile, a’ gluasad a-steach no eadhon a-mach às na sgìrean sin, gan seirbhiseachadh nas fheàrr le cothrom ionnsachaidh, mus cuir iad romhpa, is an toil fhèin, nach i a chuid-sa a bhruidhinn.

Mar sin, gus an argamaid a chothromachadh, nì MacConaill an taghadh sgaiteachail, a’ sònrachadh na sgìre aig a bheil as lugha de luchd-bruidhinn – Cathair-bhaile Àth Chliath – le dìochuimhne roghanach a’ cur bacadh air aithneachadh is gur ann an-sin far a bheil tòrr bhuidhnean Nàiseanta – Conradh na Gaeilge is Foras na Gaeilge, am measg iad aig nach eil fòcas cànanach – a tha ann gus seirbhis a thoirt don phoball uile, luchd-labhairt na Gaeilge gan toirt leis. Chan eil sgeul air luchd-bruidhinn ionadail na Gaeilge, iad-san a chleachdas an cànan gu làitheil, no orra-san a thig fhuireach sa bhaile, leis còir dhligheach laghail a dhol an sàs ann an siostam na seirbhise shìobhalta is poilitigeach, tro mheadhan na Gaeilge, ge b’ e cò às a tha iad no an sgìre far a bheil iad an-dràsta. Tha an aon choir aca an cànan fhaicinn gu cothromach is gu so-fhaicisinneach air sanasan, cuideachd.

Làmh riutha bidh truaghanan luchd-turais fon phrosbaig. Iad-san, gun dabht, a bhiodh cleachdte ri dà-chànanachas dùthchasach fhaicinn air soidhnichean is tro mheadhan òirneis nàiseantais. Iadsan a bhiodh dìreach claoidhte aig àite a’ bhus, clàr-bhusaichean Ghaeilge nan làmhan, balbh le frionas gun duine air an iarradh iad eadar-theangachadh sgiobalta, ge b’ e dè cho mì-choileanta a bhiodh e. Grad-naidheachd a-nis is “98%” dh’iadsan a shiùbhladh am bus is iad an dùil nach cleachd iad a’ Ghaeilge, ged a chleachdas le cinnt. Ma shiùbhlas iad gach là, gheibh iad nòisean dinn-seanchais, na log-ainmean so-thuigse gu leòr dhaibh tro osmosis. Nach cleachdadh a th’ ann an cluinntinn is tuigse air choireigin, co-dhiù?

San dealachadh, meòraichidh MacConaill, “the language serves little or no practical purpose in the primary running of the State, except on ceremonial occasions,” a chuir a thoinisg fhìn ri car-a-mhuiltein, far an dean e tomhas air Gaeilge a thoirt às an t-siostam foghlaim Èireannaich, is air feadh na dùthcha – cothroman faotainn mì-fhoirmeil ann no às – na adhannaiche oireachadh ginealaich slàn de dh’òigridh, agus snuaidhean bunaiteach glaste bhuapa, uidheaman stàiteis is batha phoblach nam measg, ach coma leis iad iad “ceremonial” (co-fhacal eile tòcanais).

’S i a’ bhuille-bàis a th’ anns a’ chomhghar phuinnseanta eadar toirt eachdraidh is cruinn-eòlas a-mach às a’ chuiricealam nàiseanta, rud nach do chord ri duine sam bith, agus ceist maireannachd foghlam do luchd-ionnsachaidh na Gaeilge. Leis a sin is an dà rud gan cur an aghaidh a chèile, cha mhòr nach tèid MacConaill cho fada ri ràdh is gur iad Gaeilgeoirí òga, no òigridh ga h-ionnsachadh, as coireach, nan ceapan-coireachaidh poileasaidh mì-chomhairleach an riaghaltais. Ach, ma ’s e is gun deach gach pàiste tro cheithir bliadhna deug de dh’fhoghlam is iad nan “niche”, feumaidh gur e niche de mhuilleanaran. Seach mar a tha MacConaill, cha chluinn sibh bìog agam, air rèisean-aire is buileachadh pearsanta dh’iadsan a bhios ann an clasaichean a’ chuspair mu làr ach aig cridhe a’ chuiricealaim.

Ma ’s e is gum mair a’ Ghaeilge mu làr, is dòcha gum faiceamaid i cho àbhaisteach am measg co-luadair is gun seachaineadh air dhi. Gun coisich iad aig nach eil i seachad orra-san a bhios ga bruidhinn, san t-sràid, gun dragh a’ choin, gun ùidh nan còmraidhean prìobhaideach. Gum mothaich iad nach ann air an son-san a tha craoladh sa Ghaeilge, cèadamas, ach gu bheil fàilte romhpa fo-thiotalan a leughadh mus dèan iad iomlaid nan seanailean, gu an riar.

Thig MacConaill gu crìoch le sluagh-ghairm rogha, anns an cluinnear sgread cothruim neo-ionnain, a’ fairtleachadh a thoirt fa chomhair innntinn na smachd a th’ acasan agus cumhachd nan làmhan, air ar cuid rogha fhèin. Gum faicear ann am buinnsealan rannsachaidh mion-chànanan, gun dèanar taghadh a’ chànain mhòir, gu do-sheachnaichte, agus dlùth-chruinneas is malairteachadh san amharc, seach an rud fillte foghainteach air leth. Gun fhiosta dheth tro chion fhoghlaim a dhèanadh mothachail an fhìrinn dheth, aig an fhìor chridhe.

Co-dhiù, ged a thaghadh e Gaeilge dha nighean, ’s e an aon chànan a b’’ fheàrr leis “consigned to the marginalised status that it holds”. ’S e rud mòr iongantach a bhith ri miann do nighean fhèin iomallachadh is i air fileantas a ruighinn tron Ghaelscoil, ach nach lèirsgriosail, dì-mhisneachail is neo-deamocrach is sin nad mhiann do cloinn cuid eile. A chothroman a lughdachadh eachdraidh is cultar a nàisein fhèin, tro a cànan tùsail fhèin. Gum biodh glasadh cainnte oirre, ro gach rud a dh’ionnsaicheadh, as Gaeilge, nuair a thig an àm sin a chur an cèill, feumannan, dèidh is dàn an là ri theachd ron daoine fhèin a chaidh a thaghadh gus an riochdachadh.

Bhiodh e ceart cho math do MhacConaill a bhith ag aithneachadh, fhad ’s nach sgaoilte fhathast a’ bheachd ann an sgrìobhadh no ann am foillseachadh, gur e ionnsaigh e còirichean daonna de chànan is foghlam a th’ ann, is gu bheil e na soirbheas do lasair grain-Ghaeilge, a tha tuilleadh is soilleir air loidhne. Ach, ’s e rud suamhaid am faicinn air na sràidean, mura cuir sinn air fògradh e, mar a tha lèir leòr air an Tuaisceart.

Ann an Alba, ’s aithne dhuinn an suidheachadh seo, le gainnead bhuill pàrlamaid is Pàrlamaid na h-Alba aig a bheil a’ Ghàidhlig is tuigse ghlan air na tha mion-choimhearsnachd a dhìth. Nas gainne fiù ’s iad comasach Gàidhlig a cleachdadh ann an siostam Westminster, le mac-talla balbh ann am Pàrlamaid an Ròid, seach nuair a chluinneas guth cor na Gàidhlig fhèin. Tha gainnead, cuideachd, de luchd-teagaisg a dh’fhreagradh miann ar cànan ionnsachadh, ged nach gann sam bith iad air saoghal an acadamaidh, a chàineadh mì-chomas is cion trèanaidh. Le sin mothaichear guth cas-bhàrdachd ceanalta ag iadhachadh thar Sruth na Maoile. Tha alt MhicChonaill grànnda gu leòr, sa chlò, ge-tà, leis an ‘I’m alright, Jack’. Sin duine a ghrèimicheadh cothrom leis an dàrna làimh is a ghoideadh bho chuid eile leis an làimh eile. Ach, a-rithist, tha seo ri fhaicinn ann am pàipearan naidheachd nàiseanta is thar chrìochan tha sinn cleachdadh ri drannd an duis. Mar a chanamaid, sa Ghàidhlig, nach paisg e a phìob, ge b’ e is ann le uilinn no le blas nan Garbhchrìocha a chluicheamaid i.

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach