Lèirmheas | Faclair-pòca Fraingis/Gàidhlig – Gàidhlig/Fraingis

faclair_fr-gaAg iarraidh cànan eile a thogail sa bhliadhn’ ùr? Dè a’ Ghàidhlig air je ne sais quoi? Steaphan a’ toirt sùil air Faclair Gàidhlig / Fraingis. Allons-y!

Chaidh faclair Gàidhlig a chur thugam bho chionn dà sheachdain; faclair a bh’ air fhoillseachadh ann an 2015 ach nach do laigh mo shùil air thuige seo. Cha mhotha a chunnaic mi lèirmheas ma dheidhinn sa Ghàidhlig ach dh’fhaodadh gun deach fear a dhèanamh air gun fhios dhomh.

Cho fad ʼs as aithne dhomh fhìn agus don ùghdar, Loig Cheveau, ʼs e seo a’ chiad fhaclair Gàidhlig / Fraingis – Français / Gaélique Écossais a rinneadh a-riamh. Dh’ iarr am foillsichear, Yoran, air Loig an leabhar a chur ri chèile ann an 2010 ach cha robh de dh’ùine aige dol am bad na h-obrach gus 2013. Thàinig an t-saothair gu crìoch ann an 2014, agus chuireadh a-mach an leabhar ann an 2015.

Tha Loig a’ fuireach an-diugh anns a’ Bhreatainn Bhig, agus ʼs ann às an dùthaich cheilteach seo a tha cuideachd a sheanmhar taobh athair, ged a rugadh ʼs a thogadh e fhèin ann am Paras.  ʼS e ainm Breatannais a th’ ann an Loig, no Loïc, ainm-baistidh aig a bheil co-dhàimh ris an ainm fhrangach, Louis. Do bhrìgh sin, tha e a’ toirt Lùthais air fhèin sa Ghàidhlig.

Ghabh Lùthais ùidh sna cànanan Gàidhealach an 1996 aig 16 bliadhna a dh’aois, a’ tòiseachadh air Èireannais agus an uair sin, air Albannais ann an 1997. ʼNa fhaclan fhèin, ʼs i a’ Ghàidhlig Èireannach as deise dha na a’ Ghàidhlig Albannach. Bho chionn grunn bhliadhnaichean, thionail is chuir e ri chèile faclair Gaeilge / Fraingis – Français / Irlandais; uime sin, dh’fhaighnich mi dha dè a b’ fhasa a dhèanamh – am faclair Èireannach/Frangach no am faclair Albannach/Frangach.

B’ e am faclair Èireannach/Frangach a b’ fhasa dha a chionn ʼs gu bheil barrachd eòlais aige air briathrachas na h-Èireannais na th’ aige air Albannais. Bha aig Lùthais ri tuilleadh dearbhaidh a dhèanamh air na faclan Albannach na dh’fheumadh e don fhaclair Èireannach-Frangach, agus chuir sin beagan maille air mus robh e rèidh. Gidheadh, bhon a bha am faclair Èireannach a thionail e roimhe ann, dhearg e air tòrr mòr de na faclan Albannach a chur air na faclan Èireannach gun cus spàirn.

Nuair a ràinig am faclair sa phost, bha othail nach beag orm an leabhar fhaicinn nam làmhan, oir tha mi ag ath-ionnsachadh na Fraingis bhon a leig mi seachad i an dèidh ceum a thoirt a-mach o chionn 16 bliadhna. Seo leabhar a dh’fhaodadh a bhith na dheagh ghoireas do sgoilearan Fraingis ann an sgoiltean Gàidhlig le còrr is ‘9,000 facal no eadar-theangachadh … ann an cainnt an latha an-diugh’. Aig toiseach an leabhair, gheibhear geàrr-iomradh san Fhraingis air eachdraidh na Gàidhlig le foir-theagasg gràmar na Gàidhlig às a dhèidh. San earrann Gàidhlig/Fraingis, gheibhear an aon rud anns a’ Ghàidhlig mu eachdraidh na Fraingis, agus mar an ceudna, mìneachadh air gràmar bunaiteach na Fraingis tro mheadhan na Gàidhlig.

A thuilleadh air an fhaclair Gàidhlig/Fraingis agus an fhaclair Gaeilge/Fraingis, b’ e Lùthais an t-eadar-theangaiche aig faclair Gaeilge/Briotánais a gheibhear air làrach-lìn Yoren. Tha leabhar-gràmair na Breatannais sa bheairt aig Lùthais airson Faoilleach 2017, stèidhichte air an dualchainnt a bhuineas do sgìre Vannes.

  • Steaphan

 

Share

3 thoughts on “Lèirmheas | Faclair-pòca Fraingis/Gàidhlig – Gàidhlig/Fraingis

  1. Hai, càite bheil am faclair-pòca seo air an reic? Choimhead mi suas “Yoran” ach cha d’fhuair mi sian, a bheil link agaibh? Taing mhòr! 🙂

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach