Duanag a sgrìobh mi nuair a bu chòir dhomh a bhith a’ lìonadh m’ aithris-chìse. (Dealbh le GotCredit)
Chagainn bliadhna eile orm
Is thilg i a mach mar smugaid mi
Air aghaidh na Bliadhna ùir
Lom Nollaig mo phòcaidean
Bhogaich Callainn mo cheann
Là breitheanais a’ fantainn orm
An là nach gabh sheachnadh
Do na h-amadain air an cinn fhèin
Ceann-là deamhnaidh an tax return
Dh’armaichinn fhèin le na figearan
Is chuirinnsa aghaidh air mo nàmh
Fear nan cìsean is tuagh aige na làimh
Ach, nuair thruis mi na pàipearan
Bu truagh an arm mo chunntasan
Is iad làn tuill is uireasbhaidhean