Lèirmheas Cuirm | Am Brusach 700

Leis gu bheil Alba a’ comharrachadh 700 bliadhna bhon a thachair Blàr Allt a’ Bhonnaich, blàr deireannach Ciad Chogadh na Saorsa (1314), abair gu bheil sùilean na h-Alba air sgìre Shruighlea air an deireadh-sheachdain seo. Cuir ri sin gu bheil Latha nam Feachdan Armaichte gu bhith a’ tachairt a-màireach air àrd-shràidean baile Shruighlea, tha gach bùth is bàr ag ullachadh airson meall mòr dhaoine a bhios a’ taomadh a-steach sna làitheachan a th’ ann.

Thòisich sreath-phrògram na deireadh-sheachdain a-raoir aig Talla Albert, Sruighlea, le prìomh-thaisbeanadh de chuirm-chiùil ghasta a shònrachadh buaidh a’ Bhrusaich. ’S e Ailean Dòmhnallach a bha os cionn ghnothaichean aig ‘The Bruce 700’, le taic-rèiteachaidh ciùil bhon cheòl-sgrìobhadair aithnichte Niall MacIain.Untitled

Bha Am Brusach 700 a’ leantail air An Uallas 700, a thachair ann an 2005, a chomharraich 700 bliadhna bhon a chaidh Sir Uilleam Uallas, Fear-glèidhidh na h-Albainn ri linn Ciad Chogadh na Saorsa, a bhrathadh agus a mharbhadh ann an Lunnainn. Bha a’ chuirm seo a’ riochdachadh èirigh a’ Bhrusaich gu cumhachd ann an Alba tro chaochladh de shiùbhlaichean spracail.

Anns an dara leth, thòisicheadh le seata aig pìobaire òg, agus e air a leantail le òrain ghleusta bho na sàr-sheinneadairean Kathleen NicAonghais agus Rod Paterson. Leanadh le pìobaire ionadail eile, Craig Muirhead, a bhuineas do dh’Allt a’ Bhonnaich fhèin. Bha Craig an làthair a’ cluich aig An Uallas 700 ann an 2005 dar a bha e 15 bliadhna a dh’aois, agus tha e a-nise gu math aithnichte ann an saoghal na pìobaireachd agus e na mhàidsear-pìoba air Còmhlan-Pìoba Nàiseanta na h-Òigridh ann an Alba.

Anns an leth eile, theann am prògram ri prìomh thàladh na h-oidhche. Bha measgachadh de dh’ionnsramaidean air an cleachdadh gu sgileil ann – feadag, fìdheall, beus-fhìdheall, saxophone, oboe, clàrsach, drumaichean, pìob mhòr (gleus A agus Bb), pìob bheag, phìob Èireannach. Thàinig iad uileadh còmhla, fa chomhair seinn iongantaich, gus fìor dheagh phìos ciùil a chruthachadh.

Thòisich am pìos le overture agus an uair sin le ùrlar na pìobaireachd ‘An Ceapadh Eucorach’ (The Unjust Incarceration). A’ leantail air, thugadh brosnachadh-cogaidh sgairteil aig Griogair Labhruidh, seinneadair aig a bheil guth air leth cumhachdach ann a bhith toirt a-mach ceòl dùthchasach. Fa chomhair pìobaireachd shlaodaich, theann am pìos ri caismeachd, le cluicheadairean òga à Còmhlan-Pìoba Shruighlea, mun do thòisich am blàr fhèin.

’S e an siubhal bu thiamhaidh a bh’ ann dar a thàinig an tuasaid fhuaimneach bhreisleachail gu crìoch agus a thòisich Kathleen ri bhith caoineadh. B’ e coltas os-nàdarra air a’ chaoineadh – traidisean Gàidhealach a bha uair fada san dualchas – a thugadh crith tro bhodhag gach aon san luchd-èisteachd agus a chuir uimhir de dh’ealantas is doimhneachd don chuirm.

Bho sin a-mach, thòisicheadh caismeachd togarrach agus port-cruinn a lean gu Rod Paterson ’s e a’ seinn ‘Scots Wha Hae’ – an t-òran a rinn Raibeart Burns mun Bhlàr. Chrìochnaich a’ chuirm le laoidh sìmplidh èifeachdach a rinn Ailean Dòmhnallach e fhèin aig an robh faclan leithid ‘thèid is gun tèid mi le mo dheòin’ agus ‘freedom for all from the few’.

Uile gu lèir, bha a’ chuirm seo barraichte. Bho na seinneadairean aithnichte gus a’ chlann agus deugairean ionadail a ghabh pàirt ann, fhuaireadh deagh fhaireachdainn gun robh a’ chuirm a’ buntainn ri coimhearsnachd agus a’ toirt àrd-ùrlar don òigridh ceòl dùthchasach a thaisbeanadh do luchd-èisteachd a thàinig mìltean a dh’astar. Tha e annasach a bhith smaointinn gu bheil 700 bliadhna bhuaithe a-nise, tha Blàr Allt a’ Bhonnaich fhathast a’ toirt buaidh air cultar is dualchas an t-sluaigh air an latha an-diugh. Mas e aon chomharra a bha seo air na bhios ann tron deireadh-sheachdain ann an Allt a’ Bhonnaich, bidh mi a’ frithealadh gach rud.

Liam Alastair Crouse

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach