Lèirmheas air Cèilidh – Theatre gu Leòr

 

dealbh le Mihaela Bodlovic – aliceboreasphotography.com

Bha mi air mo dhòigh an dealbh-cluich as ùire aig Theatre gu Leòr fhaicinn ann an Ionad Nàiseanta a’ Bheul-aithris ann an Dùn Èideann o chionn ghoirid; dealbh-cluich air ùr-leasachadh is a cho-sgrìobhadh le seòd na companaidh, Catrìona Leagsaidh Chaimbeul, is a màthair, Màiri Sìne.

Chaidh am pròiseact ùr a leasachadh le taic an eòlaiche-dràma Lynda Radley, ann an seiseanan a bha fosgailte do chleasaichean is sgrìobhadairean eile – is mi fhìn nam measg – gan cumail an-uiridh ann an Glaschu. Leis a’ shin, bha e uabhasach fhèin inntinneach ro-shealladh fhaighinn air pròiseas cruthachail an dithis Chaimbeulach is an stiùiriche, Lewis Hetherington, mar phàirt de shreath chothroman ionmhalta, gan toirt seachad fo bhratach foghlam na buidhne.

Air an oidhche, bha e sgoinneil an ceathrar charactar fhaicinn is iad gan toirt beò bhon duilleag, le sàr-choileanaidhean bho Mhàiri Mhoireasdan, MJ Deans agus Calum Dòmhnallach. Gun teagamh sam bith, ge-tà, b’ i Muireann Ní Cheallaigh an rionnag as motha, is i a’ lìonadh Màiri Ruadh fhèin le fealla-dhà, co-fhaireachdainn is tuige air cor na daonnachd.

A’ toirt a’ bhana-bhàrd Hearach, Màiri Nighean Alasdair Ruaidh, as ùr às an uaigh, bha coileanadh Ní Cheallaigh làn spionnaidh is a’ chompanachd uile na grèim o thoiseach gu crìch. Seach an dualchainnt Mhaigh Eo as aithne dhuinn, bha blas na Hearadh mòr ri chluinntinn innte; fianais a oidhirp mhòr a rinn i gus ùghdarralas na bana-bhàirde fhèin a thoirt gu buil, a dh’aindeoin an riochd os-nàdarra, a chaidh a thoirt oirre san sgrìobhadh ùr.

Mar ro-shealladh fhèin air na chaidh a sgrìobhadh sna pàipearan air suidheachadh na Gàidhlig, is an iomairt #IsMiseGàidhlig, thug sgrìobhadh nan Caimbeulach oirnn uile, a bha san èisteachd, a bhith a’ cnuasachadh cò sinne, na Gàidheil, ann an Alba san là an-diugh. Bha ceist a’ chànain aig cridhe a’ ghnothaich, gun teagamh, mar phàirt de chòmhradh na b’ fharsainge air cur air leth a’ chultar againn, oighreachd fearainn is an dàimh eadar teaghlaich san tràth ùr-nodha. A thaobh sin, bha e math coileanadh misneachail fhaicinn aig Deans, a rinn i fhèin foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, is i a’ cur na sgilean cànanach sin ris na tàlantan aice, le sàr-actadh is sàr-sheinn, gan cur romhainn, air an oidhche.

Am fear a-mhàin nan cuideachd, bha e inntinneach dhòmhsa coileanadh Dhomhnallaich fhaicinn ann an riochd Eddie, a chaill beagan den drabastachd a bha ri fhaicinn ann an dreachan nas sine; taghadh a bha, is dòcha, iomchaidh leis a’ chonnspaid a lìon na meadhanan, mìosan air ais, a thaobh iomairtean #MeToo is #TimesUp. Air an làimh eile, thug sin cothrom don chleasaiche tuilleadh fhealla-dhà a thort am bàrr, is dàimh eadar Eddie is Eilidh, a rinn fìor bhlàthachadh, ga leasachadh fhad ’s a lean iad air adhart le chèile, eadar mire is bigeireachd. Bu lèir is brèagha na sradagan rim faicinn eadar an dithis character òg.

Le sàr-riochdachadh far am faigheadh an èisteachd tèis mheadhan a’ ghnothaich, in medias res. Bha am froga aig Màiri Ruadh fhèin sònraichte le earrann dàin a’ bhana-bhàird air am peantadh oirre; rud a chòrdadh ri bàrd sam bith eile. Chaidh an dealbh-cluich gu lèir a chleachdadh gus neartan nan cleasaichean a thaisbeanadh is cha robh sùil gun deur a chluinntinn Mhoireasdan a’ gabhail òran Nighean Alasdair Ruadh le fonn ùr ga sgrìobhadh air a son fhèin.

B’ e fianais a bh’ ann an dealbh-cluich air na tha comasach dhuinn air saoghal dràma na h-Alba leis an taic freagarrach rinn. Chruthaich Theatre gu Leòr rudeigin a bha cho Gàidhealach ’s a ghabhas ach a bha so-ruigsinneach dhaibhsan gun a’ Ghàidhlig, le cleachdadh tionnsgalach nan ealain didseatach is fo-thiotalan. Tharraing an sgrìobhadh o thobar seanachas le Gàidhlig, ga fhrèamadh ann an co-theagsa na linne is a bheil sin beò – tesiteanas an dàimh phearsanta is fìor sgilean sgrìobhadh an dithis a dh’obair air a’ phròiseact.

O fhuair Pròiseact nan Ealain bàs tràth le cion thaic nan urracha mòra, dhearbhaich an gnothach gu lèir gu bheil àite son thèatar na Gàidhlig ann an Alba is gun còrd e ri luchd-èisteachd sean is òg, ma tha buidhnean leithid an Thèatair Nàiseanta is Òran Mòr dàna gu leòr làmh a shìneadh. Dh’fhàg mi an t-ionad làn brosnachaidh, leis a’ mhiann tuilleadh an leithid fhaicinn ann is na dealbhan-chluiche agam fhìn a thoirt bhon sgeilp gus an duslach a shèideadh bhuapa.  

Marcas Mac an Tuairneir
Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach