Latha an Arm-staid

Latha math!
Latha fuar!
Bhiodh daonnan facal aige dhomh
Am bodach ceann an rathaid
Daonnan gnìomh air aire
Ceannach pàipeir
Leaghadh naidheachd
Stàit an t-saoghail!
Ciod am fath ar saothair?
Gearradh an fheòir
Sgathadh nan ròsan
Latha math
Son gàirneileachd!
Cumail a’ dol
Cumail a’ dol

Latha math gus
A’ phìob a sheinn!
Na puing a’ sgaoileadh mar chàth
Bho cheann an rathaid
Air an ruagadh leis a’ ghaoith
A’ brìseadh air m’aigne
Is airtnealach
Am pìobaire e
Corragan daingeann
A’ meàrssadh thar feadain
Cath an Somme
Cùm air a’ caismeachd
Cùm air a’ cluich

Latha math
Son meàrrsaidh!
Grian, gaoth no dìle air raon a’ phairèid
Gillean grinn às an tuath; clì is deas air
Chaill iad na gillean a bh’ann
Fhuair iad àireamh
Meàrrs, a phìobaire!
Àireamh 46761
Ri thaobh 46762
Gualann ri gualainn
Clì, deas, clì, deas
Chaill e cò e
Fhuair e caidreachas

Latha math
Son a’ bhàis!
Urchraichean a’ seinn nan cluasan
Poll na Frainge air an casan
Grian ìosal air an druim
Foghar nan cuinnlean
Thuit e ri a thaobh
Àireamh 46762
Air ìobradh do
Chrannchar a’ chatha
Chaill mi caraid
Chum mi air a’ caismeachd
Chum mi air a’ cluich

Latha an Arm-staid
Blaidhna mu seach
Cath an Somme air fheadan
A’ cur ruaig air sàmhchair
Do charaid a chailleadh
Le ainm nach innsear
Do dh’àireamh 46762
A chluicheas mi sin;
Am facal aige dhomh
Is mi a fhuair am beatha
Nach d’fhuair esan
Cumail a’ dol
Cumail a’ dol

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach