Lèirmheas leabhair | Cala Bendita ’s a Bheannachdan

Bho chionn seachdain, bha Duaisean Litreachais Chomann Chrann na h-Alba air an cumail agus an leabhar ùr aig Màrtainn Mac an t-Saoir – Cala Bendita ’s a Bheannachdan – air a’ gheàrr-liosta airson Leabhar na Bliadhna as Fhèarr. Tha Liam Alastair a’ toirt sùil air a’ chruinneachadh seo de sgeulachdan goirid.

Cala Bendita ’s a Bheannachdan, le Màrtainn Mac an t-SaoirCala-Bendita-final-cover-WEB

Ri fhaotainn bho Acair Earr. air neo Comhairle nan Leabhraichean

£9.99

 

An-uiridh, b’ e a’ chiad leabhar aig Tim Armstrong – Air Cuan Dubh Drilseach – a ghlèidh urram sna duaisean. ’S cinnteach gun cuala tu uspag às an iolach a thogadh am measg nam pàipearan-naidheachd ’s gobaireachd saoghal na Gàidhlig. Chaidh artaigeal moltach fhoillseachadh anns An Albannach mu dheidhinn soirbheachas Thim – Aimeireaganach a sgrìobh a’ chiad leabhar saidheans-ficsein do dh’inbhich sa Ghàidhlig – a sgaoileadh fad is farsaing.

Am-bliadhna, bha leabhar eile – Cala Bendita ’s a Bheannachdan, le fear a ghlèidh an aon duais ann an 2004, air a’ gheàrr-liosta airson Leabhar na Bliadhna as Fheàrr. Ach cha robh a leithid a dh’ùpraid ann mun tiotail seo idir, ro na duaisean, no nan dèidh. Ma dh’fhaoidte a chionn ’s gu bheil Cala Bendita nas sèimhe, socaire, a’ cnuasachadh beatha chràbhach. Leth-chrogallan air an uidheamachadh le dagan-plasma – chan fhaigh thu an-seo iad. Ach luachan air dòigh eile, tha.

Bho thùs an leabhair, tha ruith an sgeòil toinnte (gun a bhith dùinte) agus gach caibideil air a shuidheachadh ann am bliadhna no deichead eile agus sinne a’ leantail buidheann de charactaran diofraichte. ’S e cleas a tha seo a tha Mac an t-Saoir a’ cleachdadh gus co-shaoghalan nan caractaran a’ snìomh ri chèile timcheall baile air a bheil Cala Bendita, àite a tha an dà chuid na cheann-uidhe do luchd-turasachd agus na dhachaigh do luchd-coimhearsnachd.

Coltach ris na leabhraichean eile aige, tha an t-ùghdar air a ghlacadh le ceanglaichean pearsanta a bhios ann eadar daoine anns an t-saoghal àbhaisteach, a ghabhas creidsinn leis an luchd-leughaidh, ’s an uair sin a’ tarraing thachartasan agus cheanglaichean neo-àbhaisteach às. ’S e sin aon de na sgilean aig Mac an t-Saoir air a bheil luchd-mealtainn gu math dèidheil. Coltach ris an t-saoghal às a bheil na caractaran beò – Sasainn, Beinn na Fadhla, Dùthaich nam Basgach, ’s iomadh taobh a th’ aig na diofar dhaoine seo. Tha e gleusta air togail chùl-sgeulachdan nan caractaran, a bhuineas ri chaochladh dhùthchannan, chànain is chultaran agus mar a bhios gach eòlas a’ toirt buaidh air am beatha fad an sgeòil, co-dhiù a tha no nach eil iad ann an Cala Bendita.

Air sgàth a’ ghluasaid seo eadar daoine agus tìm, tha e a’ toirt greiseag mum fàs an leughadair comhfhurtail leis mar a tha an leabhar air a chur ri chèile. Amhail sin, tha cuid de na sgeulachdan a chuireas ris an leabhar nas fhasa a thuigs’ na cuid eile. Ann an cuid de na sgeulachdan, bidh an aithris a’ leum eadar caractaran cuideachd, agus an gnè ruisg fhèin ag atharrachadh a-rèir cò an saoghal às a bheil sinn.

Ge-tà, chan e sin ri ràdh nach eil liut aig Mac an t-Saoir air cluich le cànain. Leis gu bheil beatha nan caractaran air am bogadh ann an diofar dhualchasan, bidh an còmhradh agus an aithris a’ leum eadar cànain, a’ cur abairtean neo faclan coimheach gu feum is gan cleachdadh gu h-èasgaidh gus an iomadachd a thoirt am follais. Uaireannan, nuair nach eil an leughadair eòlach air a’ chànain agus mìneachaidhean a dhìth (leithid bun-nòtaichean ann an cuid a dh’àiteachan), tha an aithris doirbh a thuigsinn.

Ann an àiteachan eile, ge-tà, tha Mac an t-Saoir air leth soirbheachail anns an dòigh cluiche aige. ‘Agus don’t thusa dare innse do Mhum is Dad!’ mar a bh’ aig aon chailleag òg Ghàidhealach.

Na ghuth, na thogail-sgeòil agus na ghluasad, saoilidh mi gu bheil Cala Bendita air a chur ri chèile gu math, gu snasail agus ealanta. Bha na còmhraidhean glacail. Aon uair ’s gun d’fhuair mi a-mach nach e cruinneachadh de sgeulachdan goirid a bha san nobhail gu buileach (air neo, gum buineadh iad ri chèile, co-dhiù), cha robh mi cho troimhe-chèile. ’S e an aon rud a bha a dhìth orm tron nobhail gu lèir, b’ e gluasad agus ruith nas leantalaiche. Ach, air an làimh eile, ’s math dh’fhaoidte nach b’ e sin a bha fa-near do Mhac an t-Saoir idir, agus leigidh mi sin leis!

Liam Alastair Crouse

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach