Laoch na Gàidhlig air chall

Seo agaibh cunntas math, ùidheil le Alasdair Paul mu dheidhinn Gàidheil Arainnich o shean agus air nach eil mòran iomraidh ga dhèanamh na làithean sa — Uilleam MacGilleSheathanaich.

macgillesheathanaich

Tha sinn uile aig a bheil ùidh ann an Gaidhlig, eòlach air ainmean mòra a’ chànain, leithid Dwelly, Alasdair MhicGilleMhìcheil agus Dhonnchaidh Bhàn Mhic an t-Saoir. Chan urrainnear dhol às àicheadh gu bheil an leithid-san airidh air an cliù a chosg iad air sgàth na chuir iad ri brosnachadh a’ chànain is nan clachan-mìle a stèidhich iad air rathad toinnte eachdraidh na Gàidhlig. Ach falaichte fo sgàil nan gaisgeach seo tha gu leòr eile ann aig a bheil àite sònraichte ann an eachdraidh a’ chànain.

Is e fear dhiubh, Uilleam MacGilleSheathanaich. ‘S ainneamh a chluinnear ainm an-diugh ach ’na latha anns an 18mh linn, bha buaidh mhòr aige air cor na Gàidhlig. ‘S iad dà chlach-mhìle na Gàidhlig a thog esan; a’ chiad ghràmar Gàidhlig agus a’ chiad fhaclair Gàidhlig (ceud bliadhna ro linn Dwelly). Cha bu shuarach na rudan sin!  Ach ’s e an rud as inntinniche mu a dheidhinn, ’s dòcha fìù ’s nas motha na an obair a rinn e, an iomadh car a thug a bheatha agus fhortan a shamhlaich caractar nan Gàidheal agus mar a chaidh a mheasadh leis na Goill.

Ghabh mi-fhìn ùidh anns an duine sa a chionn ’s gur e àite àraich an t-àite far a bheil mi a’ fuireach, sin Eilean Arainn, agus bha mi air mothachadh don ainm aige a’ nochdadh ann am foillseachain mu eachdraidh an eilein an-siud ’s an-seo. Dh’ionnsaich mi gun d’fhuair e togail iriosal ann am baile beag air taobh an iar an eilein dom b’ainm Clachaig far an do rugadh e ann an 1749. Tha an t-àite an-diugh cho sàmhach ’s a thathar a’ cleachdadh seann tuathanas faisg air làimh mar thèarmann Budach, ach ’na latha bha an sgìre seo air tè de na sgìrean a bu lìonmhoire sluaigh anns an eilean, leis na ceudan de dhaoine a’ fuireach ann, ann an sreath de bhailtean-fearainn a’ greimeachadh air slèibhtean nan gleann.

Ged nach cluinnear facal Gàidhlig anns an sgìre an-diugh bha i làn dhith aig an àm, agus ’s i a’ Bheurla nach cluinnte. Feumaidh gur e gille glic a bh’ann an Uilleam oir fhuair e an cothrom a dhol a dh’oilthigh Ghlaschu far an d’fhuair e ceum ann am ministrealachd. Às dèidh dha ceumnachadh chaidh e a Lunnainn gu bhith na oide do theaghlach marsanta Albannach. Gu buidhe dha, ràinig e am baile aig àm nuair a bha fèill mhòr air a h-uile rud aig an robh buinteanas don t-saoghal Cheilteach, ri linn foillseachain Mhic a’ Phearsain air Oisean is Fionnghall. Bha na leabhraichean seo rim faighinn air sgeilpichean nan uchdaran is nan eòlaichean air feadh na Roinn-Eòrpa agus na b’ fhaide air falbh; nam measg Goethe, Napoleon, Diderot agus Thomas Jefferson. Ann an Sasann bha ìomhaigh nan Gàidheal air atharrachadh bho bhith nan daoine borb cunnartach a sheas aig Blàr Chùl Lodair gu bhith nan daoine uasal uirsgeulach.

Ann an Lunnainn fhuair an Seathanach an cothrom eòlas a chur air cuid de eòlaichean a bu chliùtaiche na linne. Nam measg b’ e Samuel Johnson a bu mhotha a thug buaidh air a bheatha. B’ esan a thug brosnachadh do MacGilleSheathanaich a’ chiad leabhar air Gàidhlig a sgrìobhadh agus nochd ‘An Analysis Of The Galig (sic) Language’ ann an 1778. A’ coimhead air tro shùilean an latha an-diugh tha dreach caran neònach air an leabhar a tha, a thuilleadh air caibidealan air gràmar is briathrachas, a’ toirt a-steach, am measg eile, eadar-theangachaidhean air Messiah le Pope, earrannan de bhàrdachd Mhic a’ Phearsain agus sgrìobhadh Laideann le Tacitus. Ach feumar tuigsinn gur ann a bha MacGillSheathanaich a’ feuchainn ri rudan a chruthachadh a dh’fhreagradh do dh’fheallsanachd inntleachdail na linne agus a chuireadh Gàidhlig aig an aon inbhe ri cànain eile. Mar eisimpleir, cha b’ ann mar thuiteamas a thagh an Seathanach eadar-theangachadh den dàn Meassiah le Pope a thoirt a-steach, dìreach goirid às dèidh do Johnson eadar-theangachadh cliùiteach gu Laideann a dhèanamh air.

Dà bhliadhna às a dhèidh dh’fhoillsich e fhaclair Gàidhlig ann an dà leabhar. Ach gu mì-fhortanach do shoirbheas na h-obrach seo, mun aon àm a nochd e ann an clò, rinn MacGilleSheathanaich rud a thug droch bhuaidh air a chliù. Bhon àm a thug e spèis do dh’obair Mhic a’ Phearsain le bhith a toirt tarraing air anns a’ chiad leabhar aige bha e air fàs teagmhach mu fhìrinn na h-obrach seo. Mu dheireadh dhìobair e inbhe sòisealta airson a chuid phrionnsapalan le bhith a’ dol an aghaidh beachd na mòr-chodach, agus e a’ cur an cèill nan teagamhan a bha aige. Ged a fhuair e taic bho a charaid Samuel Johnson bha mòran gu math diombach mu a dhol a-mach, nam measg sin, gu leòr a chuir taic-airgid ris an fhaclair aige. Cha b’ iongnadh sin; b’ e an ùidh a bha aca ann an obair Mhic a’ Phearsain a thug orra taic a chuir ris an fhaclair anns a’ chiad dol a-mach. Chaidh MacGilleSheathanaich fiu’ `s a thoirt gu lagh le cuid a chur às a leth nach do choilean e amasan an leabhair mar a gheall e. Dh’fhàgadh air cuideachd nach robh am faclair aige gu mòran feum air sgàth na h-uimhir de dh’fhaclan Èireannach a nochd anns an leabhar, agus gun deach mòran dhiubh sin a thional ann an Èirinn. Bha tomhas de dh’fhìrinn an-seo ach feumar cuimhneachadh nach bu Ghàidhlig an t-Seathanaich, Gàidhlig Mhic a’ Phearsain. Ann an Arainn far an do thogadh MacGilleSheathanaich, cha robh Sruth na Maoile air a mheas mar chrìoch eadar da chànan ach slighe a bha a’ ceangal da mheur dhen aon chànan.

Bhiodh e a cheart cho iomchaidh don t-Seathanaich a dhol gu Èirinn an tòir air faclan ri dol a dh’Alba. Ann an iomadh seadh bha Gàidhlig Arainn na bu choltaiche ri Gàidhlig na h-Èireann na Gàidhlig Sgìre Bhàideanaich don bhuineadh Mac a’ Phearsain. Mar a chuir neach-càinidh MhicGilleSheathanaich an cèill e gu tàireil ‘Mr William Shaw .. is a native of the Isle Of Arran, where a dialect of the Gaelic tongue is used, so corrupt in the words, and so vicious in the pronounciation, as to be almost unintelligble in the other western islands and the opposite continent of the highlands’. Fhuair mi fhèin dearbhadh air seo o chionn greis tro sgeulachd a chaidh innse dhomh le bana Leòdhasach a tha a’ fuireach air Arainn. Thàinig i dhan eilean ann an 1948 a dh’obair ann an taigh-òsta. Goirid às dèidh dhi an t-eilean a ruighinn chaidh i fhèin agus tè Èireannach leis an robh i ag obair cuairt. Thachair iad ri dithis thùsanach an Eilein aig an robh Gàidhlig Arainneach is dh’fheuch iad air facal no dha fhaighinn orra anns a’ Ghàidhlig. ‘S gann gun do thuig ise facal de na bha na h-Arainnich ag ràdh, agus b’ i an tè Èireannach a fhuair air còmhradh a dhèanamh.

Thug MacGilleSheathanaich greis air ais ann an Alba far an d’fhuair e obair a’ searmonachadh ann an siorrachd Narainn. Ach cha b’e fàilte ro mhath a fhuair e ann an Alba far an do smaoinich cuid gun robh e air dìmeas a dhèanamh air an dualchas le bhith a càineadh obair Mhic a’ Phearsain. A rèir coltais bha e cuideachd ga fhaighinn duilich searmonachadh do choithional aig an robh cainnt Ghàidhlig a bha cho eadar-dhealaichte bhon chainnt a bha aigesan. Taobh a-staigh dà bhliadhna bha e air ais ann an Sasann far an d’fhuair e obair anns an eaglais Shasannach. Ged a chuir e cùl ri Alba, às dèidh do dheasbad Mhic a’ Phearsain socrachadh, rinneadh dearmad air an obair a rinn e air Gàidhlig ann an Sasainn. Ged a chaidh aig leithid Mac a’ Phearsain air brath a ghabhail air ìomhaigh romansach nan Gàidheal cha robh MacGilleSheathanaich a-nis a’ freagairt na h-ìomhaigh sa mar bu chòir. ‘S dòcha gun robh e rud beag ro choltach ris an duine chumanta a’ tighinn beò mar a b’fhearr a b’urrainn dha anns an latha a bh’ann. Stiùir MacGilleSheathanaich cùrsa-beatha soirbheachail dha fhèin is bha e gu mòr an sàs ann an diofar iomairtean eadar; ath-leasachadh na pàrlamaid, foillseachadh shearmonan is bhileagan, togail sgoil is eile. Ach air a’ Ghàidhlig cha robh guth tuilleadh. Chuir MacGilleSheathanaich seachad na làithean mu dheireadh de a bheatha ’na mhinistear ann an Chelvey, Somerset; àite cho Sasannach ’s a ghabhas, agus nuair a chaidh iomradh-bàis a sgrìobhadh dha anns an iris ‘The New Monthly’ cha tugadh fiu ’s iomradh air an obair a rinn e air a’ Ghàidhlig.

Ged a tha còrr is dà cheud bliadhna air a dhol seachad bho thachair na rudan seo, tha na prionnsapalan air an cùlaibh fhathast a beantainn do chor na Gàidhlig an-diugh. ‘S iad fhathast na ceistean as motha an cois na Gàidhig; dè a tha ann an Gàidhlig cheart no fhìor? An e Gàidhlig rud a bu chòir a bhith tighinn beò tro eachdraidh is dualchas no an e rud a cho-fhreagras le beatha an latha an-diugh?, an e rud a th’ann an Gàidhlig, cànan a bhuineas do làithean a chaidh seachad, no am bu chòir dhith fhathast a bhith beò is fallain?

Am bu chòir do Ghàidhlig a bhith aon-ghnèitheach, stannardaichte no am bu chòir do dh’àite a bhith innte do dhiofar dhual-chainntean cuideachd? ‘S dòcha gun lean na deasbadan seo dà cheud bliadhna eile. Nam bheachdsa, mar as fhàide a leanas iad ’s ann as fhallaine. Ach cho fad ’s a tha sinn gan deasbad, is còir dhuinn a bhith mothachail air na laoich a chuir ri cor na Gàidhlig tro na bliadhnaichean, leithid MhicGilleSheathanaich.

– le Alasdair Paul

Share

One thought on “Laoch na Gàidhlig air chall

  1. Tha sliochd Uilleim ann fhathast. ‘S e am fear-lagh agam ann an Inbhir Nis Dòmhnall MacGilleSheathanaich is bha fios aige gun robh a shinnsear air gràmair Gàidhlig a sgrìobhadh.

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach