Lèirmheas: Beinn Lee agus Dlù – Òran Mòr

Fhuair Eòghan ro-shealladh air na bhios an amharc airson Iomall a’ Mhòid a-raoir le consairt lùthmhor le Beinn Lee ann an Glaschu.

’S e tlachd mhòr a bh’ ann a bhith ann am Baile Mòr Ghlaschu uair eile agus an cothrom fhaighinn cùirm air a chur air dòigh le Mòd Ghlaschu ann an Òran Mòr Oidhche Ardaoin.

’S e Beinn Lee a bha gu bhith romhainn agus chruinnich sluagh nach robh beag shìos na staidhre airson an còmhlan-ciùil Uibhisteach a chluinntinn.

Gu ruige seo, cha robh mi ach Beinn Lee fhaicinn anns a’ Phàirc air an àrd-ùrlar bheag ud san oisean agus an t-àite a chur thairis. Tha Osgarra air a bhith agam air an stereo sa chàr tric gu leòr agus a thaobh clàran ceilidh, tha

’S e sàr chòmhlan a th’ ann am Beinn Lee. Ceòlmhor, làn spionnaidh agus comasach air suathadh ri ruidhlichean cho math ri pùirt thraidiseanta. Bha Gàidhlig ri chluinntinn aig na buill air an ùrlar agus ann a bhith a’ bruidhinn ris an èisteachd cuideachd. ’S e eisimpleir math a bha seo do chòmhlan eile aig a bheil an cànan agus a nì cliù às na freumhan Gàidhlig aca a dh’fhaodadh a bhith fada na b’ fheàrr air a cur gu feum sna cùirmean aca.

A thaobh a’ chonsairt, ruith iad tron chiad chlàr aca, agus dh’fhairich mi gun robh e gu math gleansach. Bidh feadhainn a’ gearain mu dheidhinn seo leis gum bi iad ag ràdh gum biodh iad ceart cho math fuireach aig an taigh is èisteachd ris a’ chlàr. Ach dhomh fhèin, tha e na shamhla air talent a’ chòmhlain gu bheil iad comasach cluich aig ìre àrd beò agus leis cho beòthail ’s a tha an clàr fhèin, thàinig sin tarsainn air feadh a’ chùirm, le Pàdruig Moireasdan agus Màiri-Thérèse a’ bocadaich is a’ glacadh ar n-aire.

Tha na pùirt is na h-òrain air an deagh chur a-mach agus feumaidh gu bheil eòlas dòmhain Phàdruig Mhoireasdain a’ cumail rian air seo, ach neart anns a’ cheòl a’ tighinn o Anna NicIlledhuibh air a’ mheur-chlàr is AJ MacAonghais air na drumaichean. Abair deagh bhlast o Mhicheal Steele air a’ phìob is air na fideagan cuideachd!

Tha iad gu math fortanach cuideachd gu bheil deagh sheinneadair aca ann an Seumas Stiùbhart a tha comasach air dol cho math eadar Gàidhlig is Beurla, agus ma thèid iad air adhart gus clàran eile a dhèanamh, bidh e inntinneach faicinn mar a bhios a ghuth aige a’ leasachadh agus na h-òrain a nì iad mar chòmhlan gus seo a thaisbeanadh.

Bha taic a’ tighinn bho chòmhlan òg ùr, Dlù, le ceathrar a thàinig tro Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, Moilidh NicGriogair, Sgaire Ronan, Aidan Speirs agus Anndra Grossart agus fear eile. Ged a bha iad òg agus bho àm gu h-àm fhathast caran cearbach is stolda air an àrd-urlar, bha an t-uamhas de spionnadh sa cheòl agus thig barrachd cleas is clì le misneachd agus tìde gun teagamh. Cùm cluas ri claistneachd air an son.

’S e deagh oidhche air a chur air dòigh gu math a bh’ anns a’ chùirm seo. Is cìnnteach gum bi e math am Mòd a bhith ann an Glaschu far a bheil tòrr den t-sluagh againn a’ fuireach. An tèid am Mòd a shlugadh ann an àite cho mòr is cho trang? Chì sinn ma thèid, ach ma tha consairtean cho math ri seo air iomall a’ Mhòid, bidh na daoine a bhios aig Fèis Mhòr nan Gàidheal toilichte co-dhiù.

 

http://beinnlee.com/ Beinn Lee

http://www.dluband.com/ Dlù

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach