‘La Survivance’ | Sgeul nan Canadach Frangach an Sasainn Nuadh a Deas

‘S e ‘Journée internationale de la Francophonie’, air neo, ‘Latha eadar-nàiseanta na Frangachd’ a th’ ann san 20mh den Mhàrt. Tha Liam a’ toirt sùil air sgeul ‘La Survivance’ – an strì airson mairsinneachd a’ chultair ’s na cànain – ann an Sasainn Nuadh a Deas agus a’ bruidhinn ri fear, Michael MacÀdhaimh, a tha a’ togail bratach na dìleibe.

Muilnean-cotain ’s mòr-imrich

Calanas a' chotain | © RIHS

Calanas a’ chotain | © RIHS

Anns na 1790, thogadh muileann ri thaobh srath Abhainn na Cloiche Duibh san Eilean Ròdach airson calanas a’ chotain, agus le sin, thòisich An Tionndadh Gnìomhachais ann an Aimeireagaidh. Thar nam bliadhnaichean, chaidh an gnìomhachas am meud agus bha na factaraidhean a’ cur feum air tuilleadh luchd-obrach.

Bha iarrtas mòr air Frangaich Chanada sna factaraidhean mu dheas oir dh’obraicheadh iad gu cruaidh fad uairean a thìde agus bhiodh e furasta brath a ghabhail orra, leis nach bruidhneadh iad a’ Bheurla.

Cuideachd, ann an Canada, bha an sluagh cho dlùth air an dùthaich, agus siostam roinn an fhearainn a’ buntainn ris na Meadhan-Aoisean, a’ fàgail nach robh cothrom aig an òigridh air baile fhaighinn dhaibh fhèin.

Chuireadh na companaidhean maoir gu ruige Québec agus Acadia gus na daoine a thàladh a-nuas chun nam muilnean. Agus thàladh, nam mìltean. Eadar 1840 agus 1930, dh’imrich timcheall air 900,000 Frangach gu deas. An ùine nach robh fada, bha bailtean ann an Sasainn Nuadh cho làn Chanadaich ’s cho Frangach nan dòighean ’s gun abradh ‘Canadaichean Beaga’ orra.

B’ e Woonsocket (RI) aon de na h-àitean a bu Fhrangaiche ann an Sasainn Nuadh gu lèir agus timcheall air 60% den t-sluagh iomlan a bha nan Canadaich Fhrangach. B’ ann tearc nach robh baile-muilne san sgìre anns nach robh co-dhiù cairteal den t-sluagh a’ bruidhinn na Fraingis aig beul an 20mh linn.

 

An Canadach Frangach a’ dol Ròdach

Ach san sgìre mu dheas, cha bhiodh an fhàilte cho blàth an uair a ruigeadh iad agus mì-rùn nan Sasannach a’ cur orra. Corra uair, bhiodh prasgain gam feitheamh bhàrr nan treanaichean. ‘S an uair sin, bhiodh na Frangaich cho dlùth air am bailteachadh ’s gun tugadh ‘Sìonaich an Taobh Tuath’ orra. Bha na Sasannaich a’ smaoineachadh orra mar daoine ìosal, coltach ris na Métis Acadianach agus tùsanaich an àite.

1525257_302458323245187_510908802_n

Bhiodh Gàidheil is Frangaich a’ pòsadh a chèile tric | ‘French Canadian in New England’

Ach, mì-choltach ris an t-suidheachadh ann an Canada, cha b’ e ach crìonadh a bha mu choinneimh Fraingis Shasainn Nuaidhe.

Cha b’ iad na Frangaich na h-aon seòrsa dhaoine a dh’imrich gu Sasainn Nuadh a Deas san 19mh agus an 20mh linn. A cheart cho math riutha, bha Èireannaich agus Eadailtich gu mòr air an riochdachadh sna bailtean Ròdach. Le sin, bha an sgìre fada na bu ioma-chànanach na tha i an-diugh. Ach, bha aon rud gan ceangal, agus b’ e sin an creideamh Caitligeach. (Tha an t-Eilean Ròdach an stàit a bu Chaitligiche sna Stàitean Aonaichte fhathast air an latha an-diugh.) Thar nam bliadhnaichean, phòs iad a chèile agus shìolaich an Fhraingis aiste.

Bhiodh cuid a’ feuchainn ri bhith a’ cleith an àireamh de Fhrangaich sna bailtean. Tha sgeulachd ann gun d’ fhuair sagart ann am Fall River (MA) bàs aig làmhan an t-sluaigh san 19mh linn airson a bhith ag atharrachadh sloinnidhean ann an clàran na h-eaglaise. Tha sloinneadh cumanta ann an Sasainn Nuadh ‘Bourque’; chan e sin ach an sloinneadh Èireannach ‘Burke’ air a fhrangachadh. B’ ann a nochd an t-ainm an toiseachd ann an Canada nuair a thòisich na h-Èireannaich a’ bruidhinn na Fraingise. Co-dhiù, fhuair an sluagh a-mach gun robh an sagart seo ag atharrachadh ‘Bourque’ air ais gu ‘Burke’, airson an àireamh cheart de Chanadaich fhalach na pharraist, agus chaidh a chlachadh gu bàs.

 

French_in_the_United_States

Àireamh sa cheudad de luchd-labhairt na Fraingise | © Creative Commons

Fraingis Shasainn Nuaidhe

Bha taobh an ear Chanada gu mòr air a thuineachadh le Frangaich bho shean, agus am measg na Beurla, na Gàidhlig, agus cànanan tùsanach, bha an Fhraingis làidir bho chionn fhada ann.

B’ ann an 1759 a chaill An Fhraing sealbh air Québec nuair a ghlèidh feachdan Breatannach ‘Blàr a’ Bhaile Québec‘. Bhon uair sin, tha Fraingis an Taobh Tuath air a bhith sgaraichte bho Fhraingis na Frainge agus tuineachadh Frangach air sgur gu mòr. Thathar an-diugh ag ràdh ‘Fraingis Voltaire’ gu neo-fhoirmeil ris an t-seòrsa cainnte a th’ aca an Canada agus Sasainn Nuadh leis cho seann-fhasanta a tha i an taca ri Fraingis na Frainge.

Leis gun d’ imrich na Canadaich Fhrangach à Québec agus Acadia, ’s e sin an Fhraingis as dlùithe rithe fhathast. Air an latha an-diugh, ’s e Fraingis Shasainn Nuaidhe aon de trì seòrsaichean den Fhraingis a thàrmaich sna Stàitean Aonaichte. Agus tha i na mion-chànan ann an cunnart.

Chaidh Liam a bhruidhinn ri fear, Michael MacÀdhaimh, aig a bheil Fraingis Shasainn Nuaidhe fhathast, agus Michael a’ gàireachdainn nuair a their e, ”s dòcha an aon duine fo aois 70 aig a bheil i!’

‘S e ath-ionnsachadh a rinn e, às dèidh dha oideachadh Fraingis fhaighinn san sgoil. ‘An dèidh dhomh Fraingis fhoghlam gu ceart, dh’fhairich mi gun robh an Fhraingis a bh’ agam nuair a bha mi a’ fàs suas am measg mo sheanar ’s mo sheanmhar a’ tighinn na bu nàdarra thugam.’

Dh’fhàs Michael suas ann an Acushnet (MA) is tha cuimhne aige air làitheachan òige agus cailleach (a bha na Forbaiseach) shìos an rathad a bhiodh a’ gairm càch gu dìnnear ann am Fraingis gach oidhche. ‘Bha sin neònach cuideachd leis gur e Rèiseamaid Ghlinne Garadh a loisg taighean nan daoine sin, Albannaich nam measg, ri linn La Guerre des patriotes an 1837.’

Mhothaich Michael, thar nam bliadhnaichean, don Fhraingis a’ sìoladh às a’ choimhearsnachd e fhèin. ‘Tha leantaileachd na coimhearsnachd às aonais na cànain gu math làidir san Eilean Ròdach. Chleachd ainmean sràidean agus Fraingis orra an-seo; Rue Duncan mar eisimpleir ann an New Bedford. Tha mi gu math brònach an dìleab seo fhaicinn a’ dol bàs.’

Tha ùidh mhòr aig Michael san Survivance, mar a th’ aca air an strì airson mairsinneachd a’ chultair ’s na cànain ann an Québec. Tha e airson ’s gun lean an dìleab an-seo. ‘A’ fàs suas sna 70an, bhiomaid a’ bruidhinn mun Survivance agus ‘la langue et la foi‘ – ‘a’ chànan agus an creideamh’, a b’ àbhaist a bhith air a chuimhneachadh leis a’ ghinealach roimhe. Fhuair mi tuigse air na rudan sin le bhith a’ fuireach lem sheanair ’s lem sheanmhair, tuigse nach d’ fhuair tòrr dem cho-aoisean sa cheathramh ginealach.’

‘Tha e doirbh leis nach bi na Canadaich a’ smaoineachadh gum bi Fraingis ga bruidhinn taobh a-muigh Chanada. Tha cuimhn’ agam aon fhear ris an do bhruidhinn mi nuair a bha obair agam ann am margaidheachd, agus bha mi a’ bruidhinn ris ann am Fraingis, agus ghabh e mòr-iongnadh, cha robh e a’ creidsinn gun robh Fraingis a’ mairsinn taobh a-muigh Québec.’

Bha Michael a’ foghlam na Fraingis san Fhraing sna 80an agus a’ dol a-nìos gu Québec gu math tric sna 90an. ‘Tha coltas gu math sean oirre ann an coimeas ris na th’ aca ann an Québec, agus coimheach gu buileach ris na th’ aca ann am Paras.’

‘Bidh mi a’ dol a-nìos agus bidh iad daonnan den bheachd gur ann à Brunswick Nuadh a tha mi, leis gu bheil a’ chainnt agam car coimheach. Ach bidh mi a’ cleith nan gnàthsan-cainnt agam orra, gun a bhith a’ dol cho fada a-staigh don dualchainnt agam fhìn nuair a bhruidhneas mi riutha. Bhiodh iad a’ gàireachdainn rium. Bidh iad ag ràdh ‘char‘ air ‘càr’ (‘voiture‘ san Fhraing), fhios a’d. Bidh sinne ag ràdh ‘machine‘, sin dìreach mar a thachair. Aon uair bha mi a’ bruidhinn mun obair-dhachaigh Fhraingis agam, agus thuirt mo sheanair rium nach robh ann an ‘voiture‘ ach carbad-eich! Tha a’ chainnt air a bhith sgaraichte fad ceud bliadhna. Bha mo sheanmhair à Acadia agus mo sheanair à Québec. Mar sin tha measgachadh agam ann, mar a bh’ aig tòrr an-seo.’

Ach tha dòchas aig Michael gun cuidich goireasan an latha an-diugh an luchd-labhairt mu dheireadh a cheangladh còmhla. ‘Uil, na làitheachan sa, chan eil Canada cho fad air falbh, agus tha mi ’n dòchas gum fosgail Facebook an gnothach.’

Tha Michael air làrach a chur air chois, ‘French Canadian in New England‘, gus naidheachdan agus seanchasan a sgaoileadh am measg an t-sluaigh. ‘Tha mi a’ mothachadh gu bheil ùidh ann aig na hotspots, Lewiston ann am Maine agus Woonsocket an-seo san Eilean Ròdach. Ach, bidh tòrr ag ràdh: ‘uil, ’s urrainn dhomh a bruidhinn, ach chan urrainn dhomh a leughadh’, agus bidh sin ga dhèanamh doirbh.’

 

A’ speuradh

‘S e speuradh aon sgaradh eadar Fraingis na Frainge agus Fraingis Chanada agus Shasainn Nuaidhe, tha Michael ag innse dhomh. ‘San Fhraing, tha speuradh a’ cur fhaclan mu chàc no feis gu feum, mar a nì iad sa Bheurla. Ann an Canada agus Sasainn Nuadh, tha na gnàthasan uile a’ beantainn ris an Eaglais. Chanadh tu ‘calisse‘ (cailis) nuair a dh’fhàsadh tu feargach agus tu a’ dràibheadh.’

‘Tha faclan eile ann, leithid ‘tabarnak‘ (pàilliun) agus ‘hostie‘ (bannag an òrduigh), daonnan air a ghiorrachadh gu ”stie‘. Bidh iad air an cur còmhla ann an abairtean leithid ‘osti de tabarnac de calice‘ (bannag dhe pàilliun dhe cailis). Gu h-inntinneach, gabhaidh an abairt ‘un ‘tit chrisse‘ (bana-Chrìost bheag) dà chiall – boireannach teth air neo dearg ghalla, a-rèir an co-theacsa.’

‘Aon chuimhne bhom òige a tha geur, ’s e gun robh sgaradh ann eadar Fraingis mo sheanar agus Fraingis mo sheanmhar. Theireadh an seanair am fìor mhionnan, ach theireadh an seanmhair rudeigin na bu mhodhaile: ‘tabarnak!‘ (‘pàilliun’, bho sheanair), ach ‘ta brouette!‘ (‘bara-cuibhle a th’ annad’, bho sheanmhair); ‘maudite-toi‘ (‘mallachd ort’, bho sheanair), ach ‘mutarde-toi‘ (‘mustard a th’ annad’, bho sheanmhair).’

‘Ach tha seo a’ tòiseachadh a’ fàs car ceòthach, an sgaradh eadar na thog mi nam òige air taobh a-muigh Chanada agus na thog mi am measg nan Québécois.’

 

– Liam Alastair Crouse

Taing mhòr do Mhichael MacÀdhaimh a rinn agallamh leam agus a thug am fiorsachadh dhomh.

FacebookTwitterGoogle+Roinn

One thought on “‘La Survivance’ | Sgeul nan Canadach Frangach an Sasainn Nuadh a Deas

  1. Mura h-eil sibh air a leughadh mu thràth, mholainn gu mòr Un Jacques Cartier Errant / Jacques Cartier Discovers America (ri fhaighinn bho University of Maine Press), cruinneachadh de dhealbhan-chluiche air an sgrìobhadh le Grégoire Chabot, sgrìobhadair Frangach-Amaireaganach à Maine. Tha a’ chiad fhear, gu h-àraid, gu math cumhachdach/èifeachdach mar dhealbh-cluiche a bheir sùil air an t-survivance. Ged a chaidh an dealbh-cluiche a sgrìobhadh sna 70an, tha na th’ aig Chabot ri ràdh fhathast cudthromach do choimhearsnachd mhion-chànanach sam bith, nam bheachd-sa, agus tha na their e ann an ro-ràdh an leabhair gu math cudthromach, cuideachd — tha seantans sònraichte, “Un avenir ne se conserve pas” air mòran buaidh a thoirt orm fad ’s a bha mi a’ sgrìobhadh mo thrachdais fo-cheum mu dheidhinn litreachas Gàidhlig na h-Albann Nuaidh.

    Tha documentary inntinneach gu dearbh ann, cuideachd, a chaidh a dhèanamh le Ben Levine (à Maine, cuideachd) mu dheidhinn eachdraidh nam Frangach-Amaireaganach agus mu dheidhinn na coimhearsnachd san latha an-diugh, Reveil: Waking Up French in New England — chan eil mi cinnteach, ach tha cuimhne agam gun robh ro-shealladh no dhà dheth air YouTube o chionn cuid de bhliadhnaichean, co-dhiù.

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach