Lèirmheas Leabhair : Casan Searraich le Calum MacFhearghuis

sgait-adhairAig toiseach na fèin-eachdraidh Casan Searraich (Sunbeams in Memory) : The Life and Times of Calum MacFhearghuis gheibhear naidheachdan geanail, aoibhneach o shaoghal òige an ùghdair.  Ged nach robh eòlas sam bith agam air an àite san deach a thogail, cha robh sin gu diofar. Leis cho dòigheil ’s a bha an seanchas ’na bhroinn, chaidh mo ghiùlan don Rubha an Eilean Leòdhais air sgiathan cuimhne an sgrìobhadair fhèin  – rud a bha ’na thlachd dha-rìribh agus a ghlac m’ aire airson a’ chòrr den leabhar.

Tha an t-ùghdar, Calum MacFhearghuis, a-nis suas ann am bliadhnaichean agus mar thoradh air sin, gheibhear ochd caibidealan susbainteach o Shaoghal na h-Òige gu Aimsir a’ Bhodaich. ’S e a’ chiad trì earrannan a tha a’ toirt sùil air ais air òige. Tha na h-ochd mòr-chaibidealan seo uile air an roinn agus an cur an eagar fo thiotalan an t-seanchais a tha sgrìobhte annta – naidheachdan beaga no stòiridhean nas fhaide.

Ri linn seo agus ri linn nam mapaichean dathach agus dealbhan tiamhaidh de a chuideachd ’s choimhearsnaich, tha e follaiseach gun do ghabhadh an deasachadh os làimh le toileachas agus liut. Tha cho rianail ’s a tha an leabhar ga fhàgail nas fhasa don lèirmheasaiche cuideachd! Mar sin dheth, chan ann ri caoin-mholadh a tha mi nuair a chanas mi gur e leabhar eireachdail, grinn a chuireadh air blàr le Acair an-uiridh ann an còmhdach-cruaidh.

Tha Casan Searraich air a sgrìobhadh san dà chànan. Leugh mis’ a’ Ghàidhlig agus bha mi cho làn riaraichte le grìd an t-seanchais innte gun robh leisg orm coimhead air a’ Bheurla idir. Ach, choimhead mi iomadh turas oirre gus dearbhadh dhomh fhìn an e an aon sgeul a bha innte. ’Sè, agus chan è. ’Sè, leis gu bheil na h-aon naidheachdan a’ nochdadh san dà thionndadh; chan è leis gu bheil an dà chànan a’ cur am blas fhèin air an t-seanchas agus gheibhear fiosrachadh sa Bheurla nach fhaighear sa Ghàidhlig mun aon naidheachd no sgeulachd, agus mar an ceudna sa Ghàidhlig.

Ged nach do leugh mi mòran den t-seanchas Bheurla, bha e feumail airson cuid den bhriathrachas, mar eisimpleir mu iasgach, a mhìneachadh — ach bho nach e eadar-theangachadh dìreach a th’ ann, chan fhaigh an neach-ionnsachaidh mìneachadh air a h-uile gnàth-fhacal Rubhach a tha a’ nochdadh san t-seanchas Ghàidhlig. ’S math sin! Cha ghabh eadar-theangachadh dìreach a dhèanamh air a h-uile gnàth-fhacal aig cànan eile, agus ’s fhiach don leughadair an sùghadh a-steach ’na inntinn mar sin fhèin iad. Tha pailteas dhiubh a’ nochdadh san leabhar air fad ann an cainnt shiùbhlach Phort Mholair.

Thug cuid de na naidheachdan làn gàire orm cho èibhinn ’s a bha iad. Leithid a’ bhalachain a bha a’ goid churrain o iodhlann ’s a dh’aidich sin nuair a fhuair e duais airson rabhadh a thoirt mu bhò bhradach a bha ris an dearbh rud! Air neo, an sgait-adhair a chaith athair Chaluim na h-uairean a dh’ùine a’ cur ri chèile mun do spiol osag gaoithe às a làimh i, agus iomadh naidheachd dibhearsanach eile. ’S e cuimhne chùbhraidh a th’ aig Calum air òige gu dearbh fhèin e.

Chan e naidheachdan dibhearsanach a-mhàin a gheibhear anns an leabhar seo airson do tharraing, agus a tha air an innse gun mhòr-chùis ’s air an taghadh le tomhas de ghliocas. ’S fhiach a leughadh air adhbharan eile cuideachd. Tha na còig mòr-chaibidealan eile a’ ruith air a bheatha ’na inbheach a’ cladhach a-mach dreuchd dha fhèin agus a’ tachairt ri iomadach neach eòlach air a rathad. Gheibh sinn caoban den eòlas ’s den fhiosrachadh a chuala Calum aig caochladh dhaoine. Leithid Aonghais Chù, Gàidheal Cheap Breatainn aig an robh eòlas sònraichte air seòrsachan fiodha, dannsa ’s iomadach rud eile.

Mu dheireadh thèid Calum a-steach gu domhainn do phìosan à eachdraidh Leòdhais ’s na Gàidhealtachd an dèidh Blàr Chùl Lodair. Mu na h-uachdarain an-iochdmhor a thàinig à Sasainn gus an toil fhèin a dhèanamh le coimhearsnachdan ’s beatha nan eileanach, no mun sgrios a rinn Westminster air iasgach an àite.

’S e MacFhearghuis fear a bha thall ’s a chunnaic  – ’s math a tha fhios aige air deagh sgeul innse agus deagh chunntas a thoirt seachad air a bheatha ’s air beatha nan daoine a thàinig roimhe agus às a dhèidh. ’S math as fhiach an leabhar a cheannach (http://www.acairbooks.com/, £15) airson do chuid fhèin fhaighinn den eòlas ’s den fhiosrachadh a tha e a’ toirt seachad ann. Tha mi an dòchas gun tig barrachd fèin-eachdraidhean den t-seòrsa seo bho Acair mun teirig an iomadh guth aosta a tha beò fhathast ’s a tha a’ fuireach an-dràsta gun urra sna h-Eileanan an Iar.

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach