Lèirmheas Fiolm | Inside Llewyn Davis

Cha deach a mholadh airson nan duaisean mòra aig na Golden Globes no aig na h-Oscars am-bliadhna, ach tha am fiolm ùr bho Joel ’s Ethan Coen, Inside Llewyn Davis, air iomadh lèirmheas 5-rionnagach fhaighinn. Tha e stèidhichte ann an Greenwich Village, 1961, sna làithean dìreach mus tàinig Bob Dylan a-steach don t-saoghal ciùil folk ’s a thug atharrachadh air.

‘S e an geamhradh a th’ ann, ’s gach sealladh den fhiolm air a chuairteachadh le sneachd salach ’s dathan dorcha. Tha Llewyn a’ cadal air sèis aig caraid diofraichte gach oidhche, gun obair, gun dachaigh, gun direction home. Ach ged as e ceum air adhart gu linn ùr na cheòl a bh’ ann an Like a Rolling Stone dha Dylan fhèin, chan eil ann dha Llewyn ach sgeulachd dhuilich a bheatha. How does it feel? tha Dylan a’ faighneachd. An fhreagairt bho na Coens: caran dona.

Aig toiseach an fhiolm, tha sinn a’ cluinntinn Llewyn a’ gabhail an òrain “Hang Me, Oh Hang Me” air an àrd-ùrlar aig an Gaslight Cafe, ’s e a’ seinn, “Wouldn’t mind the hangin’, but the layin’ in the grave so long”. Gu dearbh, tha Llewyn deònach a bhith a’ fulaing airson an “art” aige, agus aig amannan chan eil e soilleir a bheil e comasach dha sgaradh a dhèanamh eadar am fulang agus an “art” fhèin. ‘S e na daoine eile san fhiolm a tha a’ cluich gigs, a tha a’ faighinn cùmhnantan clàraidh, an àite Llewyn, ach tha e den bheachd gur esan am fìor neach-ealain, leis gu bheil e a’ strì.

insidellewyndavis

“You don’t look Welsh”, tha an ceòladair jazz Roland Turner (John Goodman) ag ràdh ri Llewyn, agus chan eil e ceàrr. ‘S e an cleasaiche Oscar Isaac a tha ga chluich (Drive, The Bourne Legacy), agus le gruag chasta ’s feusag dhorcha air, chan eil e buileach coltach ri seinneadair folk nas motha – smaoinich air Che Guevara ann an geansaidh-snàith. Ged as ann às a’ Chuimrigh a tha athair Llewyn bho thùs, thogadh Llewyn fhèin ann an New York, agus tha am blas aige nas fhaisge air Adam Sandler na Art Garfunkel.

“You’re no front man,” tha fear bucaidh ag ràdh ris an dèidh audition ann an Chicago, ’s e a’ toirt buille eile dha Llewyn an dèidh dha seinn gu dùrachdach. Dh’fhaodadh tu sin a ràdh ma dheidhinn mar phrìomh charactar an fhiolm, cuideachd; chan eil na Coens a’ toirt scene mòr, brìgheil dha, chan eil iad a’ toirt neach-gaoil dha – chan eil iad a’ toirt plot dha, cha mhòr. Gu dearbh, tha Llewyn leis fhèin an dèidh don chom-pàirtiche ciùil aige, Mike Timlin, làmh a chur na bheatha fhèin; tha am fiolm fo sgàil a bhàis dìreach mar a tha e fo sgàil bàs dòchas Llewyn.

Tha e coltach gun robh a h-uile duine measail air Mike – na ceòladairean eile Jim ’s Jean, na Gorfeins a tha a’ leigeil le Llewyn fuireach san taigh aca – agus ged nach eil iad cho measail air Llewyn, tha iad còir ris leis gu bheil e a-nis na aonar. Mar a bhios na Coens a’ dèanamh a-rithist ’s a-rithist nam fiolmaichean, far nach bi gaisgich ann ach daoine car mì-fhortanach, a’ nochdadh aig an àm cheàrr, tha am fiolm a’ cur fon phrosbaig beatha an duine eile, an sidekick, an gille cas-fhliuch an àite a’ cheann-cinnidh. Leis a bhith a’ cur Justin Timberlake mu choinneamh Llewyn mar an seinneadair Jim, an alpha-frontman le falt faileasach, cha mhòr nach eil na Coens a’ magadh air Llewyn.

Trio

Tha Llewyn math air seinn – ach am bi sin gu leòr? “I’m not a performing monkey,” tha e ag ràdh aig aon àm san fhiolm ’s na Gorfeins ag iarraidh air seinn aig dìnnear, agus tha am frionas sin ann fad an fhiolm. Tha Llewyn ag iarraidh airgead a dhèanamh à ceòl, ach aig a’ cheart àm chan eil e cofhurtail leis a’ cho-rèiteachadh a th’ ann eadar an ceòladair agus an luchd-èisteachd. Tha dìmeas aige don luchd-èisteachd aig an Gasglight, ’s iad a’ cur luach air seinneadairean eile – ach tha dìmeas aige air na Gorfeins, cuideachd, a tha a’ cur luach ann an ceòl Llewyn fhèin.

Ged a tha Llewyn gruamach ’s mì-mhodhail, tha truas againn dha fhathast; chì sinn fo uachdar a’ charactair nuair a bhios e a’ seinn, agus aig àm no dhà eile san fhiolm, tro shàr obair a’ chleasaiche Oscar Isaac (nach do dh’aithnich mi idir bho Drive).  Tha Carey Mulligan, a bh’ ann an Drive còmhla ri Isaac, a’ cluich a’ charactair Jean, ach ged as e cleasaiche air leth a th’ innte, ’s e Jean fear de na laigsean a bh’ ann san fhiolm dhomh, ged a tha i gu ìre mhath cudromach. A bheil Llewyn ag iarraidh a bhith còmhla rithe, no an e one night stand a bh’ ann eatarra, uaireigin ro thoiseach an fhiolm? Cò aig a tha fios – chan eil gu leòr aig a’ charactar ri ràdh gus an dàimh sin a chur seachad dhuinn. (Gu dearbh, mar a’ mhòr-chuid de dh’fhiolmaichean, cha dèan Inside Llewyn Davis cho math a thaobh an Bechdel test – chan eil cothrom aig Jean bruidhinn ri boireannach eile.) Faisg air deireadh an fhiolm, tha Llewyn ag ràdh “I love you” gu h-obann ’s gu luath ri Jean, agus ann am fiolm stiùiriche eile, ’s e scene mòr a bhiodh ann, ach chan eil na Coens fiù ’s a’ toirt a’ chothroim dhuinn – no dha Llewyn – a bhith ag obrachadh a-mach dè tha e a’ ciallachadh.

Ma thèid thu a-steach don fhiolm le dùil gum bi rudeigin cudromach a’ tachairt, ’s e briseadh dùil a bhios ann – chan e sin an seòrsa fiolm a tha seo. Tha tòrr ann, ach ’s e na rudan beaga, na nithean mionaideach – agus ìre chluich Oscar Isaac – anns a bheil luach an fhiolm. A-nis, beagan làithean an dèidh dhomh fhaicinn, tha mi airson am fiolm fhaicinn a-rithist; ann an dòigh, ’s ann an dèidh dha crìochnachadh a tha e a’ bualadh ort dè cho math ’s a bha e – caran coltach ri seinneadair folk neo-aithnichte nach do chuir a-mach ach aon chlàr, tràth sna 60an.

– Rhona NicDhùghaill

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach