Latha nan Co-labhairtean | Mar a gheibh sinn Misneachd

comhla_2016-11-12

Dà artagail mu dheidhinn aon cho-labhairt? Nach eil sinn gur milleadh! Beachd le Màrtainn Mac a’ Bhàillidh on bhuidheann-iomairt “Misneachd” air a’ cho-labhairt Còmhla agus air càs Chlì.

An toiseach, feumaidh mi a ràdh nach robh e math idir gun robh co-labhairt ann an Glaschu air an aon latha ’s a bha an Coinneamh Choitcheann Bhliadhnail agus co-labhairt aig Clì Gàidhlig ann an Dùn Èideann. Ann an saoghal cho beag ’s a tha saoghal na Gàidhlig, chan eil leisgeul ann coimhearsnachd nan luchd-ionnsachaidh a sgaradh mar seo, feumaidh sinn uile a bhith ag obair còmhla is a’ bruidhinn ri chèile.

Ged a tha gu leòr dhuinn air a bhith nar buill de Chlì thar nam bliadhnaichean, is ged a bha feadhainn bhon bhuidheann seo, Misneachd, an làthair ann an Dùn Èideann, tha an t-alt seo a’ dol a bhith ag aithris air na thachair ann an Glaschu.

Chaidh an Co-labhairt ‘Còmhla’ a chur air dòigh leis an “Community Learning and Development Review Group for Gaelic”, co-bhanntachd eadar diofar Chomhairlean Roinneil, nam measg; Comhairle Cathair Ghlaschu, Comhairle Siorrachd Lannraig a Tuath, agus a Deas, Comhairle na Gaidhealtachd agus Comhairle Pheairt is Chinn Rois, ’s iad uile an sàs ann a bhith a’ ruith chlasaichean is an leithid sna sgìrean aca. Bha Bòrd na Gàidhlig agus Oilthigh Ghlaschu an làthair cuideachd agus bha cùisean air an cumail gu sgiobalta le deagh stiùireadh bho fhear an taighe Tony Kearney.

Bha timcheall air ceud daoine ann tron latha agus, sa’ mhadainn, thoisich gnothaichean le òraidean bho neach-comhairle Liz Cameron agus Stiùiriche Foghlam aig Bòrd na Gàidhlig Mona Wilson. Chaidh beagan a bharrachd fiosrachaidh a sgaoileadh le D-I Mac’IlleDhuinn mu dheidhinn a’ Mhòid, 2019, a tha gu bhith ann an Glaschu. Thug D-I iomradh air na h-amasan aca airson Mòd co-aimsireil, bailteil, nach bi air chall sa bhaile mhòr. ‘S e deagh chothrom a bhios ann beagan sanasachd a dhèanamh a thaobh a’ Chultair Ghàidhealaich agus a’ chànain fhèin.

Bha an còrr den latha co-dhèanta de bhùithtean-obrach bhon leithid LearnGàidhlig, Bòrd na Gàidhlig, GoGaelic, agus Neil Allison is Fiona Dunn bho Oilthigh Ghlaschu. ‘B iad na barr-phuingean dhuinne, clas dràma do luchd-ionnsachaidh inbheach le Artair Donald, agus cùrsa-bogaidh ùr air a bheil Fionn Dunn is Oilthigh Ghlaschu a’ beachdachadh. Nar beachd ’s e smuaint mhath a bhiodh ann clasaichean actaireachd a lìbhrigeadh do luchd-ionnsachaidh inbheach aig àrd-ìre gus blasan agus dual-chainntean a thoirt dhaibh chuir fan comhair. Bhiodh sin a’ toirt misneachd dhaibh a thaobh fuaimneachaidh is gam brosnachadh gus a bhith a’ bruidhinn agus a’ cleachdadh a’ chànain.

Aig deireadh an latha, fhuair sinn uile cothrom ar beachdan a thoirt seachad air an latha fhèin agus air an t-suidheachadh do luchd-ionnsachaidh san fharsaingeachd, cuspair gu math iomachaidh leis na bha air tachairt ann an Dùn Èideann agus Clì Gàidhlig a’ dol à bith. Na bu thràithe san latha, thuirt Mona Wilson gun robh Bòrd na Gàidhlig ag amas air adhartachadh a thoirt air na h-àireamhan de luchd-ionnsachaidh inbheach bho 3500 gu 5000. A dh’aindeoin cho neo-shanntach ’s a tha an àireamh fhèin, cia mheud neach-ionnsachaidh a tha air fileantas a ruigsinn mar tha no a bhiodh an dùil ri fileantas a ruigsinn san àm ri teachd? Cia mheud dhuibh a tha ga cleachdadh gu bitheanta?

An suidheachadh air a bheil sinne eòlach ’s ann gu bheil a’ chuid as motha de dhaoine, a tha air ìre eadar-mheadhanach a ruigsinn, dìreach a’ dol mun cuairt is mun cuairt (cainnt-chluich Donnie Dòtaman) aig cha mhòr na h-aon ìre. Gu deimhinne, tha beàrn ann aig an àrd-ìre. Ma tha sinn ag iarraidh luchd-ionnsachaidh a bhith a’ ruigsinn fileantas aig àm air choireigin feumaidh sinn adhbhar a thoirt dhaibh, tachartasan sòisealta a tha dha-rìribh ann an Gàidhlig, cothroman a bhith a’ bruidhinn ri daoine aig a bheil Gàidhlig bho thùs. Mura h-eil thu misneachail gu leòr gus lìonra de dh’fhileantaich a chruthaicheadh dhut fhèin, chan eil na cothroman sin ann.

Feumaidh sinn uile a bhith nas dian-thograiche leis na h-amasan againn agus siostaman ùr gus luchd-ionnsachaidh a thoirt gu fileantas a chur air dòigh. Thug feadhainn iomradh cuideachd air a’ phrògram chultarach ann an Alba Nuadh, ‘Bun is Bàrr’, a bhios a’ toirt cothroman do luchd-ionnsachaidh a bhith a’ tadhal air seann-Ghàidheil aig a bheil eòlas prìseil air a’ chànan. Bhiodh siostam-paidhridh, no lìonra de dhaoine mar seo gu math feumail do luchd-ionnsachaidh ann an Alba.

Ged a bha e gu math brosnachail an uimhir seo de dhaoine fhaicinn air an latha, cha do fhreagairt e an ceist, dè tha tighinn an àite Clì? Ma tha piseach gu bhith a’ tighinn air an t-suidheachadh tha feum againn air stiùireadh bhon leithid Clì. Cò tha a’ dol a bhith ag obair gus cuidhteas fhaighinn de na cnapan-starra ro luchd-ionnsachaidh a thaobh chothroman, adhbharan, chosgaisean agus dìth misneachd!

– Màrtainn Mac a’ Bhàillidh

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach