Lèirmheas | An Sealladh bho Chreag a’ Chaisteil

immigration‘S e cuspair a sheasas gu làidir an inntinn nan Albannach; eilthireachd; cuspair a bheanas rinn uile. Ach ciamar as urrainear dèiligeadh ri cuspair a thug uiread de bhuaidh oirnn ann an dòigh a nì feum no a dh’innseas rud nach cualas roimhe.

Seo a’ cheist a bha gam fhàgail teagmhach nuair a chaidh mi a shealltainn air dealbh-chluich mun dearbh chuspair The View From Castle Rock leis a’ chompanaidh Stellar Quines. Bha fios agam gun d’fhuair an obair aca deagh lèirmheasan nuair a nochd i aig Fèis Dhùn Èideann agus gum b’fhiach coimhead air nuair a gheibhinn fàth.

Leis nach d’fhuair mi an cothrom sin aig an fhèis fhèin, chuir mi romham gum faicinn i anns an ionad-ealain ann an Galashiels nuair a bha mi a’ toirt sgrìob do na Crìochan. Gun fhiosta dhomh bha mi air an t-àite ceart a thaghadh. Tha an dealbh-chluich mu dheidhinn teaghlaich a bhuineadh do Shrath Eadraig; a laigheas beagan mhìltean gu deas air baile Galashiels; teaghlach a thug Canada orra tràth sna 19mh linn.

Agus ’s e an t-adhbhar do bheil an dealbh-chluich cho soirbheachail, gur e aon teaghlach cuspair na sgeòil, an àite eilthireachd mar chuspair farsaing. B’ iad seo sìnnsearan ùghdar an leabhair air a bheil an dealbh-chluich stèidhichte; Alice Munro, an tè a bhuannaich duais Nobel airson litreachais ann an 2013. Dh’amais ise air na caractairean nuair a bha i a’ rannsachadh freumhan an teaghlaich aice fhèin. Gu fortanach, bha grunnan aca ann a bha dèidheil air leabhraichean-latha, litrichean is cuimhneachain a sgrìobhadh. Feumaidh gun robh litreachas san fhuil. Thug seo dhi comas air an sgeulachd aca a leudachadh gu bhith na sgeulachd ghoirid ealanta.

Tha an dealbh-chluich dìleas don sgeul chun na h-ìre ’s gu bheil na caractairean ag aithris teacsa an leabhair facal air an fhacal. Mar sin dheth, bhruidhinn iad anns an treas pearsa. ‘S e cleas neònach a bh’ ann aig an toiseach, ach dh’fhàs mi cleachdte ris gu h-ealamh is dh’fhairich mi do bhrìgh sin gun robh mi a’ sealltainn air cùisean an dà chuid bhon taobh a-staigh agus bhon taobh a-muigh, mar gun robh mi a’ coimhead air ais agus gun robh mi an làthair aig an aon àm. Tron dealbh-chluich chuir sinn eòlas air na buill dhen teaghlach cho math ’s gun robh mi a’ faireachdainn aig deireadh gnothaich gun robh mi a’ dealachadh ri seann-charaidean. A-rithist ’s e sìmplidheachd an sgeòil a neart ann a bhith a’ toirt seachad a teachdaireachd, is i stèidhichte air dà thachartas. Chunnaic sinn an teaghlach an toiseach is iad a’ toirt sgrìob a Dhùn Èideann far am faca iad, mas fhìor, costa Aimeireagaidh bho bhallachan a’ chaisteil. (B’ e costa Fìobha a bh’ ann an dà-rìribh) agus far an do chuir iad romhpa imrich a-null thuice. An uair sin chaidh sinn air bòrd soithich còmhla riutha far an do dh’fhuirich sinn gus an d’ràinig iad an ceann-uidhe. Ach bha gu leòr air a shnìomh a-steach dhan dà earrann seo, eadar sgeul beatha nan caractaran, na faireachdainnean aca, na dòchasan aca agus na h-iomagainean aca.

Agus beagan ciùil. Chan e musical a bh’ ann idir ach bha beagan seinn, is ciùil is fhuaimean nam pàirt chudromach dhen dealbh-chluich. Bha iad seo air am fighe a-steach leis a’ cho-chòmhradh ann an doigh a bha cho nàdarrach ’s gun robh iad mar aon. Cha do mhair an dealbh-chluich ach mu uair a thìde ach nuair a bha mi gus falbh dh’fhairich mi mar gun robh mi air a bhith air turas fada; thar a’ chuain siar is tro chuan de dh’fhaireachdainnean. Chan eil teagamh nach e deagh-sgeul air a dheagh innse a chunnaic mi, ach an do chuir e tionndadh ùr air an t-seanchas? Tha sinn cleachdte gu leòr le teisteanas dubhach mu chall is chàs is chianalas an lùib eilthireachd, agus bha seo na phàirt dhen sgeul, gu sònraichte nuair a chaochail balach òg air an do chuir sinn eòlas tron dealbh-chluich. Ach bha taobh togarrach cuideachd dhan sgeul a bha mu dheidhinn dòchais, is cothroim is fiù ’s àbhachdais agus s’ e seo a tha a’ toirt air an obair-san a sheasamh a-mach bho chàch, gun robh an dà thaobh air an riochdachadh. Mar a bha bàs a’ phàiste na shamhla air an taobh dubhach, ’s e breith leinibh rè an turais a Chanada a shamhlaich dhuinn dòchas san àm ri teachd. Bha mo theagamhan mun iomairt gun bhun-stèidh.

Agus dhomhsa, gu pearsanta, dè an teachdaireachd a fhuair mi às? Bha fios agam gun cuala mi sgeulachd mu theaghlach mo sheanar is mar a chaidh leth-chuid dhe a theaghlach a Chanada còmhla ri a mhàthair, is mar a dh’fhuirich esan ris a’ chòrr is athair aig an taigh. Bha iadsan an dùil ri seòladh a-null aon uair ’s gum biodh airgead gu leòr aca, ach cha do thachair sin. ‘S e sgeul doirbh a bh’ ann a dh’fhàg sgàil air an teaglach agam air taobh mo mhàthar agus is gann gum bite a’ toirt iomradh air mar a thachair am measg a cuideachd. Ach, nach robh taobh eile ann dhan sgeul? Choimhead an fheadhainn a sheòl air adhart ris an àm ri teachd, fhuair cuid dhiubh air adhart gu math is dh’fhàs iad gu bhith nan Canadianaich soirbheachail. Agus mura b’ e gun do dh’fhuirich càch cha bhithinn fhèin ann idir! Is cinnteach nach mise an aon duine a dh’fhàg an taigh-cluiche is e a’ cnuasachadh mun chuideachd aige fhèin.

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach