Is mise Alannah Pheutan

Is mise Alannah Pheutan

Is mise Alannah Pheutan

Tha Alannah air ais còmhla rinn – ann an iomadh seagh – gu h-àraidh as dèidh dhi mearachd mhòr a dhèanamh air FaceyB o chionn ghoirid… leugh tuilleadh an-seo.

Tha mi an còmhnaidh a’ smaoineachadh air cho fortanach ’s a tha e gu bheil mi a’ toirt orm fhìn a bhith a’ gaireachdainn fad an t-siubhail.  Alannah Pheutan – deagh laugh, abair spòrs, 10/10.  Ach chan eil mòran nas fheàrr na a’ toirt air daoine eile a’ gaireachdainn, is bidh mi airson seo a dhèanamh gu tric.

Is ’s e sin a bha mi airson dèanamh air an 14mh den Giblean, ach cha robh fhìos agam air na trioblaidean a bha gu bhith agam leis an dol-a-mach èibhinn seo.  Rinn mi mearachd, mearachd mhòr. An oidhche a chaidh Alannah Pheutan na tè Albannach le ainm Èireannach, Niamh Ní Cianain.

Seo mar a thachair e.

As deidh botail fìon no trì aig flat mo charaid agus sinn a’ cluich Ring of Fire, chaidh mi dhachaigh dhan flat agam fhìn is shuidh mi air an t-sofa: chlisg mi.

“’S è cò la breith mo charaid Niamh a th’ann a-maireach, nach bhiodh e eibhinn nan atharraichinn m’ainm air Facebook gu Niamh Kinane cuideachd, gus an urrainn dhomh cantainn. – Happy Birthday, From one Niamh Kinane to another – O mo chreach, comadaidh òr.”

Tha m' ainm air atharrachadh air ais a-rithist - taing gu sealbh!

Tha m’ ainm air atharrachadh air ais a-rithist – taing gu sealbh!

Dh’ aontaich a h-uile duine, (agus le sin tha mi a’ ciallachadh mise, mo charaid a bha gun aithne air an t-sofa agus am postair de Ryan Gosling a tha agam sa chidsin) is mar sin, dh’ atharraich mi m’ainm, is chuir mi suas am post, 30 likes neo na loves neo na hahas fancy a tha aca a-nis, ach no biggie: Dihaoine àbhaisteach ann am beatha Alannah Pheutan. Ceann goirt gun aithreachas. Beezer!

Sin i, Alannah air ais le fealla-dhà.  Abair deagh lols.

Cha b’ e.  Cha b’ e abair deagh lols a bh’ ann idir.  As deidh na giggle a fhuair mi, chaidh mi air ais airson m’ ainm atharrachadh a-rithist gu “Alannah Beaton”, mar a b’ àbhaist.

taigh na ga....

taigh na ga….

60 latha? An robh Facebook a’ tarraing asam?

Cha robh.  ’S e an fhìrinn a bh’aca, cha robh cead agam m’ ainm atharrachadh a-rithist airson 60 latha. Tha daoine a’ pòsadh is a’ sgaradh ann an 60 latha, ach tha e soilleir gu bheil Facebook coma mu na truaghain sin.

Bha agam ri fuireach air Facebook mar Niamh Kinane airson barrachd na dà mhìos.  Fhuair mi friend requests neònach, bha mi tagged ann an dealbhan ceàrr, fhuair mi teachdaireachd bho m’ antaidh Susie – cò??? Chaill mi caraidean air Facebook air sgàth ’s nach robh fhios aca cò bh’annam.

Bha mi a’ fulang ris na trioblaidean seo o’ chionn ’s gun robh mi airson beagan fealla-dhà.  Is as deidh beagan smaoineachadh dh’ aontaich mi nach robh e fiù ’s èibhinn. Bha aig an oinseach Sgitheanach seo ris an dealbh a chunnaic sibh aig mullach an artagail seo a chur suas gus nach cailleadh i a cuid charaidean!

Gu fortanach tha cùisean air ais mar bu dual a-nis.  Is mise Alannah Pheutan, agus is e Alannah Pheutan a bhios orm fad mo bheatha.

 

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach