Lèirmheas air Tairm le WHYTE

Seo agaibh Robbie MacLeòid a’ cur an cèill a smuaintean agus faireachdainn mun dàrna clàr aig Alasdair agus Ross MacIlleBhàin.

Lèirmheas air Tairm le WHYTE

Bha dòchas agam nuair a chuala mi gun robh clàr ùr air fàire aig WHYTE, ach cha b’ e dòchas gun dragh a bh’ ann. Chòrd a’ chiad chlàr aca, Fairich, rium gu mòr; chanainn nach ann a-mhàin gur e seo aon de na clàran Gàidhlig as fheàrr leam, ach aon de na clàran ciùil as fheàrr leam san fharsaingeachd. Cha robh mi cinnteach càit an rachadh an dithist MhacIlleBhàin leis an dàrna clàr. Bha Fairich cho soirbheachail ann a bhith a’ fighe seann-nòs agus ùr-nòs còmhla. Am fàsadh an leithid ràsanach? Dè mu dhèidhinn òrain ùra? Agus a bharrachd air sin, nach eil luaidh ga dhèanamh an-còmhnaidh air “dùbhlan an dàrna clàir”?

Mar sin, bha dòchas agus iomagain ri cath annam nuair a nochd Tairm. Ach chanainn, gun teagamh, gur e dòchas a bha ceart.

Tha toiseach a’ chlàir, ‘Canto’ nas coltaiche ri ceòl Mhartyn Bennett, a’ snìomh eadar na cànain agus ag èirigh mar thonn a’ sìor-fhàs mus lean e a-steach do ‘Tairm’ fhèin. Dh’fhaoidteadh gum faca tu a’ video àlainn a chaidh a dhèanamh airson an òrain; mura faca, mholainn dhut coimhead air YouTube gun dàil. Gu pearsanta, thug ‘Tairm’ fois dhomh oir bha e mar gun robh WHYTE ag ràdh “Seadh, seo dhuibh òran nach eil a-mach às an àbhaist am measg ceòl Fairich, ach a tha fhathast ùr, fhathast a’ bualadh air adhart.”

Bhon uair sin, ’s e cuairt air leth a th’ anns a’ chlàr. Gheibhear òrain sa bheil guth Alasdair air a thaisbeanadh; mholainn gu h-àraid an dreach aca air ‘Ailean Duinn’, a tha cumhachdach, dràmadach, drùidhteach. Le òrain mar ‘Canto’, agus ‘A’ Chailleach’ sa bheil Alasdair ag innse sgeulachd na Cailliche le taic-ciùil a tha a’ cur ri faireachdainn os-nàdarra a’ phìos, thig liut Ross am follais. An àitean eile, cluinnidh tu cho rèidh ’s a tha an dithis a’  co-obrachadh — cluinnear ann an ‘Casag’, mar eisimpleir, mar a tha sgilean an dithis a’ tighinn còmhla ann am pòsadh ciùil a tha cianail fhèin èifeachdach. Agus tha iad tuilleadh is deònach rudan ùr a chur romhad — èist ri ‘Fidir’, a tha làn lùths agus nach eil coltach ri òran Gàidhlig sam bith eile; air neo èist ri ‘Seòmar-cridhe’, a tha a’ cruthachadh slighe ùr airson pop na Gàidhlig anns an togail eipic aige. Tha WHYTE cho comasach air nithean ùr-nòsach agus tradiseanta a thoirt còmhla ann an co-chur air nach eil coltas sginnte idir. Chan e ceòl ùr Beurla le faclan Gàidhlig a tha seo ach, gun teagamh, ’s e ceòl ùr Gàidhlig a th’ ann an da-rìribh.

Tha WHYTE misneachail anns na tha iad a’ cruthachadh, agus ìoc, nach eil misneachd a dhìth oirnn uile. Chan eil iad cho faoin ’s gu bheil iad a’ feuchainn ri nòsan na Gàidhlig a sheachnadh airson nòsan na Beurla — agus a dh’innse na fìrinn, ’s e sin na tha aig cnag na cùise nuair a thathar a’ dol an aghaidh ceòl na Gàidhlig air sgàth ’s nach eil e “ùr” gu leòr, “eadar-nàiseanta” gu leòr, no, mo chreach, “cool” gu leòr. Is e an gliocas a th’ aig ceòl WHYTE gu bheil e a’ cur ceist air ceòl dùthchasach na Gàidhlig; tha Fairich, agus, a-nis, Tairm, nam freagairtean comasach, dòchasach, misneachail.

Le Robbie MacLeòid

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach