“Leanamaid” – Lèirmheas air Sequamur

Sequamur-header-1024x405-1-1024x405

Chaidh Alannah Pheutan a choimhead air an dealbh-chluich Sequamur a tha air a bhith a’ siubhal na dùthcha o chionn mìos – seo beachd no dhà bhuaipe air a’ phròiseact as ùire o Phròiseact nan Ealain agus an iomairt “Gairm nan Gàidheal”.

Làn neart is an fhìrinn, ’s e dealbh-chluich cumhachdach gu dearbh a th’ ann an Sequamur, air a sgrìobhadh le Dòmhnall S Moireach.  ’S ann mu dheidhinn maighstir-sgoile ann an Leòdhas a tha e, a bhrosnaich gillean Sgoil MhicNeacail a dhol chun a’ chogaidh ann an 1914 is an aithreachas a thàinig air nuair nach do thill iad a tha e.

Chunnaic mi fhìn Sequamur ann an Dun Èideann is bha mi air bhioran a thaobh ’s gur e seo a’ chiad thachartas Ghàidhlig aig an robh mi sa bhaile mhòr.  Bha mi ag ionndrainn a’ chànan is bha mi a’ coimhead air adhart ri am blàs a chluinntinn a-rithist.  Bha caraid còmhla rium cuideachd aig nach robh Gàidhlig is bha mi airson faicinn ciamar a bhiodh an t-eadar-theangachadh ag obair.

Sequamur-01-350

’S ann à Wigan a tha mo charaid is mar sin chan eil e idir cleachdte ri dòighean nan Gàidheal ach fhathast, chòrd Sequamur ris.  Thuirt e gun robh amannan ann nuair a bha cuid eile a’ gàireachdainn ‘s e fhèin a’ suidhe gu sàmhach, ach ’s dòcha gu bheil na Gàidheal dìreach fada ro èibhinn son balach beag à Wigan.  Cha do chuir fuaim an eadar-theangachadh dragh air na daoine eile a bha a’ coimhead air dealbh-chluich is mar sin tha mi a’ smaoineachadh gun robh an dòigh seo soirbheachail, an àite ‘s dòcha geàrr chunntas air pàipear ann am Beura.  Sheall seo dhomh gu bheil Sequamur freagarrach do luchd-amhairc bho iomadh àiteagus dùthaich. Nam bheachd-sa tha seo cho cudromach – fiù ’s chanainn riatanach – airson dràma Gàidhlig a thoirt air adhart.

Leis gun robh iad a bha anns an dealbh-chluich cho cleachdte is cofhurtail air an àrd-ùrlar, cha robh dragh idir orm mus deach mi a choimhead air Sequamur: bha fhios agam gum biodh deagh oidhche romham. ’S e Iain MacRàth a stiùirich Sequamur, agus gu deimhinn, tha e airidh air gach moladh a gheibh e.  Chan e dealbh-chluich sìmplidh a th’ ann idir, ach le an àrd-ùrlar is na cleasaichean air an sgeadachadh mar a bha iad, bha e comasach an dealbh-chluich a cumail a dol aig astar inntinneach, a chum an luchd-amhairc a’ coimhead is ag èisdeachd gu dlùth.

Bha Daibhidh Walker a’ cluich William Gibson, air a bheil Sequamur stèidhichte.  Thug Walker dhuinn caractar gu math inntinneach, ’s e bragail, pròiseil ach aig àmannan caran duilich is truagh.  Bha Walker gar toirt air slighe air ais is air adhart, is bha na h-atharraichean beag a rinn e na ghuth is na bhodhaig, gu leòr airson seo a dhèanamh soilleir.

‘S ann cuideachd a bha seo fìor a-measg nan cleasaichean eile, Iain Beggs, Sean MacLeòid, Donna Mhoireasdan agus Aonghas Pàdraig Caimbeul, ‘s iad an còmhnaidh ag atharrachadh bho sgoilearan òga, gu saighdearan, gu seann chaillich is tidsearan eile.  Fhuair sinn oidhche bheòthail agus bhrèagha bhuapa.

Bha mac-meanmna an luchd-amhairc na phàirt gu math cudromach den dhealbh-chluich, ach le cuideachadh bho na meadhanan ciùil is ìomhaigheachd a chaidh chleachdadh gu soirbheachail, bha deagh choltas gu robh sinn uile còmhla ri na balaich sa chogadh.  Cha robh sinn idir an dùil ri ceudan de shaighdearan air ar beulaibh, neo na gunnaichean mòra a’ spreadhadh thairis air ar cinn: cha robh feum againn orra nas motha.  Bha fuaim na peilearan, dealbhan na trainnsean is a leithid glè shoirbheachail a thaobh an sealladh a stèidheachadh ann an dòigh shìmplidh is shocair.  Bha soundtrack Sequamur glè fheumail son cùisean a’ ceangal ri chèile gu h-àraid tro na h-atharraichean a bhiodh iad a’ dèanamh air an àrd-ùrlar.  Bha Shakespeare e fhèin airson gun cleachdadh an luchd-amhairc na mac-meanmnan aca airson na dealbhan-chluiche aige a leasachadh is a dhèanamh beò.  Mar a thuirt Uilleam glic e fhèin:

“ O for a Muse of fire, that would ascend

The brightest heaven of invention,

A Kingdom for a Stage, Princes to Act,

And Monarchs to behold the swelling Scene.”

Ach ’s ann gu math neartmhor is dha-rìribh brònach a bha e aig deireadh Sequamur, ’s sinn a’ faicinn ainmean nan saighdearan à Dhùn Èideann a chaidh a mharbhadh sa chogadh.  Thug e orm smaoineachadh, gu h-àraid a thaobh ’s nach eil mi air a bhith ann an Dhùn Èideann fada, gun tug an cogadh buaidh air an dùthaich air fad, is tha seo ag àrdachadh a’ cheangail a tha sinn a’ dèanamh leis an dealbh-chluich agus an fhìrinn is ar beatha fhìn.  Bha seo cudromach oir tha e soirbh gu leòr dhan luchd-amhairc suidhe ’s coimhead air pìos dràma gun a bhith smaoineachadh mu na tha dha-rìribh na lùib.

Leis na h-ainmean, chluich Aonghas MacNeacail a’ phìob, bha seo uabhasach drùidhteach, is shuidh a h-uile duine gu sàmhach gus an d’ fhuair sinn cothrom ar basan a’ bualadh son an obair sgoinneil a rinn sgioba Sequamur.

– Alannah Pheutan

Gu mì-fhortanach, tha turas Sequamur air tighinn gu crìoch, ach tha cothrom ann fhaicinn sa chlàradh seo a rinn Pròiseact nan Ealan an-uiridh: 

 

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach