Lèirmheas Film: Berberian Sound Studio

Chaidh Calum MacLeòid, buannaiche aon de Dhuaisean nan Sgrìobhadairean ùra 2014, a choimhead air a’ film Berberian Sound System, agus seo againn deagh gheàrr-chunntas mu dheidhinn.

Berberian Sound Studio

Uaireannan, chan fheumar ach beagan a chluinntinn mu dheidhinn film is bidh làn cinnt agad gu bheil thu airson am film ud fhaicinn. Nuair a chuala mi gun robh an cleasaiche Toby Jones a’ gabhail pàirt ann am film mu dheidhinn a bhith a’ cruthachadh fuaimean-Foley airson film oillte ‘Giallo’, bha mi airson fhaicinn anns a’ bhad. ’S dòcha gum bi sin nas fhasa a thuigsinn ma mhìnicheas mi cuid de na briathran sin.

Toby Jones: Cleasaiche sgoinneil a nochd ann am filmichean leithid Infamous agus Tinker, Tailor, Soldier, Spy, agus a chluich The Dream Lord, ann an aon de na h-eapasodan as inntinniche de Dr Who bho chionn beagan bhliadhnaichean  – “Amy’s Choice”.

Fuaim-Foley: Dòigh anns am bi fuaimean a bharrachd air cainnt is ceòl air an cruthachadh airson filmichean. Bho fuaim bròige air cabhsair, gu gunnaichean-leusair a’ losgadh. Tha cuid de na dòighean obrach aig einnseanairean fuaime-Foley uabhasach fhèin inntinneach agus ’s e pàirt cudromach a th’ ann a bhith a’ cruthachadh traca-fuaime airson film sam bith, ach gu h-àraidh, filmichean oillte.

Giallo: Facal Eadailtis airson “buidhe”, ach a tha cuideachd a’ ciallachadh gnè de filmichean oillte bhon dùthaich sin a nochd sna 60an agus 70an, filmichean làn fòirneirt is fala, tracaichean-fuaime probhail agus stoidhlean àraidh.  ’S ann às na filmichean aig Dario Argento, nam measg Susperia, agus L’Uccello dalle Piume di Cristallo a gheibh sinn na h-eisimpleirean as fheàrr den ghnè.

Ann am Berberian Sound Studio, tha Guilderoy (Toby Jones), einnseanair-fuaime, a’ tòiseachadh dreuchd ùr air film The Equestrian Vortex anns an Eadailt. Ged a tha e na einnseanair-fuaime cliùiteach, tha e soilleir gu luath nach eil Guilderoy cleachdte ri bhith ag obair ann an stiùideo clàraidh den t-seòrsa. Cuideachd, tha tòrr dhuilgheadasan aige le cultar-obrach an stiùideo seo agus leis nach eil facal de dh’ Eadailtis aige. Shaoileadh tu nach biodh Guilderoy cofhurtail ann an suidheachaidhean sòisealta fiù ’s air ais ann an Sasann, ach tha cùisean nas dorra buileach dha a bhith ag obair air a’ film seo.

Cha robh fios aig Guilderoy nuair a ghabh e an dreuchd gur e film oillte a bh’ ann agus tha e soilleir nach eil e measail orra no cofhurtail air a bhith a’ cruthachadh nam fuaimean a bhios a’ co-fhreagairt ris na tachartasan dorcha anns a’ film. Bha Guilderoy bochd den bheachd gum b’ ann mu dheidhinn eich a bha The Equestrian Vortex, seach bana-bhuidsichean, creòtachd agus murt. An t-uabhas muirt.  Ach tha e a-nis anns an Eadailt, às aonais airgid gu leòr airson teicheadh agus mar sin feumaidh e an obair a dhèanamh. Chan fhada gus a bheil sinne san luchd-amhairc a’ faireachdainn ceart cho glacte ann an saoghal dorcha an stiùideo ’s a tha Guilderoy.

Rud a tha cudromach mu dheidhinn Berberian Sound Studio: cha bhi an stiùiriche Peter Strickland a’ sealltainn dhuinn aon fhrèam den film air a bheil Guilderoy is càch ag obair. Chan fhaic sinn mòran fòirneirt idir. Ach chì sinn, anns cha mhòr gach sealladh, buaidh an fhòirneirt air Guilderoy. Mar eisimpleir, aon latha feumaidh e fuaimean a chruthachadh a cho-fhreagras ri cuideigin a’ slaodadh falt à ceann bana-bhuidsich. Chan fhaic sinne ach Guilderoy a’ sracadh uinneanan-earraich gus am fuaim ceart a chruthachadh, ach an cois sgreuchan bho traca eile agus fios againn dè tha dol air an sgrìn, tha e doirbh a bhith ga choimhead.

Aig cridhe a’ film ’s ann mu dheidhinn a bhith ag obair ann an dreuchd agus cultar-obrach nach eil fallain no freagarrach a tha e, gu h-àraidh, chanainn, ann an saoghal nam meadhanan. ’S e àite fuath-dùinteach (clostrafòbach) a  th’ ann an saoghal Berberian Sound Studio. Chan fhaic sinn dad den t-saoghal taobh a-muigh an stiùideo ach àras beag far a bheil Guilderoy a’ fuireach. Aon ìomhaigh a thilleas uair agus uair, ’s e sin cluicheadairean ann am bogsa bìodach de bhùthan-fuaime, coltach ri ciste-laighe, agus iad a’ sgreuchail airson an traca-fuaime. Cha tèid aig Guilderoy a sgreuchail, airson iomadh adhbhair agus tha seo, agus pailteas adhbharan aige airson a bhith a’ sgreuchail, a’ toirt air atharrachadh.

Nuair a chrìochnaich Berberian Sound Studio bha e mar gun robh mi air film fuilteach, làn fòirneirt a choimhead agus, gu ìre mhath, sin dìreach na bha mi air dèanamh. ’S e film cumhachdach agus neònach a’ th’ ann am Berberian Sound Studio a chòrdas ri duine sam bith a tha measail air film oillte, gu h-àraidh Giallo, ach cuideachd na filmichean buaireasach, àraidh aig David Lynch. Cuideachd, chanainn gun còrdadh e ri duine sam bith a tha ag obair le fuaim no a’ craoladh bho stiùideo beag dùinte.

Le Calum MacLeòid

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach