Bàrdachd | Laoidh an Tràchdais

Dealbh le David Baker

Dealbh le David Baker

Latha dhuinn an Ceàrnag Sheòrais,
Ag amharc air na Dàiltean mòra,
Bu chuideachd chaomh is bu dhòigheil dhuinn,
Air chèilidh ri fìon ’s a’ gabhail rainn.

Dùn Èideann dìleach, ùmhlachd, àilleant’
Sràidean trang le daoin’ gun àireamh,
Goirealaich, cabadaich, caigealadh, donnalaich
A’ taomadh air ar cluasan gu cunbhalach.

Mar bhreisleach na h-oidhche thàinig e romhainn;
Mar chongailt, mar ealpait, mar uilebheist dòbhaidh;
Ghoid e ar dòchas, gu truagh an sgeul e,
Dh’fhuadaich e solas na grèine mar neul e.

Mac Ó Duibhne dian a’ strì leis an torc sinn,
Osgar uasal cròdha ri sabaid le Cairbre sinn,
Gun chadal, gun fhois sinn, a’ tuiteam le acras,
A’ call ciall ar n-inntinn air an rud sin: an tràchdas.

 

Erin Hill

 

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach