Lèirmheas Film | Fading Gigolo

Dh’fhaoidte nach aithne dhut an t-ainm John Turturro, ach ’s cinnteach gum bi thu air fhaicinn. Mar as àbhaist, cha bhi e a’ cluich na prìomh phàirt (b’ esan Jesus Quintata ann an The Big Lebowski agus Pete Hogwallop ann an O Brother, Where Art Thou?) agus chanadh tu gur e cleasaiche caractair a th’ ann, seach leading man.

Chan ann an turas seo. Leis gun deach Fading Gigolo a’ sgrìobhadh agus a’ stiùireadh le Turtorro, bha cothrom aige a’ phàirt as motha a thoirt dha fhèin. Agus abair pàirt a th’ ann. Tha e a’ cluich Fioravante, plumair a tha cuideachd ag obair ann am bùth-fhlùraichean – combo cumanta ann an New York, ’s dòcha. Ach an tàlant as motha a th’ aige, ’s e a bhith a’ riarachadh bhoireannaich, tro fheis, airson airgid.

Chan eil e soilleir an robh fhios aig Murray (caraid do Fhioravante, air a chluich le Woody Allen) gun robh an tàlant seo aig a charaid mus tàinig am beachd thuige gum biodh siùrsachd na deagh dhòigh air beagan airgid a chosnadh. Leis gu bheil bùth-leabhraichean Mhurray a’ dùnadh, tha an dithis aca feumach air airgid.

FG1An toiseach, ged nach eil sgillinn ruadh aige, chan eil Fioravante ro dheònach a bhith na gigolo. Ach tha e a’ fàs cleachdte ris a’ bheachd luath gu leòr, agus mus canadh tu diog, tha e a’ nochdadh le poit fhlùraichean Iapanach aig taigh a’ chiad chustamair aige, Dr Parker (dotair craicinn do Mhurray, air a cluich le Sharon Stone). Agus tha e cho math air an obair ùr aige, a rèir coltais, nach eil mòran aig Murray ri dhèanamh gus leabhar-latha Fheoravante a lìonadh.

‘S e toiseach-tòiseachaidh car neònach a tha seo, agus tha e a’ fàs nas neònaiche buileach nuair a thig an caractar Avigal a-steach don sgeulachd. ‘S e banntrach Iùdhach a th’ innte sa choimhearsnachd Hassaideach ann am Brooklyn, air a cluich le Vanessa Paradis. Nise, ma bha e doirbh a chreidsinn gun robh boireannach cho brèagha ’s beartach ri caractair Sharon Stone a’ pàigheadh cuideigin mar Fioravante airson feise, tha e a ceart cho doirbh a chreidsinn gu bheil Vanessa Paradis na banntrach Hassaideach à Brooklyn, gu h-àraidh leis gu bheil blas làidir Frangach aice. Ach, mar a thuirt mi, ’s e film car neònach a tha seo.

Tha Murray a’ dol gu taigh Avigal air tàilleibh ’s gu bheil mialan air fear den leas-chlann aige. (Chan eil Turtorra ag innse dhuinn cò a’ chlann seo, no carson nach eil cìr son mhialan-fuilt aig taigh Mhurray fhèin, ach coltach ri tòrr phìosan eile den sgeulachd, feumaidh sinn dìreach gabhail ris.) Fhad ’s a tha Avigal a’ toirt dheth na mialan, tha Murray a’ bruidhinn rithe mu bhàs an duine aice, a bha na rabaidh Hassideach, ’s e a’ faighneachd dhi a bheil i aonaranach. Beagan an dèidh sin, tha Murray air ais aig taigh Avigal (’s ise a’ deasachadh aran an turas seo) agus a-rithist tha e a’ bruidhinn rithe mu aonaranachd, agus a’ faighneachd a bheil i airson dhol a-mach agus a’ coinneachadh ri daoine.

Fuirich mionaid, smaoinich mi. A bheil e dha-rìribh a’ feuchainn ri custumair eile fhaighinn do Fhioravante an seo? Banntrach rabaidh Hassaideach? Tha e toirmisgte dhi a ceann a shealltainn do dhuine sam bith gun ad no gruag-bhrèige air. Tha i toirmisgte dhi làmh duine eile a chrathadh. Tha e fiù ’s toirmisgte dhi leabhraichean a leughadh. A bheil ise gu bhith idir deònach feis a cheannach?

Tha fhios aig Murray air seo, agus mar sin, chan e ach massage a tha Fioravante a’ toirt do Avigal seach rud sam bith eile. Aig an dàrna coinneamh aca, ’s e dìnnear kosher a tha e a’ toirt dhi. A bheil Avigal ga phàigheadh? Chan eil e soilleir. Rudeigin a tha soilleir, sin nach eil fhios aig Avigal gur e gigolo a th’ ann, agus beag air bheag tha gaol a’ fàs eatarra (a-rithist, dìreach gabh ris).

Aig an àm seo san fhiolm, shaoileadh tu gun robh thu air dà fhilm eadar-dhealaichte fhaicinn. Ach chan eil e deiseil fhathast. Ron deireadh, ann an scene coltach ri rudeigin eadar film Woody Allen fhèin agus sgeids Monty Python, bidh Murray a’ nochdadh ann an cùirt Iùdhach airson a bhith a’ pimpeadh, air beulaibh loidhne seann rabaidhean le feusagan fada orra.

Ged a tha am plot caran craicte, ann an dòigh ’s e Fioravante fhèin an rud as neònaiche mun fhiolm. Chan eil mòran aige ri ràdh, ged a tha e aig cridhe an fhilm. Leis gu bheil an caractar cho socair, tha cus ùine againn a bhith a’ smaointinn air na rudan san sgeulachd nach eil a’ dèanamh ciall (agus tha gu leòr dhiubh ann). Aig a’ cheart àm, ge-tà, chan eil am film buileach dona. Ma tha thu dèidheil air filmaichean Woody Allen, bidh an ceòl jazz, an suidheachadh ann an New York agus actadh Allen fhèin a’ còrdadh riut.

Chan eil teachdaireachd làidir san fhilm idir; chan eil mi cinnteach dè tha Turturro a’ feuchainn ri ràdh an seo. An ann mu dheidhinn aonaranachd a tha e? Mun dàimh eadar boireannaich ’s fireannaich? Càil a dh’fhios agamsa. Aig a’ cheann thall, ’s dòcha gu bheil e a cheart cho math dhuinn gun a bhith a’ smaointinn air cus – agus dìreach a’ gabhail ris.

– Rhona NicDhùghaill

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach