Lèirmheas Fiolm | Spotlight

Spotlight (1)

Chaidh Rhona a dh’fhaicinn Spotlight – fiolm stèidhichte air an sgainneal droch-dhìol Chloinne san Eaglais Chaitligich ann am Baile nam Beans – fiolm cnuasachail, cruaidh.

Bhon toiseach, chan eil e doirbh a chreidsinn gur e sgeulachd fhìor a tha ga innse san fhiolm ùr Spotlight, mu dhroch-dhìol chloinne na h-Eaglais’ Chaitligich a chaidh fhoillseachadh leis a’ Bhoston Globe ann an 2002.

Tha a’ mhòr-chuid den fhiolm stèidhichte ann an oifis sgioba Spotlight aig a’ Ghlobe, an sgioba beag de cheathrar a thug an sgeulachd uamhasach sin a-mach à dorchadas an dìomhaireachd. Tha na seòmraichean mì-sgiobalta, tha na daoine mì-fhasanta agus ged a tha ainmean mòra Hollywood a’ nochdadh san fhiolm – Michael Keaton, Rachel McAdams, Mark Ruffalo – chan eil cus glàmair ri fhaicinn ann.

Tha na h-actairean uile a’ cluiche daoine a bha an sàs ann an 2002 – luchd-naidheachd ’s luchd-lagha – ann an dòigh bheag, shàmhach. Chan eil mòran dràma pearsanta ann ’s iad ag obair air an sgeulachd; tha an aire, agus ar n-aire-sa, air a ghlacadh leis an rannsachadh ’s iad a’ cur ri chèile am fianais an aghaidh na h-Eaglaise, beag air bheag, ceum an dèidh cheum.

Cha mhòr nach eil an stiùiriche, Tom McCarthy, ag amas air stoidhle aithriseach, agus tuigidh sinn carson. Tha e airson ’s gum bi an sgeulachd ghràineil sin – gu robh 70 sagart ann am Boston ri droch-dhìol chloinne agus gun robh làn fhios aig ùghdarrasan na h-Eaglaise ma dheidhinn – an rud as cudromaiche san fhiolm, seach an luchd-naidheachd no na h-actairean a tha gan cluiche.

Aon turas san fhiolm, chì sinn fear den luchd-naidheachd (Michael Rezendes, caractair Ruffalo) a’ fàs fiadhaich, faireachail mun chùis. Ach an dèidh an t-seallaidh dhràmataich sin, tha e a’ faighinn trod bhon deasaiche agus a’ toirt a leisgeulan don co-obraichean aige. Cha mhòr nach eil am fiolm ag innse dha – agus dhuinn – “Chan ann mud dheidhinn a tha seo”. Feumaidh sinn an sgeulachd innse, agus sin e. Sin a rud a tha cudromach an seo.

Mar sin, chan e fiolm brèagha, ealanta a th’ ann an Spotlight. Chan eil gaisgich rin lorg ann nas motha. Ged a tha sgioba a’ Ghlobe ag obair gu cruaidh air an sgeulachd a-nise, tha sinn a’ cluinntinn gun deach innse dhaibh mun sgainneal bliadhnaichean air ais, ach nach deach càil a dhèanamh ma dheidhinn.

A rèir coltais, bha leth-fhios aig a h-uile duine, cha mhòr, gun robh rudeigin uamhasach ceàrr a’ tachairt ann am Boston, ach fad bhliadhnaichean cha robh duine sam bith airson coimhead air, luchd-naidheachd a’ Ghlobe nam measg.

Gu dearbh, ’s ann bhon deasaiche ùr, Marty Baron – duine o thaobh a-muigh Bhoston ’s taobh a-muigh na h-Eaglaise – a tha am beachd a’ tighinn gum bu chòir don Ghlobe a’ chùis a sgrùdadh a-rithist. Tha Baron cuideachd den bheachd gur e an sgeulachd as motha an dòigh anns an deach a’ chùis a làimhseachadh – no a cleith – leis an Eaglais, seach an droch-dhìol fhèin.

Sin an rud a bha nam inntinn, co-dhiù, às deidh dhomh am fiolm fhaicinn ’s mi a’ coiseachd air ais don flat agam, ri taobh na àrd-eaglais. Gu mì-fhortanach, tha sinn a’ fàs cleachdte ri sgeulachdan droch-dhìol, ach tha e fhathast doirbh a chreidsinn gun do chur buidheann Crìostail clann fo chunnart airson an cuid chliùtha a ghlèidheadh. Doirbh a chreidsinn gun robh – agus gu bheil fhathast – daoine mar sin aig cridhe buidheann aig an robh còir a bhith math, ’s olc a’ fuireach ann an àite aig an robh còir a bhith sàbhailte.

– Rhona

Share

2 thoughts on “Lèirmheas Fiolm | Spotlight

  1. Am faca tu fiolm ‘Philomena’? Na rudan a bha an Eaglais a’ dèanamh – ’s a’ cleith… tha iad uamhasach. ‘S tha beagan cuimhne agam fhèin nuair a thàinig seo mu sgaoil am measg choimhearsnachdan cho dlùth-Chaitligeach, agus na thachair na dhèidh.

  2. Pingback: Johan Cruyff | 1947 – 2016 |

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach