Lèirmheas Leabhair: “Remember Limerick / Cuimhnigh ar Luimneach”

Le Niall Gòrdan

Dè tha ann am “Pogrom”? Cò às a thàinig “an rann Luimneach”? Sin dà cheist – am measg mòran eile – a th’ air am fuasgladh ann an leabhar Beurla mu dhualchas a’ chathair-bhaile seo ann an Èirinn, leabhar grinn a chaidh a chur ri chèile le Críostóir còir Ó Floinn, a rugadh san dearbh àite.

Cover_REMEMBER LIMERICK_2014

Gheibhear ceithir aistidhean eadar dà cheann an leabhair, agus iad uile sgrìobhte sa Bheurla ach leis a’ chorra tabhartais ann an Gàidhlig na h-Èireann. Is iad seo na h-aistidhean fhèin (air an eadar-theangachadh leamsa):

An robh Pogrom ann an Luimneach? Far an do thòisich An Rann Luimneach Sgrùdadh air “Luaithre Angela” Clach Chùmhnant Luimnich

Tha an leabhar seo air nochdadh an dèidh grunnan eile dhen leithid o pheann ealanta an Èireannaich; agus Críostóir air deagh aois a ruigsinn, tha e air tòrr leabhraichean a chur an clò o thòisich e air litreachas dhen a h-uile seòrsa, an dà chuid am Beurla is an Gaeilge.

Mar a bhite an dùil, ge-tà, bu toil leamsa ceist na bàrdachd a chnuasachadh: a rèir mo charaid, tha e glè shoilleir gur ann às cathair-bhaile a bhreith a thàinig an cruth sin ris an can sinn “Rann Luimneach” an-diugh. A dh’aindeoin ’s nach eilear deònach seo aithneachadh ann an leabhraichean Beurla eile – leithid nam faclairean ud a thig às Àth nan Damh, mar eisimpleir – tha Críostóir a’ cumail a-mach gu bheil dearbhadh ri lorg ann am bàrdachd Gaeilge a bhuineas ri latha is linn a dh’aom. Gu dearbh, tha cha mhòr trichead duilleag aige mun chuspair, agus tha e soilleir gum biodh na bàird ris an Rann Luimneach san t-seachdamh linn deug co-dhiù, fada mus deach luaidh a thoirt air a’ chruth seo sa Bheurla an toiseach. Bheireamaid sùil air cuid dhiubh…

Is mairg don té sin bheadh láimh leo Cailliúint a éisteacht’ ba dháil dó Le searbhas béice ‘S a leathar á réabadh Iar gcaitheamh an féasta bhí in Áird Mhóir

Neo…

Is mairg don fhear sin bhiodh làmh riu’ Agus call na h-èisteachd an dàn dha Le searbhad bèicidh ‘S an amhaich gan reubadh An dèidh caitheamh na fèiste bha an Aird Mhòr

Agus Beurla Chríostóra…

Alas for the man who’d be near them In danger of losing his hearing And they bawling their notes Fit to burst their own throats On the night of our Ardmore feasting.

‘S e sin dìreach aon rann de dhàn nas fhaide, ach ’s ann san dearbh mheadrachd a tha e. Seo fear eile…

Tá staid-bhean chóir san tír Grá gach óig-fhir í Réaltann eolais Grian ar bhóthar Báibín órga an ghrinn

Neo…

Tha cruinneag ro chòir san tìr Gràdh gach òigfhir i Reultag eòlais Grian na ròide Nighneag òr i ’s gàire a nì

Beurla ar caraid a-rithist…

This land has a graceful damsel Whom all the young men fancy A star in mind A sun to guide A golden child of laughter.

Agus tha tòrr eisimpleirean eile san earrann seo den leabhar. Nach toir seo oirnn uile a leithid fheuchainn! Nis, dè mu dheidhinn tiotal an leabhair? Uill, tha e coltach gu bheil seo co-cheangailte ri eachdraidh: ’s e Cathair Luimnich a’ chathair-bhaile a bu mhotha a chuireadh fo shèist ann an Èirinn – chaidh na leanas a ràdha uaireigin san t-seachdamh linn deug…

Cuimhnigh ar Luimneach agus feall na Sasanach!

.. agus cha ruig mi leas sin a mhìneachadh, dar leam!

Sin, ma-tà, sùil aithghearr air leabhar a tha loma-làn eachdraidh is eile: agus mi cho measail air mo charaid thall, saoilidh mi nach miste mi dhol nas doimhne ann an stuth sam bith a bhuineas ri Gaeilge is ri Èirinn, agus sin a dhèanamh gu measarra faiceallach sunndach.

Sláinín go fóillín! ——————————–

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach