Lèirmheas leabhair | Feur Buidhe an t-Samhraidh

Tha an ‘dìos-o’ air ais turas eile le leabhar leis an sgrìobhadair chomasach Tim Armstrong a chaidh fhoillseachadh an-uiridh. ’S ann gun do choisinn Tim a chliù dar a bhuannaich e Duais Ciad Leabhair bho Chomann Chrann na h-Alba ann an 2014 leis an leabhar ficsein-saidheans Air Cuan Dubh Drilseach. Agus ged nach eil Feur Buidhe sn t-Samhraidh a’ leantail air a chiad leabhar (ach tha sinn an dòchas gum bi uaireigin!), tha Tim a’ tarraing às an aon tobar aige agus ceòl aig cridhe na sgeulachd.

FBantS

Feur Buidhe an t-Samhraidh le Tim Armstrong

Ri fhaotainn bho Sandstone Press

£7.99

Tha Feur Buidhe an t-Samhraidh na phàirt de sreath ‘Lasag’ aig Sandstone Press, a bhitheas ag amas air litreachas a chruthachadh do inbhich òga agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Tha ‘Lasag’ air a bhith na buannachd mòr do litreachas ùr na Gàidhlig, an dèidh do ‘Ùr-Sgeul’ a’ tighinn gu crìoch. Agus tha an seòrsa Gàidhlig a th’ aig Tim na chuideachadh mòr don luchd-ionnsachaidh agus i cho glan tuigseach ach gnàthasach air caochladh dòigh cuideachd.

’S e cleachdadh Tim gun a bhith a’ seachnadh cruthachadh fhaclan Gàidhlig ùra. Ma tha feum aige air a leithid, m.e. ‘fiodh-fillte’ (‘plywood’), cleachdaidh e e. Tha leabhraichean ‘Lasag’ a’ leigeil leis sin a dhèanamh gu math furasta agus fo-nòtaichean a’ mìneachadh gach facal neo abairt toinnte.

Ann am Feur Buidhe an t-Samhraidh, tha Colman a’ falbh a dh’Aimeireagaidh air turas còmhla ris a chòmhlan-ciùil Ghàidhlig aige. Tha dìth cluicheadair beus ag adhbhrachadh tè òg bhòidheach, Seonag, agus i a’ dol an sàs sa chòmhlan ri linn an turais. Aig toiseachd gnothaich, ’s e a tha Colman cho sona ri bròig: an rathad fosgailte mu choinneimh is nighean bhrèagha ri thaobh. Ach, an ùine gun a bhith fada, thèid snaidhm sa bheairt agus tha an rathad fosgailte a’ dol na shlighe dhùbhlanach.

’S cinnteach gun robh Tim a’ feuchainn ri rudeigin aotrom a sgrìobhadh, coltach ris an leabhar mu dheireadh aige, ach air cuspair a bhiodh tarraingeach do luchd-leughaidh na Gàidhlig. Chan eil leabhar eile ann, agus mi a’ rùrachadh trom inntinn, a-mach air turas-rathaid Aimeireaganach – rud a tha cho romansach nar latha. Gu deimhinne, chuirte ‘Air an Rathad’ air tè de na caibidealan, a’ luaidh air an leabhar mhòr-chòrdte eile ud.

Tha an leabhar seo gu math goirid, ach ’s e sin a bhiodh an dàn do leabhar sìmplidh don luchd-ionnsachaidh. Le toiseachd na sgeulachd, tha dùil ri siubhal mòr air an rathad (car coltach ri Air Cuan Dubh Drilseach), ach chan ann buileach mar sin a tha gnothaichean a’ leantail orra. Ged a tha an t-slighe lùbach gu leòr, tha e a’ faireachdainn nach deach an leabhar a chur gu fìor chrìoch. An àite sgeul choileanta, tha an sgeul a’ dol air seachran. Agus ’s e briseadh-dùil a bha sin ann an dòigh. Tha an turas fhèin ann an Aimeireaga fhathast a’ dol aig deireadh an leabhair agus tha sin a’ fàgail tòrr cheistean gun am freagairt.

Ach daonnan, tha e na thlachd dhomh sgrìobhadh Thim a leughadh leis gu bheil e cho togarrach ’s tarraingeach air a sgrìobhadh, agus tha mi a’ sùileachadh ris a bharrachd bhuaithe.

 

– Liam Alastair Crouse

 

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach