Lèirmheas leabhair | Caogad san Fhàsach

Tha Caogad san Fhàsach, an cruinneachadh ùr de sgeulachdan goirid leis an ùghdar aithinichte Dòmhnall Iain MacÌomhair, taitneach tlachdmhor ri leughadh, agus cuspairean nan sgeul a’ suathadh thar cogaidh, litreachais, dàin mhic an duine agus ioma nì eile. À measg an trusaidh, tha feadhainn shean shubhach a dh’fhidir solas an latha cheana, agus feadhainn taghta eile a tha ùr dhuinn, ach iad uile ag ìtealaich à mac-meanmna an sàr-sgrìobhaiche seo.

Caogad san Fhàsach, le Dòmhnall Iain MacÌomhairCAOGAD SAN FHASACH

Ri fhaotainn bho Acair Earr. air neo CnanL

£9.99

 

Dùisgidh an ròs ann an gàrradh samhraidh

nuair nochdas boillsgeadh grèine,

is tuitidh an duslach

a chuireas ròs gu dhùbhshlan,

’s nach glan an drìuchd

oir thig an driùchd

nuair tha an ròs na chadal,

mar chaidleas mac is nighean an duine

tro ùrachadh na h-oidhche faide,

’s tha mìle ròs ann am mìle gàrradh

gam fèin-dhìon le drisean geur’,

ach ’s maol na drisean nuair ’s moth’ tha’m feum

air innleachd cothachaidh ron eug,

’s e duais an neo-chiontais do ròsan

nuair thig am fuachd gu searg am bòidhchead,

’s a-mach air bòidhchead nach eil sinne,

mar ròs, a’ coileanadh an dàin.

air sgàth gach nì a rinn sinn ceàrr?

                  – Dòmhnall Iain MacÌomhair

 

Bidh tòrr ann an saoghal na Gàidhlig a’ ceangail ainm Dhòmhnaill Iain ri faclan nam farsaingeachd. Bha e bliadhnaichean mòra an sàs ann an obair foghlaim (agus tha fhathast), an dèidh dha ceumnachadh bho Obar Dheathain sna Cànanan Ceilteach le urram. Tha e air a bhith a’ sgrìobhadh bhon uair sin agus tha e aithnichte airson a sgrìobhainn ruisg is bàrdachd agus mar fhear-deasachaidh. Bha e cuideachd na Cheann-suidhe air a’ Chomuin Ghàidhealach sna 80an agus choisinn e Crùn a’ Bhàird aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an 2000.

Tha deagh chuid de sgrìobhadh air nochdadh roimhe agus chaidh feadhainn dhuibh a chraoladh air an rèidio. Thàinig a’ chiad chruinneachadh aige, Camhanaich, a-mach ann an 1982 le Buidheann Foillseachaidh nan Eilean Siar, agus tha sgeulachd no dhà air an ath-chuairteachadh an-seo, ach chan ann gun leas. Tha, cuideachd, sgeulachdan gasta eirmseach leithid ‘Am Partaidh Purpaidh’ agus ‘Bòrd do Dheichnear’ (a tha a’ togail cinn san leabhar) gan cleachdadh sna sgoiltean air an latha an-diugh, agus iad cuideachd nan dealbhan-cluich èibhinn do chloinn

Na ‘Ro-Ràdh’, tha MacÌomhair ag ràdh gur ‘iomadh rud a dh’èireas ann am fàsach na h-inntinne’, a’ meòrachadh air suidheachadh mhic an duine agus e a’ dol air allaban tro bheatha. Agus le sin, chan e a’ chiad phìos sgrìobhaidh san leabhar seo na sgeulachd, ach na bhàrdachd (mìr dhi gu h-àrd) – pìos cho barraichte ’s gun do leugh mi i iomadh triop gus a brìgh stòrasach smaoineachail a thogail gu ceart. ‘S e bàrdachd car trom a th’ innte, a’ toirt treis don leughadair mus tuig iad gu h-iomlan mionaideach i.

Bho h-àird a’ mheòrachaidh sin, tha MacÌomhair a’ fosgladh an leabhair aige le sgeulachd shuilbhir a tha sa bhad ag aotromachadh an t-suidheachaidh – sgeulachd aig a bheil amas air snìomh-sgeòil agus a tha a’ cleachdadh an litreachais fhèin na chulaidh-fhèin-mhothachaidh. Bhon chiad sgeulachd seo, chìthear gu bheil MacÌomhair a’ cluich le mhac-meanmainn fhèin ann an dòigh chumhachdach annasach. Eadar a’ bhàrdachd agus a’ chiad sgeulachd, ‘Na Leabhraichean’, tha MacÌomhair daingeann a’ cur an cèill gum bi na beachd-smuaintean am broinn an trusaidh seo a’ suathadh ri iomadh nì ceangailte ri eòlas-beatha a’ chinne-dhaonna le liut agus eirmse.

Mar eisimpleir de na th’ aige de liut is luach, aon sgeulachd a thug leithid a ghàireachdainn orm ann an dòigh gu math furasta, b’ e ‘Leasain’, far a bheil MacÌomhair a’ cur an t-seòmair-theagaisg, agus tòiseach an t-seamastair, gu feum mar an cùl-shuidheachadh. Anns an sgeulachd, tha an t-ùghdar a’ foillseachadh na sgil a th’ aige ri bhith a’ cluich le bàrdachd Ghàidhlig aithnichte. Tha e a’ breacadh an teacs le bìdeagan bàrdachd, leithid mu Hitler ’s Eva aig deireadh an Dara Chogaidh:

Eva a ghràidh, ’s tu dh’fhàg mi buileach gun sunnd,
’s mi feuchainn an-dràst’ ri buaidh a thogail bhon ghrunnd.

Ach eadar an cluich ’s am plòigh ’s an straibhèigearachd-inntinn, tha MacÌomhair a’ tarraing a h-uile sìon ri chèile agus leasanan mòra moralta rin ionnsachadh. ‘Agus thuig mi nach robh càil san t-saoghal ach cluiche. […] thuig mi gun robh dàn neo-ainmichte a’ cluich le beatha.’

Tha na sgeulachdan daonnan goirid is sìmplidh. Cha toir iad idir ro fhada an leughadh agus cha chuir iad tuathal thu a bhith gan tuigsinn agus iad a’ cleachdadh aithrisean neo-thoinnte eadar dithist no triùir charactaran sa bhitheantas. Ach, daonnan tha beachdan domhain air an cùlaibh.

Cha dèan mi iomradh air gach sgeulachd a tha am broinn an leabhair ionmholta seo, oir tha caogad dhiubh ann. Caogad a tha a’ sealltainn uiread a shàr-ghnìomh a rinn an t-ùghdar seo agus e a’ siubhail tron fhàsach e fhèin. Leabhar gasta, leabhar beachdail. ‘S fhiach a cheannach ’s a leughadh, dhut no do charaid, co-dhiù ron Nollaig no na dèidh.

Ro-shealladh an leabhair an seo.

Tha ‘Na Bleideagan’, a nochdas san leabhar, air a leughadh gu h-ìseal. Tha, cuideachd, beachdan air an toirt seachad oirre air a’ chunntas youtube aca.

Liam Alastair Crouse

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach