Johan Cruyff | 1947 – 2016

Johan_Cruyff_1974c

Tha Johan Cruyff – an draoidh ball-coise, ’s mathaid an sàr-dhraoidh – air siubhal aig aois 68.
Choisinn e duais Ballon d’ Or trì tursan agus dhùisg e macmeanmna òigiridh thar nam bliadhnaichean.

Fear feallsanachail, bidh Cruyff ga chuimhneachadh airson a’ chleas dhan tug e ainm “tionndadh Chruyff” far an robh e a’ tarraing a chois tarsainn a’ bhuill agus a’ mealladh a’ chluicheadair-dion. Bhuinnig e am Ball Òr aig Cupa na Cruinne sa Ghearmailt ann an 1974 far an do chaill an sgioba Duitseach aige ri sgioba Bheckenbauer. Gu mì-fhortanach, ’s e bagairtean foirneirt a chur stad air a dhol gu Argentina ann an 1978 far an do chaill na Duitsich uair eile dhan dùthaich a bha a’ cùmail na farpais, ann an geama a bha fo amharas de dh’fhoill on a chluicheadh e.

Ach cuideachd, tha a dhileab ri fhaicinn anns an t-soirbheachas a tha air a bhith aig an Olaind, ach buileach nas motha anns an Spàinn, ach gu h-àraidh ann an Catalonia far an do choisinn e cliù le Barcelona agus a chur gu mòr ri dualchas na sgioba ud. Is e mac Chatalonia a bh’ ann – thug e “Jordi” no Seòras air a threas mhac – Naomh na Dùthcha – aig àm far an robh casg aig Franco air samhlaidhean Catalonianach sam bith. Chluicheadh Jordi fhèin airson Manchester United san naochadan.

Bha buaidh Cruyff a’ sineadh thar nan Cuantan – chluich e ceithir bliadhnaichean ann an Liog Ameirega a Tuath ach ’s e ceangal pearsant a dh’adbhraich gun robh meas mòr aig an Ollamh, Rob Dunbar air Johan nuair a bha e a’ fàs an-àird ann an Ontario, “Nuair a bha mi nam bhalach an Toronto, b’ e mo charaid a b’ fheàrr Rob Schormans — ’s e mo charaid as fheàrr gus an latha an-diugh! — agus ’s ann às an Olaind a bha a pharantan. An 1974, bha iad uile air am beò-ghlacadh le sgioba na h-Olaind agus, gu sònraichte, le Cruyff. Bhiomaid a’ coimhead geamaichean Cuach na Cruinne, agus bha mo charaid agus a theaghlach cho moiteil às a’ bhall-coise eireachdail a chluich iad. Bha m’ athair na shaighdear Canadach san Olaind san darna chogadh agus bha meas mòr aige air muinntir na dùthcha agus air sàillibh sin, bha e-fhèin a’ toirt taic dha na Duitsich; gu dearbha, bha mi riamh mothachail air cho làidir is a bha ceanglaichean eadar an dà dhùthaich againn. Carson, ma-tha, nach toireadh balach Canadach taic ris an sgioba agus ris a’ chluicheadair mhiorbhaileach sin?’”

Thuirt eòlaiche ball-coise nan Eilean Siar, Coinneach MacLeòid, “’S e fear dha na cluichdearan ball coise a b’fhèarr a bh’ann a riamh. Chan e mhain cluicheadair ach coidse soirbheachail aig Ajax agus Barcelona, agus còmhla ri Rinus Michels ’s iad a stèidhich “Total Football”, a chaidh fheuchainn an toiseach aig Ajax gu soirbheachal aig toiseach na 70an, agus a lean sgiobanan eile. ’S ann glè ainneimh a chì thu cluicheadeir a bh’ air a mheas mar “world class” a bha cuideachd na mhanaidsear soirbheachall. Tha ball coise na h-Olaind chun an latha an diugh air a stèidheachadh air feallsanachd Michels agus Cruyff. Latha duilich do bhall choise.”

Bheir sinn an tiomnadh mu dheireadh don neach-leantainn ball-coise, Coinneach Caimbeul, a tha a’ cur an cèill Cruyff ann an tri facail, “duine snasail grinn”.

Gliocas Johan – “Ma bha mi airson gun tuigeadh tu, bhithinn air a mhineachadh na b’ fhèarr.”

Bundesarchiv Bild 183-N0716-0314, Fußball-WM, BRD - Niederlande 2-1.jpg
By Bundesarchiv, Bild 183-N0716-0314 / Mittelstädt, Rainer / CC-BY-SA 3.0, CC BY-SA 3.0 de, https://commons.wikimedia.org/w/index.php?curid=5665487

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach