Lèirmheas. A’ Phlàigh le Albert Camus

Abheil dad aig an leabhar seo ri innse dhuinn is plàigh againn ann an dha -rìribh? A bheil blàs na fìrinn idir ri lorg ann?

Ma thathar airson feartan stuth air bith a lorg cuirear fo deuchainn e. Tha an aon rud fìor mu mhac an duine. ‘S iomadh ùghdar a tha air na caractaran aca a chur ann an suidheachadh éiginneach mar saoghal iar-apocailipteach no cogadh mar chleas gus nàdar daonna a thoirt am follais. A measg a h-uile deuchainn ris an tachair sòisealtas ’s e plàigh ’s dòcha an tè as dùbhlanaiche. Cha iongnadh mar sin gu bheil grunn math leabhraichean ann a tha stèidhichte aig àm phlàighe leithid ‘Love In The Time Of Cholera.’ le Gabriel Garcia Marquez, ‘A Journal Of The Plague Year’ le Daniel Defoe no ‘The Stand’ le Stephen King. Ach a bheil dad aca ri innse dhuinn is plàigh againn ann an dha-rìribh? A bheil blàs na fìrinn idir annta?

B’ e an leabhar a thagh mi mar mo chuid leughaidh a’ Phandemic ‘A’ Phlàigh’ le Albert Camus. Bha fèill mhòr air an leabhar sin nuair a nochd e son a’ chiad uair ann an 1947, ’s dòcha air sgàth gu robh e a’ toirt dha daoine dòigh sealltainn ris a’ chàs tron deach iad aig àm a’ chogaidh gun a bhith a’ bruidhinn mu dheidhinn gu dìreach. B’ ann gu ìre mhòr ri linn a’ chliù a choisinn Camus às an leabhar seo a chaidh an duais Nobel a bhuilicheadh air ann an 1957. Aig a’ chiad sealladh tha tòrr ann a tha diofraichte mun t-suidheachadh sa chuireas Camus sinn ’s a’ phlàigh air a bheil an obair stéidhte na tinneas bhaictearach a tha air a giùlain le radain, coltach ris na plàighean mòra a bhuail air an Roinn-Eòrpa sna meadhan-aoisean, ’s i a’ bualadh air aon bhaile a-mhàin ann an taobh a tuath na h-Afraga. Ach chan eil ann an sin ach a’ chùl-raon a chleachdas Camus gus a’ phrosbaig a chur air na daoine fa comhair.

San dòigh sin tha gu leòr ann a tha mar sgàthan air na tha a’ tachairt dhuinn san àm seo. Aithnichidh sinn mar a thèid an sluagh tro diofar ìrean ann a bhith a dèiligeadh ris a’ chàs bho àicheadh gu comhaireachd gu liubhairt. Fhad ’s a bhios cuid ri cuideachadh bidh cuid eile ri gearran is sgaoileadh fhathannan gun sguir. Tha na h-ùghdarrasan mall is neo-éifeachdach. Cho luath ’s a thòisicheas a’ phlàigh air seargadh às bidh cuid ri dìochuimhneachadh, cuid eile air an laigh sgàil nach gabh carachadh.

Thèid gach charactar tron triall fa leth aige fhèin ’s e air a stiùireadh le freastal cho math ris na feartan is na fabhtan aige fhèin. Tha fear Cottard na neach-eucoir a chuireas fàilte air a’ phlàigh is a ghabhas brath oirre gus a dhol an sàs ann an cùiltearachd. Obraichidh am prìomh charactar Rieux, a tha na dhotair, gu dìcheallach gu maith na coimhearsnachd a dh’aindeoin ’s nach eil na h-oidhirpean aige a’ dèanamh mòran diofar. Tha Raymond Rambert na neach-naidheachd a tha air a’ ghlacadh sa bhaile nuair a bhuaileas an galar air is a chuireas seachad cuid math dhen leabhar ann a bhith a’ feuchainn ri teicheadh gu leanainn a dh’fheitheas air an am Paris. Tha ionndrainn na phàirt mhòr dhen leabhar is mar a thèid sin tro na duilleagan fàsaidh ìomhaigheachd an ruid no an duine a thathar ag ionndrainn gu bhith mar bith fa-leth.

Tha taobh drabhlainneach cho math ri taobh tuigseach aig gach charactar. Chan fhaigh an seirbheiseach cathara, Joseph Gand, seachad air a’ chiad duilleag dhen leabhar a tha e air a bhith a’ sgrìobhadh fad bhliadhnaichean. Tilgidh fear eile smugaid air càit mar chur-seachad. Gòrach ’s gu bheil na cleasan seo ’s iad a tha a’ cuir an cèil fìor bhrìgh an sgeòil agus ’s e sin nach eil brìgh ann. Chan eil leasanan phrionnsabail no moraltachd rin toirt seachad. Tha ar beathannan air a riaghladh le co-thuiteamas is blaomadh cho math ri toil is dàn. ‘S e an sagart Paneloux a dh’fheuchas ri leasanan moraltachd a tharraing às a t-suidheachadh is an sparradh air sluagh dìblidh an àite. Ach air dha bàs phàiste fhaicinn feumaidh fiù ’s esan a bheachdan a mheasrachadh mus bàsaich e fhèin ri linn a’ ghalair.

Chan eil gainneid ana-ciall an lùib a’ phandemic againn fhèin eadar na Covid deniers is an chaoch a tha air a cheann a thogail ann an diofar cheàrnaidhean o chionn greis. Aig àrd a phandemic againn gu tric a bhathar a’ toirt iomradh air an t-saoghal chalma ùr a dh’èireadh às ach a-nis ’s iad na samhlaidhean às cumanta air an t-saoghal sin sreathan mòra taobh a-muigh McDonald’s, pàircean is tràighean air an còmhdachadh le sgudail no daoine a’ sàbaid sna sràidean. Ach, air cùl na h-ìomhaighean mì-chàilear sin, tha pailteas dhaoine ann a tha a’ feuchainn ri cumail a’ dol cho math ’s a ’s urrainn dhuibh no ri cur ri co-chomann mhic an duine an an dòigh stòlta, sàmhach. Ma tha gaisge ri fhaotainn idir san leabhar aig Camus lorgar e an lùib nan caractaran stuama leithid a’ phrìomh charactair, Rieux fhèin, no an seirbheiseach cathara, Joseph Grand a’ chumas a’ dol gu dìcheallach tro gach cnap starra a thig nan rathad gus an saoghal mu thimcheall orra a thoirt am feabhas. Agus sin far a bheil Camus a’ faicinn luach is adhbhar beatha; sna rudan beaga, suarach a nì sin bho latha gu latha. San a dòigh sin tha sinn beò gach latha fo stàid plàighe air ar slighe chugallach tro éiginn is ionndrainn bhon chreathal dhan uaigh.

Ma tha uireasbhaidh aig an leabhar ’s e sin gu bheil pìos math dè shòisealtas air fhàgail a-mach. ‘S e an aon charactar boireann a gheibh facal idir san leabhair màthair Rieux agus an aon ròl a th’ aice taic a thoirt do a mhac. A’ dh’aindeoin ’s gu bheil an leabhar stèidhichte ann an Afraga a Tuath cha nochd fiù ’s aon charactar Arabach ann. ‘S dòcha, le fiùghantas, chanadh tu gum b’ fheàrr le Camas a’ phrosbaig a chumail air earrann de shòisealtas gus nach biodh a léirsinn ro sgaoilte. The e duilich àicheadh ge-tà gu bheil e caran neònach ann a leabhar a tha mu dheighinn gnè daonnachd gun deach dearmad a dhèanamh air pìos math dheth.

S’ e rud mì-chofhurtail a th’ ann an coimhead ann an sgàthan ma thilgeas e air ais thugainn ìomhaigh nach tig buileach ri ar càil. Ach ’s fhiach e ma tha sinn airson fios a bhith againn air cò sinn. Mar sin mholainn dha duine sam bith a tha airson soilleireachd a’ lorg air an t-saoghal sa bheil sinn no gnè mac an duine mar an ceudna ‘A’ Phlàigh’ a leughadh.

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach