Lèirmheas leabhair | An Creanaiche

Tha An Creanaiche dàna. Air Geàrr-liosta Duaisean Dhòmhnaill Meek am-bliadhna, ged a tha an cumadh beag, gur mòr as t-fhiach e. Tha Liam a’ toirt sùil air an leabhar ùr san t-sreath ‘Lasag’ aig Sandstone Press, le Ruairidh MacIlleathain agus Màiri NicEachairne (mas fhìor), a-mach air co-fheall murt a’ Cheanadaich. A bheil cuimhne agad càit an robh thu fhèin?

9781910124789An Creanaiche le Ruairidh MacIlleathain

Ri fhaotainn bho Sandstone Press agus CnanL

£7.99

 

Dh’aontaich mi rithe gun robh trì peilearan air Ameireagaidh a chur bun-os-cionn air an deireadh-sheachdain sin – am fear a spreadh ceann a’ Cheanadaich, am fear mu dheireadh (de cheithir) a bhuail Tippit na leth-cheann agus am fear a chuir às do dh’Oswald agus a chum an fhìrinn bhuainn.’ (t.d. 56)

A bheil cuimhne agad càit an robh thu nuair a chuala tu mu bhàs a’ Cheanadaich? A bheil fiù ’s cuimhne agad air 1963? Uil, tha cuimhne aig Màiri NicEachairne, mas e sin a h-ainm idir idir, ceart gu leòr – b’ ann a bha i a’ dìobairt sna taighean-beaga aig an obair aice ann an Dallas, Teagsas, nuair a loisgeadh na gunnaichean (bha barrachd air aon, nach robh?). Oir bha fhios aice-se air a’ mhurt mus do thachair e. Oir b’ e Lee Harvey Oswald fhèin a dh’inns dhith.

A bheil coltas do-chreidsinn air an sgeul sin? Ma thàinig cuideigin gad ionnsaigh, agus iad ag ràdh gun robh iad eòlach air na cinn-mhòra a bha air chùl co-fheall 9/11, an creideadh tu iad? Sin an duilgheadas a th’ aig Ruairidh MacIlleathain, a tha e fhèin na phrìomh charactar san sgeulachd.

Agus ’s e sin ciad chleas an leabhair, gu bheil e a’ cleachdadh pìosan bho bheatha fhìor. Art MacCarmaig – ghlèidh esan am bonn-òir, cò a’ bhliadhna, 1983? Agus rinn a chlann glè mhath sa Mhòd an-uiridh, nach do rinn? Agus ’s e Ruairidh MacIlleathain e fhèin a rinn Litir do Luchd-Ionnsachaidh? Le bhith a’ cleachdadh an t-saoghail air an latha an-diugh, tha sin a’ toirt creideas don leabhar. Tha sinn eòlach air MacIlleathain ann an saoghal na Gàidhlig, ’s chan eil atharrachadh sam bith a’ tighinn air agus e na phrìomh charactar.

Agus ’s e sin dara cleas an leabhair, chan eil MacIlleathain (an caractar) a’ toirt làn chreideis do sgeul NicEachairne. Dh’fhaoidte gu bheil cuid dhith fìrinneach gu leòr, ach gun robh Màiri NicEachairne eòlach dha-rìribh air Lee Harvey Oswald, agus air a’ cho-fheall as ainmeile san fhicheadamh linn? Àidh, right.

Tha sin a’ cur astair ann eadar MacIlleathain (còmhla ris an leughadair, nach eil a’ creidsinn an sgeòil a th’ aice-se co-dhiù) agus sgrùdadh cunntas na co-fhealla. Chan eil sinne ga creidsinn, ’s chan eil MacIlleathain nas mò, agus tha an ceasnachadh a’ leantail air fad an leabhair feuch a bheil an fhìrinn aice-se no nach eil. Tha a’ bhuaidh bhon astar sin a’ ciallachadh gun tèid ar creideas a’ cur ann am MacIlleathain, fhad ’s a dh’fheuchas e ri snaidhm beatha Màiri NicEachairne fhuasgladh.

A-rèir a h-aithris, bha NicEachairne eòlach air Lee, gu pearsanta, sna làthaichean mus do thachair am murt. Dh’inns e dhi mun cho-fheall – cò bha losgadh nan gunnaichean, cuin a thachradh e, càite, cò a bha air cùl a’ ghnothaich – ’s chuir sin ann an cunnart a beatha i. An sin, theich i, ga sgaradh fhèin bhon a seann bheatha mar neach-naidheachd an Dallas.

Ach, tha fhios aig MacIlleathain nach eil i leatha fhèin ann a bhith a’ cumail a-mach gun robh i eòlach air Lee. Bha feadhainn eile ann. Agus tha cunntasan eile ann, meall leabhraichean a’ sgrùdadh a’ mhuirt. Ged a tha NicEachairne ag ràdh gun robh e bàidheil gu leòr, tha cuid eile a’ cumail a-mach gur e droch dhuine a bh’ ann an Lee, gun robh e a’ dochann a mhnà, mar eisimpleir. Mar sin, tha MacIlleathain amharasach an e fìrinn neo ficsean a tha na sgeul.

Tha Màiri NicEachairne a’ ceangal murt a’ Cheanadaich ri murt a’ Mhadaidh Ruaidh agus crochadh Sheumais a’ Ghlinne. ‘Cò air bith as coireach, is mise an creanaiche’ mar a bh’ aig Seumas a’ Ghlinne goirid mus do deach a chrochadh an 1752. ‘I’m just a patsy’ mar a bh’ aig Lee Harvey Oswald ann an 1963. Tha an dà abairt seo a’ nochdadh aig toiseach an leabhair.

Tha NicEachairne tric air taobh a’ chreanaiche, Lee, mar a tha tòrr Ghàidheal air taobh Sheumais a’ Ghlinne san sgeulachd againne. ’S e pòsadh math a tha seo, a tha a’ mineachadh murt a’ Cheanadaich ann an dòigh a thuigeas tòrr Ghàidheil. ’S i NicEachairne a tha a’ dèanamh a’ phòsaidh san leabhar agus ise a’ cleachdadh murt a’ Chaimbeulaich gus earbsa MhicIlleathain fhaotainn san leabhar.

Ach seann sgeulachdan ann neo às, tha MacIlleathain amharasach ma deidhinn. A bheil an fhìrinn aice-se? An robh i eòlach air Lee? A bheil e neo-chiontach? Agus, cò dha-rìribh a mhurt JFK?

 

Liam Alastair Crouse

(aig nach eil cuimhne càit an robh e nuair a thachair am murt.)

Share

One thought on “Lèirmheas leabhair | An Creanaiche

  1. Tapadh leat do Liam Alastair Crouse airson an lèirmheas seo. Tha mi fiù ’s nas troimh-a-chèile a-nis! Bha an sgeulachd inntinneach agus fhad ’s a bha mi a’ leughadh, cha robh mi a’ crèidinn an sgeul aig Màiri NicEachairne idir ach chrèid mi ann an sgrìobhadh aig Ruairidh MacIlleathain. Ach, a-nis, a bheil a h-uile rud ficseanach gu lèir?
    Co-dhiù, chòrd an leabhar rium, gu sònraichte, bha na faclan a chur Ruairidh aig bonn na duilleag, feumail do luchd-ionnsaichaidh mar mi-fhìn. Taing mhòr.

Freagair Sùsaidh Arnold Sguir dhen fhreagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach