Lèirmheas leabhair | A Book of Death and Fish

A Book of Death and Fish, le Ian Stephen51ZUXqMOrHL

Ri fhaotainn an còmhdach cruaidh bho Saraband Press

£18.99

 

O ’s daor, ’s daor, ’s daor e

Màl na mara ’s daor e;

Am muir oirnne ’s daor e.

Tha daonnan ga àiteach

– ‘Màl na Mara’, le Murchadh MacPhàrlain

 

Bàs agus iasg. Theagamh nach eil dà nì nas cudromaiche no nas bunaitiche do bheatha de chuid mhath Eilean Leòdhais.Tha Ian Stephen – bàrd, sgrìobhadair, neach-ealain, seòladair, agus balach Steòrnabhaigh – a’ togail air na h-eòlasan agus faireachdainnean a th’ air a bhith dlùith ris fhèin na bheatha gus deagh iùil chnuasachaidh a thoirt tre saoghal maireannach nan Leòdhasach.

Thachair mi ri Ian airson a’ chiad uair às a’ gheamhradh seo chaidh. Cha robh mi ach bhàrr a’ phlèana agus a’ toirt sgrìob timcheall bhaile Steòrnabhaigh gus na sgothan Niseach (‘ainmeil’) fhaicinn. Bha dithist air a’ Jubilee (bàta a chaidh a chur air bhog an 1935 a’s i air a togail le Iain F. MacLeòid, Port Nis), ga deiseileadh airson càradh an doca-thioraim. Thòisich mi a bhruidhinn ris an dithist, sa Bheurla, san uair sin sa Ghàidhlig, agus ann am priobadh na sùla, bha mi air a’ bhàta, shanghai-ed. Chan fhada gus an robh latha fada de bhith ag obair air na sean bhàtaichean seachad agus sinne a’ gabhail tè bheag ann an Taigh Iain ri taobh na Hoil, air neo Lobht’ nan Seòl, mar a b’ fhèarr a dh’aithneachar leis.

Chumadh cèilidhean fad a’ gheamhraidh agus fhritheil mi iad fad na h-ùine a bh’ agam ann an Eilean Beag Donn a’ Chuain; òrain na Beurla Gallda mun iasgach air am prabadh eadar òrain Ghàidhlig an eilein, ceòl na fìdhle agus seanchas is sgeulachdan Iain. Agus daonnan biadh, bu trice iasg, air a shàr-dheasachadh.

“Cha bu lèir dhomh an uair sin ach tha e soilleir gu leòr a-nise, chan ann ach mu sgeulachdan a tha e. Chaidh mo bhiadhadh le sgeulachdan còmhla ris a’ bhainne agus an teatha agus na trì siucairean. Shruthadh Abhainn Iòrdain gu ruige Westview Terrace agus roinneadh uisgeachan na Fairge Ruaidh nuair a dheadh tu seachad air taigh-sòlais Àrnais.”*

San leabhar, tha sgeulachd às dèidh sgeulachd – mar aithris Iain fhèin – agus sgeulachd am broinn sgeulachd – mar a’ bheatha fhèin. Tha na sgeulachdan goirid nan caibideilean (104 dhiubh sin) agus iad a’ càrnadh nan cuimhneachan mar sgòth mhòr rionnaich agus plathaidhean sòlais gam foillseachadh tro uisgeachan domhainn.

Tha Peter MacAmhlaigh air am MOT fhàilneachadh, mar a thug e fhèin air an uair anns a fhuair e am fios gun robh aillse na mhionach, agus ag ullachadh airson an Tiomnadh aige a sgrìobhadh.Tha an leabhar a’ meòrachadh air a bheatha a chur e seachad thar Alba, daonnan air tòir an iasgaich mar bu dual, neo air bàtaichean, mar bu chòir. ’S ann a’ straibhèigearachd tre chuimhneachan paillt air iomadach nì a tha am broinn eanchainn balach Steòrnabhaigh a tha e, leis an t-saoghal Leòdhasach (san dà chuid – Beurla agus Gàidhlig) a’ toirt buaidh nach beag air mar a thuigeas e bheatha. Tha cràdh call na h-Iolaire fhathast pìos beag fon uachdar; tha fàs bhaile Steòrnabhaigh, agus an co-thuigsinn ’s an co-chomannachd ’s am plòigh a bhiodh eadar balaich an Taobh Siar agus balaich a’ bhaile mhòir, a’ nochdadh gu soilleir ann; tha a’ Ghàidhlig ann, air a prabadh anns na còmhraidhean agus na h-ainmean-àite mar as cleachdadh don Leòdhasach; tha sgeulachdan Mhic an t-Srònaich ann; agus tha gaol an èisg – a shireadh, a ghlacadh, a ithe, a mholadh – air a fheadh. Seadh, tha an cuimhne seo a’ lìonadh an leabhair le fìrinneachd agus a’ cur an cèill an saoghal às a bhiodh Peter beò ann an Steòrnabhagh.

Ian Stephen, le cead Sarabande Press

Ian Stephen, le cead Saraband Press

Tha e follaiseach gu bheil cuid de sgeulachdan an leabhair a’ fàs à beatha an ùghdair fhèin. Ma sgrìobh Ian Stephen leabhar a-mach air baile Steòrnabhaigh, saoilidh mi gum biodh e air leth doirbh dha gun a bhith a’ tarraing air na nithean dhan eòl e. Agus a bharrachd, am b’ fhiach e? Chan eil an fhianais-bheatha ach a’ cur ris an sgeulachd iomlan. Airson duine sam bith a fhuair blàth-aoigheachd Iain ann an Lobht’ nan Seòl, tuigidh sibh pèin, gun e samhlas air a’ Lobht’ a tha san leabhar seo. Bho sgeulachdan na mara gu tapas nan Eilean Siar, bheireadh e air ais sibh, ge b’ e cho fada bhuaithe a tha sibh.

An t-aon rabhadh a bheirinn seachad, ’s e is gu bheil an leabhar mòr – còrr is leth-mhìle duilleag. Theab gun deach fhoillseachadh ann an dà sreath. Tha mi toilichte nach deach, oir feumaidh an dà leth a bhith air an leughadh, ’s air an tuigsinn, le chèile. Mar a mhìnich Ian fhèin, b’ ann sna 70an a thòisich e a’ sgrìobhadh ann an riochd nach robh buileach na bhàrdachd. Thar nam bliadhna, tha e air a bhith a’ cruthachadh ’s a’ cruinneachadh a chuimhneachan air beatha. Mu dheireadh, thruis e ri chèile iad gu snasail ealanta. Feumaidh deagh threis a chaitheamh ann a bhith a’ leughadh an leabhair seo, ach b’ fhiach e. Rachainn leis an ùghdar ann a bhith a’ saoilsinn nach eil cus a bharrachd nas bunaitiche ann am beatha ri taobh na mara, san t-seann dòigh, na iasg agus bàs.

 

 Liam Alastair Crouse

* eadar-theangachadh ùghdair an artaigeil

 

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach