Leann nam Biast

Cò idir a chuala mu leann nam biast, air neo leum[1] nam biast? Bidh cuid mhath de na h-Uibhistich os cionn aois dà fhichead eòlach gu leòr air – seòrsa de leann a bhathar a’ grùdadh an Uibhist (agus air Ghàidhealtachd, tha e coltach).

Dèan gùgal dheth agus chan fhaigh thu ach aon iomradh a-staigh ann am pìos bàrdachd a rinn Dòmhnall Ailein Dhòmhnaill na Bainich do churracag a bha ga chumail na dhùisg fhad ’s a bha e a’ feuchainn ri norrag a ghabhail. ‘Cho geur ri leann nam biast.’

’S e beastie beer a’ Bheurla a th’ air, agus gùgal de sin a’ nochdadh aon bhloga mu chruitearachd Dhùthaich Mhic Aoidh. Chan eil sgath sgrìobhte mu dheidhinn, air neo clàraichte air Tobar an Dualchais, ach tha e gu math beò an cuimhne nan Uibhisteach.

 

Symposium Ceòlas

Seall na biastagan!

Seall na biastagan! | © Tomaidh Dòmhnallach

Aig deireadh an Iuchair, chumadh co-labhairt Ceòlas anns an Iochdar, agus leis gur e 2015 Bliadhna Biadh is Deoch ann an Alba, b’ e sin cuspair na co-labhairt am bliadhna. Am measg biadh traidiseanta, leithid struthan Mhìcheil,[2] bha diofar seòrsa dighe ann.

Chuir sinn romhainn gun dèanamaid rannsachadh coimhearsnachd mu leann nam biast ann an dòchas gum biodh reasabaidh ann, air neo gum biodh cuimhne aig cuideigin air a dhèanamh agus dè a bh’ ann.

Aig an toiseach, cha robh againn ach iomradh gur e leann nam biast a bh’ air a chionn ’s gun robh beothach air choireigin am broinn an leanna a bha coltach ri biastag. Bhiodh e a’ bogadaich suas agus sìos sa bharaill fhad ’s a bhathar a’ grùdadh. Agus b’ e sin è.

 

Gaisgich Leann nam Biast

An dèidh dhuinn brath a sgaoileadh am measg coimhearsnachd Uibhist, chuala sinn gu leòr de sgeulachdan mu dheidhinn an leanna – cuimhneachain air òl a-muigh sa mhòinteach, neo nan òige.

Fhuair sinn a-mach gun do stad e car clisg bliadhna-eigin sna 60an. Tha e coltach gun robh droch gheamhradh ann, air neo stoirm dealanach, agus gun do bhàsaich am beothach còir, gun a bhith a’ tighinn beò an Uibhist na dhèidh sin. B’ ann san uair sin a thàinig leann saor nan tionaichean a-steach don eilean agus leigeadh bàs leis a’ chleachdadh Uibhisteach.

Farsaingeachd leanna

Farsaingeachd leanna

An dèidh beagan rannsachaidh air loidhne, bha cuideigin a’ smaoineachadh gun d’fhuair e lorg air an t-seòrsa beothaich a bh’ ann, rud ris an abrar ‘SCOBY’, coltach ri leann dinnsear. Chuir am fear a bha seo a-steach òrdagh air a shon agus thòisich e fhèin ri a dhèanamh airson co-labhairt Ceòlas.

Aig an àm seo, nochd fear eile às a’ choimhearsnachd a bha eòlach air a dhèanamh, agus bha e air a dhèanamh uair neo dhà bhon uair a chaidh an leann bàs. Cheannaich e am beothach às ùr agus thòisich e air a dhèanamh[3].

Aig co-labhairt Ceòlas, bho chionn ghoirid, chaidh an leann a bhlaiseadh. Agus ’s e bha math. Tha mi fhìn gu math toilichte nach deach eòlas air grùdadh leann sònraichte Uibhisteach a-mach à bith – call mòr a bhitheadh ann an sin, nach bitheadh? Tha dùil aig Ceòlas rannsachadh a bharrachd sa choimhearsnachd a dhèanamh air an leann seo sna mìosan a tha romhainn, a’ gabhail a-steach clàradh sgeulachdan dhaoine.

 

Reasabaidh

Treacail, siùcar, uisge, ’s am beothach seo.[4]

Sin agad è.

(Seallaidh mi dhuibh mar a nìthear e dar a dh’fheuchas mi fhìn an ùine nach bi fada.)

 

Liam Alastair Crouse

 

[1] Ann an cuid a sgìrean an Uibhist, thathar ag ràdh ‘leum’ airson ‘leann’

[2] http://www.ceolas.co.uk/2015/08/struthan-mhicheil/

[3] https://www.facebook.com/groups/UibhistSUAS/permalink/10153445862907359/

[4] http://gingerbeerplant.net/

Share

One thought on “Leann nam Biast

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach