Lèirmheas leabhair | An Nighean air an Aiseag

AnNigheanairanAiseag-500x500le Aonghas Pàdraig Caimbeul

‘B’ e samhradh fada teth a bh’ ann: an seòrsa a dh’fhuiricheas anns a’ chuimhne gu bràth. Cluinnidh mi fhathast dranndan nan seillean, ’s ceòl nan calman-creige fad às, ’s an uair sin chuala mi iad a’ tighinn a-nuas on bheinn.’

Bho chiad shuidheachadh an sgeòil, tha iùl Aonghais Phàdraig gar toirt air ais ann an cuimhne gus saoghal anns a bheil roghainn a’ riaghladh beatha. Agus, nach e sin, san da-rìreabh, cruth-thogail ar sgeòil – rud a th’ air a dhealbhadh leis na taghaidhean a nìthear air slighe lùbach mì-chinnteach?

Tha An Nighean air an Aiseag a-mach air caochladh nì, ’s iad a’ tighinn a-mach ’s a-steach mar sruth-lìonaidh na cuimhne, a’ cruthachadh saoghal far an do choilean, air neo nach do choilean, suirghe no gaol no sligheannan-beatha a dh’fhaodadh a bhith aig Alasdair no Eilidh, na prìomh-charactaran.

Dè a thachras, no nach tachras, nan abramaid ‘hallo’ ri daoine air nach eil sinn eòlach air bàt’-aiseig? ’S e sàmhchair an rud as truaighe do bheatha mhic an duine, am beachd Alasdair, sgrìobhaiche an sgeòil. Feumaidh gaol dànadas.

Bho ghoid ionnsramaid, a bheireadh an toradh às a’ cheòl, gu eathar a dh’fhuiricheas tioram air tìr ann an sean bhàthach air dearmad, tha an saoghal diombuain làn chuimhneachan seo mu dheidhinn chothroman a dh’fhaodadh a bhith ann. An saoghal air an iomall a’ tighinn beò.

Tha stèidheadh na nobhail eadar an t-Eilean Muileach agus Uibhist. Gu sònraichte ann an Uibhist, far an do dh’èirich Aonghas Pàdraig suas, thathar a’ toirt seachad àrainneachd a tha làn sgeulachdan is fhaireachdainn. Gu deimhinne, tha an nobhail seo a’ toirt cruth do ciamar a thuigeas an Caimbeulach sgìreachd ’òige, agus le sin dùthchas nan Gàidheal.

Agus anns an dòigh sin, tha freumhan na nobhail seo gu mòr san dualchas Ghàidhealach. Ann an An Oidhche Mus Do Sheòl Sinn, thug an Caimbealach seachad iomradh domhainn air mar a tha Uibhist ’òige, agus a’ choimhearsnachd dhlùth Ghàidhlig, air atharrachadh thar nan ceud bliadhna a dh’fhalbh. Fa chomhair iomlanachd na mòr-nobhail sin, chan eil An Nighean air an Aiseag ach a’ toirt criomag de choimeas air na dh’fhalbh, eadar an linn anns an robh Alasdair òg gus an uair a thill e gu Uibhist far nach robh, mar a thachras, sluagh a’ feitheamh na h-aiseige an Loch Baghasdail nas mò. An sùilean an ùghdair, tha coimhearsnachd ’òige a’ sìoladh às, mar euchdan a’ dol san dìochuimhne.

’S e seo as adhbhar dom bi Aonghas Pàdraig tric is minig a’ feuchainn ri ionnsachadh dhuinn mun dualchas a tha a’ dol à bith. Tha an leabhar seo a’ toirt seachad seanchas no sgeulachdan no òrain Ghàidhlig no mìneachadh ainmean-aite gu pailt. Uaireannan, ge-tà, nochdaidh iad seo car fuadan (mar thuairisgeul air tùsan facal ‘otter’ sa Bheurla, td. 115). Uaireannan eile, tha an seanchas fighte a-steach don aithris, mar sgeulachdan dùthchail a bhitheas na caractaran ag innse d’a chèile no ionnsachadh a bheireadh na sean daoine seachad.

Tha an seanchas – agus an dualchas paisgte na broinn – aig cridhe na nobhail. Tha an Caimbeulach glè mhothachail air linn ùr fèin-aithne nan Gàidheal. Chaidh an leabhar Gàidhlig seo a’ sgrìobhadh aig a’ cheart àm ’s a chaidh am fear Beurla a sgrìobhadh, amhail mar a chaidh an cur air bhog air an dearbh latha an-uiridh. Dè an diofar eadar a’ Bheurla agus a’ Ghàidhlig, san da-rìreabh, dar nach eil anns an dà chànan ach sligheannan diofraichte gus an aon bheatha a mhìneachadh?

‘Bha an doras dùinte’ no ‘The door was closed’ – “b’ e an aon sgeul a bh’ ann, a rèir choltais, ge brith dè an cànan a chleachdadh tu” mar a tha sgrìobhte. Agus tha sin a’ dol gu cnag na cùise: a bheil diubhar ann, ma tha Uibhist a’ bruidhinn na Gàidhlig no na Beurla, fhad ’s a bhitheas coimhearsnachd a’ còmhnaidh ann? Neo am feum Uibhist – na h-àrainneachd loma-làn de chuimhneachain Ghàidhlig – a cànan mhàthaireil? Agus, nam feumadh, am feum Muile – a bha uair a’ cheart cho Gàidhealach – i? Dè an dùthchas a bhitheas ann co-dhiù, ma dh’fhalbh an sean saoghal? A bheil a’ Ghàidhlig Ùr, mar eisimpleir, a ceart cho feumail gu sean saoghal nan Gàidheal a thuigsinn agus a tha a’ Ghàidhlig ‘Dhùthchasach’?

“Bha siud ann roimhe Rìgh ann an Eireann [sic] aig nach robh aon duine cloinne. Bha Rìgh ann turas aig an robh triùir mhic. A poor woodcutter lived with his wife and three daughters in a little cottage on the edge of a lonely forest. The King of the East had a beautiful garden, and in the garden grew a tree that bore golden apples. Anns an toiseach chruthaich Dia na nèamhan agus an talamh.”

Chan abrainn gu bheil An Nighean air an Aiseag na leabhar Gaoil, ach na leabhar gaoil. Gaol na h-òige, gaol an dùthchais, gaol beatha. ’S e leabhar mu chuimhne, mu shaoghal agus sligheannan a dh’fhalbh. Tha ealantas Aonghais Phàdraig a’ nochdadh san sgrìobhadh seo, ged  a tha an nobhail gu tric làn mhearachdan-deasachaidh.

Co-dhiù no co-dheth, chan eil ach aon rud cinnteach. Ge brith dè a tha an dàn do Thìr a’ Mhurain san àm ri teachd, ’s cinnteach gum bi na h-omelettes – a bhios uighean nan Rhode Island Reds a’ dèanamh – cho blasta san sgìreachd sin agus a bha iad ri linn òige Alasdair!

Liam Alastair Crouse

Tha an leabhar (còmhdach cruaidh) ri fhaotainn aig bùth Chomhairle nan Leabhraichean an seo.

 

 

 

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach