Lèirmheas Air Gaelic Gold, Faclair Pòcaid do Luchd-Ionnsachaidh

GaelicGold-300x325Tha Alistair a’ toirt sùil air faclair beag a chaidh a chur ri chèile le Steaphan MacRisnidh againn fhèin.

A dh’aindeoin a h-uile goireas a tha ri fhaotainn do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig san latha a th’ann, air an eadar-lìon is eile, tha e fhathast feumail dhaibh faclair beag a bhith maille riutha. Tha a leithid pailt sna mòr-canain. O chionn greis nochd fear sa Ghàidhlig fo bhratach an fhoillsicheir Lexus a chaidh a chur ri chèile le Steaphan MacRisnidh còir againn fhèin.

B’ e samhla annasach air an t-saoghal eadar-nàiseanta sa bheil sinn beò gum faighinn faclair Gàidhlig às Iapan far a bheil Steaphan a’ tàmh ann am pacaid air a còmhdachadh le sgrìobhadh Iapanais. Fhuair mi nam làimh faclair beag le còmhdach dathach bog is coltas air bhon taobh a-muigh mar iomadh faclair eile a gheibhear ann an cha mhòr cànan sam bith eile. ‘S e a tha dhìth air luchd cleachdaidh nam faclairean beaga seo cruinneachadh de na faclan as cumanta, beagan chomhairle mu ghràmar, is mar a ghabhas an cànan a chleachdadh gu làitheil le corra eisimpleirean. S’ e an dùbhlan ron ùghdaran seo uile a choileanadh an leabhar a ghabhas a chur am broinn pòcaid. Bha e gu bhith inntinneach dhomhsa faicinn mar a ghabh Steaphan òs làimh an dùbhlansa.

Dh’fhosgail mi an leabhar is bhuail e orm sa bhad cho soilleir sa bha dealbhadh nan duilleagan le diofar dathan is aodainnean-clò air an cleachdadh gus diofar puingean a shònrachadh. A’ dol a-steach ann na bu doimhne thogadh m’ aire gu h-ealamh le rud no dhà a bha diofaraichte bho faclairean Gàidhlig eile. ‘S e aon rud a tha àraidh mu Ghàidhlig; do luchd na Beurla co-dhiù; cho tric ’s a bhios faclan ag atharrachadh a rèir ’s mar a thèid an cleachdadh. Feumaidh an t-ùghdar co-dhùnadh a dhèanamh air dè an dreach a chleachdas e. A thaobh ainmearan ’s e an gnàth as bitheanta an ainmear a’ riochachadh leis an dreach neo-chinnteach. Tha am faclairsa air a dhol an rathad eile le bhith a’ cleachdadh an dreach cinnteach. Ged a bha seo caran neònach dhomh an toiseach nuair a mheòraich mi air thàinig e a-steach orm gu bheil reusan a’ taobhadh leis an dòigh seo. Leis gu bheil na h-uiread de dhiofar dòighean ann gus an ainmear cinnteach a chruthachadh (deich dhiubh mas math mo chuimhne) s’ e seo aon de na prìomh chnapan-starra ris an tachair an neach-ionnsachaidh. Gu dearbh s’ e seo an dearbh rud a chuir caraid dhomh dheth bho bhith a’ cumail oirre leis a’ Ghàidhlig. Far a bheil am facal air a shèimeachadh thathar a’comharrachadh seo le h an clò-Eadailteach is mar sin thèid againn air cruth bunaiteach an fhacail a dhèanamh dheth.

Tha fuaimneachadh an cois gach fhacail le siostam àraidh aig an leabhar gus na fuaimneachaidhean sònraichte Gàidhlig a dhaingneachadh. Cha ghabh siostam fuaimneachaidh sam bith àite a bhith ag èisteachd ri cànan ga bruidhinn; chan urrainnear fuaimneachadh aon chànan a mhìneacheadh tro cànan eile; ach s’ e deagh oidhirp a th’ann. Bhiodh seo feumail do luchd-ionnsachaidh aig ìre bhunaiteach a bhios gu tric a’ strì ri fuaimneachadh, no do dhaoine a tha airson faclan no abairtean sònraichte a bhith aca gun a bhith a’ dol nas doimnhe a-steach don chànan.

Tha gu leòr faclan ùra san fhaclair nach fhaighear anns na faclairean as sine; rudan mar smartphone (phone tapaidh) is helicopter (heileacoptair). Is cinnteach gu bheil sin feumail do chleachdadh àbhaisteach a’ chànain san latha an-diugh. Leis gur e leabhar beag a th’ann tha sin a’ ciallachadh gu bheil cuid a dh’fhaclan nas stèidhichte air am fàgail a-mach. Cha bhiodh sin na h-uireasbhaidh do luchd-ionnsachaidh aig ìre ìosal ach bhiodh do dhaoine a tha airson briathrachas nas beartaiche a bhith aca. Ach chan iad seo an fheadhainn as motha air a bheil an leabhar ag amas.

Dhomhsa dheth ’s e an rud as fheumaile is as fheàrr mun fhaclar na nòtaichean mìneachaidh an cois cuid de na faclan, a tha furasta an aithneacheadh leis gu bheil iad a’ nochdadh am bogsaichean liath. Fon fhacal ‘to’ mar eisimplier gheibhear, mar a bhiodh diùl, na diofar dhreachan Gàidhlig air an fhacal mar; gu, do, a; ach a bharrachd air seo thathar a’ tabhainn grunn math eisimplierean air mar a thèid am facal a chleachdadh an diofar shuidheachaidhean. Tha an aon rud fìor mu na facalan deatamach eile leithid; the, that, can, have is mar sin air adhart. An coimeas ris an leabhar gràmair àbhaisteach far am feum beagan eòlais a bhith agad ro làimh mus fhaigh thu grèim air an fhiosrachadh a tha dhìth tha seo gu math goireasach. ‘S e seo aon fheart a bhiodh feumail do luchd- ionnsachaidh aig diofar ìrean is fiù ’s do luchd-cleachdaidh a’ chànain. Tha corra chomharraidhean rim faighinn cuideachd a chuireas an co-theacsa cuid de na cleachdaidhean as cumanta sa Ghàidhlig. Cleas na leabhraichean gràmair àbhaisteach tha puing clàirean cuideachd aig an direadh a lèirigeas prionnsabablan coitcheann mar chruth ghnìomhairean, roimhearan riochdail is àireamhan.

Tron triall agam fhèin gu ruige ionnsachadh na Gàidhlig dhrùidh e orm nach e aon leabhar no goireas eile a dh’fhreagras a h-uile dhìth, ach measgachadh dhiubh. Is cinnteach gu bheil àite dhan fhaclairsa goireasach nam measg. Ged is leabhar beag e is mòr am misneachadh a lorgas na bhroinn!

– AP

Gheibhear am faclair an-seo aig Comhairle nan Leabhraichean

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach