Lèirmheas air Fantom: Ma ghleidheas mi Beanntan Ùige…

Chaidh Alannah Pheutan a Ghlaschu airson dealbh-chluich ùr Gàidhlig “Fantom” fhaicinn agus e a-mach air an t-seann mhurtair, Mac an t-Srònaich. Seann sgeul air innse iomadh turas, ach thug an càradh ùr seo buaidh oirre.

Tha a’ mhòr chuid eòlach air sgeul Mhic an t-Srònaich, fear a bha ainmeil anns na h-Eileanan Siar mar dhuine brùideil, cunnartach. Mhurt e iomadh duine fhad ’s a bha e a’ siubhal na aonar air a’ mhachair ’s e acrach is fiadhaich.

Diciadain an 29mh den Dàmhair chaidh mi a choimhead air Fantom aig a’ Citizens Theatre ann an Glaschu. Cha robh mi buileach cinnteach dè seòrsa dealbh-cluiche a bha gu bhith ann, ach bha mi glè eòlach orra a bha an sàs ann agus shaoilinn gum biodh e na dheagh oidhche.
Sgrìobh Iain MacRath an dealbh-chluich, Fantom, mu Mhac an t-Srònaich an-uiridh, ach aig an àm sin bha e sgrìobhte airson ’s gun cluicheadh aon duine gach pàirt. Chaidh a leasachadh am-bliadhna is a-nis tha trì cleasaichean a’ gabhail pàirt ann am Fantom. Tha seo a’ toirt dhuinn barrachd eòlais air na caractaran fa leth, is cothrom sùil nas gèire a thoirt air an dealbh-chluich gus deagh thuigse fhaighinn.

Le Artair Donald a’ cluich Mac an t-Srònaich, ’s e cuirm bheòthail is luath a th’ ann am Fantom. Tha an luchd-amhairc an-còmhnaidh ag èisteachd is a’ coimhead gu dlùth air sgàth ‘s gu bheil cùisean ag atharrachadh is a’ gluasad cho luath. Bha e inntinneach dhomh fhaicinn mar a bha Donald ag obair leis a’ charactar: ged a bha Mac an t-Srònaich na dhuine borb, grànnda, bha an luchd-amhairc a’ faireachdainn duilich air a shon aig amannan, le Donald a’ cluich gu socair. Ach, cha mhaireadh sin fada idir, bhiodh cùisean ag àrdachadh ann am priobadh na sùla, is bha Mac an t-Srònaich a’ cur eagal ar beatha oirnn a-rithist.

Chan ann a-mhàin gun robh an dealbh-chluich a’ gluasad gu sgiobalta, ‘s ann cuideachd a bha aig na cleasaichean ri atharrachadh gu tric cuideachd. Bha Iain MacRath e fhèin a’ cluich còig caractaran eadar-dhealaichte, is MJ Deans a’ cluich ceithir. Tha e na dheagh sgil a bhith a’ siubhal air ais is air adhart eadar iomadh caractar agus rinn MacRath is Deans seo gu soirbheachail. Le na dòighean gluasaid is na guthan aca bha e follaiseach cò an caractar a bha iad a’ cluich. Le seo, cha robh diog ann far nach robh d’aire air an àrd-ùrlar, ged a shaoileadh tu gur e seo an rud as cudromaiche mu dhealbh-chluich, tha an t-uabhas dhiubh ann a tha mì-shoirbheachail le seo.

Bha e glè inntinneach cuideachd gun robh Deans agus MacRath ag atharrachadh an t-aodach aca aig taobh an àrd-ùrlair, far am faiceadh an luchd-èisteachd (nach robh càil inappropriate ann!). Bha seo na phàirt chudromach dhen dòigh san robh an dealbh-chluich a’ coimhead. Leis gun robh an t-àrd-ùrlar cho falamh, dh’ fhàg seo an t-uabhas aig mac-meanma an luchd-èisteachd; bha seo cuideachd feumail airson cùisean a ruith gu teann, gun agad ri fuireach airson an ath sheat a dhol suas.
Bha ceòl – sgrìobhte, is air a chluich le Annie Grace – na phrìomh phàirt de Fantom. Bha e na chuideachadh mòr le innse na sgeoil, gu h-àraid do dhaoine a bha a’ coimhead air an dealbh-chluich, ’s gun fhacal Gàidhlig aca. Bha ceòl eadar-dhealaichte son gach caractar, is gach seòrsa faireachdainn a bha a’ ruith aig an àm, is mar seo bha e uabhasach soilleir a’ leantainn dè bha a’ tachairt fiù ’s mura robh thu a’ tuigsinn na facail.

Bha tàlant Grace na dheagh bhuannachd don dhealbh-chluich, ‘s i a’ cleachdadh iomadach ionnsramaid airson tòna a’ chruthachadh. Ged a bha na cleasaichean fhèin sgoinneil bha e soilleir gun robh an ceòl gan cuideachadh gus an ìre a bha iad a’ sireadh, a ruigsinn.
Uile gu lèir ’s e pìos air leth a bh’ ann am Fantom, le càirdeas cudromach eadar ceòl is cleasachd. Bha gach duine a bha an sàs ann soirbheachail ‘s iad a’ toirt an luchd-èisteachd air turas beothail agus tlachdmhor. Ma tha dràma Gàidhlig ann an-dràsta, aig ìre cho àrd ri Fantom tha mi a’ coimhead air adhart gu mòr ri far an tèid cùisean.

Gu mì-fhortanach, cha deach a’ chuirm Daibhidh Walker leis an dealbh-chluich Tòmas, stèidhichte air “Tam O Shanter” air adhart an oidhche sin.

Na Cluicheadairean agus Criutha
Sgrìobhadair – Iain MacRath
Stiùiriche – Liz Carruthers
Riochdaire – Paul Coulter
Dealbhaiche Solais – Mick Andrew
Stiùiriche nan Sabaidean – Emma Claire Brightlyn
Cleasaichean – Artair Donald, Iain Macrath, MJ Deans
Ceòl – Annie Grace

B0GLxhmCUAEV_Td

 

https://flic.kr/s/aHsk41RUUh

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach