Lèirmheas leabhair | Seanchaidh na Coille

“’Se an cruinneachadh saoibhir seo de bhàrdachd agus rosg Gàidhlig à Canada na chruinneachadh as iomlaine dhen litreachas sin a bha againn a-riamh, agus bidh e na ghoireas sònraichte, gun choimeas fad bhliadhnaichean mòra san àm ri teachd. Tha an t-Oll. Newton air obair shuaicheanta a dhèanamh ann a bhith a’ lorg agus a’ mìneachadh gu gleusta an uiread de stuth taitneach, agus anns an dòigh sin a’ sealltainn dhuinn cho iomadh-fhillte is a bha agus a tha beatha nan Gàidheal anns gach àite air feadh Chanada anns am faighear iad…” – An t-Àrd Ollamh Rob Dunbar, Oilthigh Dhùn Èideann.

’S e an Dr Mìcheal Newton aon de na sgoilearan as dìcheallaiche a th’ againn an-dràsta ann an saoghal na Gàidhlig. A bharrachd air meall de leabhraichean is artaigilean air an sgrìobhadh mu iomadh cuspair thar nam bliadhna, tha sàr eòlas agus liut sgrìobhaidh aige a chuireas snas air a chuid sgoilearachd. ’S ann à Aimeireaga a tha Mìcheal, agus ged a chuir e poile seachad ann an Alba, thill e dhan Àird an Iar bho chionn dusan bliadhna a dh’ùrachadh an t-strì.

Tha Mìcheal daonnan a’ sabaid airson fìor dhualchas nan Gàidheal, a’ feuchainn ri cultar fuadan a chaidh a ‘chruthachadh’ ann am Breatainn agus Aimeireaga san leth eile den 19mh linn (am measg eile) a chur an dara taobh. Tha sinn uile eòlach air an Aimeireaganach neo Canadach a thig a-bhos a dh’Alba agus iad den bheachd gu bheil na Gàidheil uile a’ cur fèileadh orra, mar eisimpleir. Air neo an fheadhainn a tha a’ smaoineachadh gur e ‘an Dannsa Ghàidhealach’ – air neo ‘Highland Dance’ – as airidh air taic, seach a’ Ghàidhlig, ann an àiteachan leithid Colaiste (Rìoghail) na Gàidhlig.

’S e rannsachadh sgoilearach as mò a tha a dhìth ann a bhith a’ fuadach bheachdan aineolach an t-sluaigh. Oir ’s e sin a th’ ann, aineolas. Mar Mhìcheal fhèin (agus grunnan eile às an Iar a theann ri Gàidhlig a thogail), thàinig mi fhìn bhon ùir mhaoth ud, ag èirigh suas am measg bheachdan nach robh tric cho innleachdail sin, uaireannan. Ach, tuigidh mi an lèirsinn a th’ aig Mìcheal ann a bhith a’ glanadh uisgeachan na tobrach a chaidh a shalachadh rè ùine thall. Oir, tha cumhachd taisgte san ùir sin fhathast, saoilidh mi. Cumhachd nach deach a choileanadh fhathast.

Nuair a bhios Mìcheal ullamh le chuid rannsachaidh is sgrìobhaidh, bidh e an uair sin ga craobh-sgaoileadh ann an liuthad dòigh dhan mhòr-shluagh — ann an Alba aig co-labhairtean mar eisimpleir, ach nas cudromaiche buileach, ann an òraidean aig tachartasan air feadh Aimeireagaidh, agus Clann nan Gàidheal san làthaireachd. ’S e rud dha bheil e airidh air moladh. Leis gach òraid a chuireas Mìcheal seachad ann an Aimeireaga, bidh aon Aimeireaganach nas lugha san t-saoghal a tha aineolach mun dualchas Albannach aige. Rud a tha math dhuinne a-bhos, saoilidh mi.

Tha an leabhar seo na phàirt den chraobh-sgaoileadh sin. Aithnichear sa mhionaid nach ann a-mhàin do sgoilearan Gàidhlig a tha e ag amas, ach gu bheil e a’ feuchainn air farsaingeachd dhaoine a ruighinn leis an fhiosrachadh seo. Oir is cudromach sgeulachd nan Gàidheal fhathast san latha an-diugh ann an Aimeireaga, co-dhiù tha sin aithnichte am measg a’ mhòr-shluaigh gus nach eil.

Agus dh’fhaoidte gu bheil sin ag atharrachadh san latha a th’ ann. ’S mise a’ chiad neach a mholas mar a chuir Outlander ri ìomhaigh na Gàidhlig thall (nuair a bha mi san àrd-sgoil, bha a h-uile duine ga leughadh – mo mhàthair, mo pheathraichean, mo charaidean, m’ oide-pìoba…). Bho chionn greis, tha Mìcheal air a bhith an sàs ann an gnothaichean leabhraichean Outlander, agus uair eile tha Gabaldon a’ tighinn am follais dhuinn. Ged nach ann orm a bha Gabaldon ag amas san rò-ràdh aice, fàgaidh mi mo bheachd-sa air co-dhiù. Tuigidh mi an t-adhbhar gur e Gabaldon a sgrìobh an rò-ràdh – airson aire a’ mhòr-shluaigh a ghlacadh dhan leabhar chudromach seo – ach b’ ann a dh’fhàillig i orm. Leis an fhìrinn, bha mi ga leughadh agus shaoil mi leam fhìn, “nise, cà ’l an duilleag bingo agam?” ’S e an t-aon rud, gu bheil i a’ riochdachadh farsaingeachd buaidh nan Gàidheal agus na Gàidhlig ann an Aimeireaga.

Cha mhòr nach do dh’fhàg an Gàidheal agus a’ Ghàidhlig dìleab bheairteach anns gach àite an Canada. Chan eil Mìcheal deireannach a bhith a’ cur nar cuimhne gum b’ i a’ Ghàidhlig an treas cànan san dùthaich air fad a-rèir àireamh luchd-labhairt nuair a chaidh an Co-Chaidreachas a stèidheachadh. Ach an-diugh, anns na h-àiteachan bu lìonmhoire sluaigh uair dha robh saoghal, ’s gann gu bheil a’ Ghàidhlig beò an cuimhne nan daoine.

Chan eil sin ri ràdh nach eil dìleab na Gàidhlig fhathast ann (agus Dòmhnall Iain Dòmhnallach a’ meòrachadh air a leithid an samhradh sa chaidh), ach chaidh sgeulachd nan Gàidheal a chaitheamh a-steach do (air neo, a thoirt fo sgiath) sgeulachd nan Albannach. Dh’fhaoidte gu bheil iomradh fhathast air na daoine às a’ Ghàidhealtachd a chuidich le stèidheachadh na dùthcha ann, ach ’s ann mar Albannach, ’s chan ann mar Ghàidheal, as fhèarr a dh’aithnichear iad.

Ann an sgoilearachd Aimeireaganach an latha an-diugh, bithear a’ cumail a-mach fhathast gur e dùthaich shlàn a bh’ ann an Alba, gun sgaradh a thaobh cànain neo dualchais ann. Bithear a’ meas Gàidheal agus Gall mar dà chàl às an aon stoc. Ach, tha Mìcheal a’ cur far comhair gun robh an diofar mòr ann an Alba a’ sgaradh an dà leth den dùthaich fad linntean aig àm an eilthireachd, agus ‘mì-rùn mòr nan Gall’ gu math beò an inntinn nan daoine air a’ Ghàidhealtachd dar a ràinig iad a’ Choille Ghruamach.

Mar sin, fiù ’s na ciad dhuilleagan, tha Mìcheal a’ leigheas an aineolais sin le bhith a’ mìneachadh mar a chaidh an eadar-dhealachadh sin a chlaonadh, agus mar a thathar a’ sgrùdadh nan Gàidheal tro shùilean nan Gall fhathast air an latha an-diugh. Gu dearbha, tha Mìcheal ag innse mar a tha a h-uile cuspair-rannsachaidh eile, cha mhòr, a’ tuigsinn dè cho cudromach do sgoilear ’s a tha cleachdadh nan tùsan fhèin aig na daoine a tha fon phrosbaig. Ciamar a tha Eòlas na Ceiltis agus mìneachadh dualchas nan Gàidheal cho eadar-dhealaichte agus air dheireadh?

Saoilidh mi gu bheil luach mòr an sin. Tuilleadh is fada, tha sgoilearan agus am mòr-shluagh air a bhith a’ beachdachadh air beatha agus fèin-aithne nan Gàidheal gun a bhith a’ tuigsinn a’ chultair bhon t-seallaidh aca fhèin. Tha tòrr mòr fiosrachaidh am broinn litreachas nan Gàidheal ann an Alba agus an Canada nach eil sgoilearan deònach a làimhseachadh. Tha Mìcheal gar treòrachadh gu briathran Dhòmhnaill Mheek, agus e a’ càineadh sgoilearan nam Fuadaichean nach eil iad a’ cur feum air stòras mòr Choimisean Napier, air a chruinneachadh am measg an t-sluaigh sa Ghàidhlig ’s air eadar-theangachadh gu Beurla.

Tha e fìor ri ràdh nach fhaighear an dealbh coileanta de rud sam bith a tha a’ buntainn ris an t-saoghal Ghàidhealach às aonais nan tùsan Gàidhlig sin. Tha sgeul eilthireachd nan Gàidheal san aon rud. Tha a’ Ghàidhlig do-sheachanta agus bunasach dhan sgeul. Agus ’s e sin aon de na cnapan-starra mòra a b’ adhbhar don t-suidheachadh anns a bheil sinn – nach eil tòrr eòlach air na tùsan, a’ tuigsinn nan tùsan, neo a’ toirt suim do na tùsan.

Agus dhan fheadhainn a tha a’ tuigsinn na Gàidhlig, air neo aig a bheil làn-tograidh na tùsan Gàidhlig a chleachdadh, tha gainnead de stuth truiste mu bheatha nan Gàidheal an Canada na chnap-starra eile. Do sgoilearan agus oileanaich eilthireachd nan Gàidheal, chan ann tro sgrùdadh litreachas à Alba a gheibhear an sealladh coileanta. Feumaidh an dà thaobh. Chaidh cnap leabhraichean ionmholta a chur an clò bho chionn grunn mhath bhliadhnaichean — bàrdachd, òrain, is sgeulachdan. Tha an leabhar seo a’ cur clach air a’ chàrn ud, le bhith cuideachd a’ toirt beagan roisg na lùib. Tha e cuideachd a’ toirt dhuinn an leth eile dhen sgeulachd, nach eil cho rannsaichte. Dè dha-rìreabh a thachair dha na Gàidheil nuair a chaidh iad a-null? Càite an deach iad? Ciamar a bha iad a’ gabhail beachd air eilthireachd neo a’ Ghàidhlig, san t-Seana Dhùthaich neo sa Choille Ghruamach neo air a’ Phrèiridh?

Leughadh taitneach air Machraichean Uibhist

Leughadh taitneach air Machraichean Uibhist

Mar eisimpleir, ann an aon de na teacsaichean,  Machraichean Móra Chanada (td 175; 1907), bha Riaghaltas Chanada a’ feuchainn ri bhith tàladh Ghàidheal thar a’ chuain chun nam machraichean mòra, air neo nam prèiridhean. Ann, tha an t-ùghdar a’ coimeas taigh beag tughaidh ri taigh mòr dathach air a’ phrèiridh. Ach nas inntinniche buileach, tha an t-ùghdar a’ dèanamh coimeas eadar an fheadhainn a chaidh a Mhachraichean na h-Alba agus a Mhachraichean Chanada:

‘Rè lethcheud bliadhna an déidh seo, dh’fhàg móran Ghàidheal tìr an athraichean. Chaidh cuid diubh gu Galltachd – do na bailtean móra, do na h-obraichean móra far an robh a’ chuid bu mhò dhiubh air an slugadh suas am measg choigreach. Dh’fhàs, mar bu tric, an clann suas ann an aineolas air cànain, is air gnè nan Gàidheal agus, an-diugh, chan eil dad ri fhaotainn diubh ach na h-ainmean a chì neach thairis air dorsainn nam bùth air an t-sràid…

‘Chum iad [an fheadhainn a chaidh a Chanada] ’nam badanan sluaigh ri chéile; chum iad beò cànain agus móran de chleachdaidhean an athraichean, agus gus an là an-diugh gheibhear daoine, mnathan agus clann, ’s an dara, agus ’s an tritheamh ginealach dhaibhsan a thàinig an toiseach, a labhras is a leughas Gàidhlig cho math ri gach dalach neach ann an aon sam bith de dh’eileanan siar na Gàidhealtachd. Sin agaibh coimeas eadar iadsan a dh’fhàg a’ Ghàidhealtachd air son na Galltachd agus air son Canada dhà no thrì linntin roimhe seo. Có dhe’n dithis a rinn an taghadh a b’ fhearr? Tha mi fhéin a’ creidsinn gun d’ rinn iadsan a thàinig gu Canada. …’

Bha na Gàidheil ann an Canada tric a’ beachdachadh air mar a dh’èirich dhaibh, bho Chùl Lodair agus na Fuadaichean, gu eilthireachd agus stèidheachadh beatha ann an dùthaich ùr. Tha na beachdan sin a’ tighinn bhon fheadhainn a dh’fhàg Alba, a dheòin neo a dh’aindeoin. Mar eisimpleir, san aiste ‘Na Gàidheil ann an Ceap Breatainn’ (td 227; 1903), tha Eòin MacFhionghain – Caraid nan Gàidheal Canadach, a’ toirt deagh shealladh air mar a bhathar a’ tuigsinn sgeul nan Gàidheal an Canada. ’S ann sa Ghàidhlig a chaidh a sgrìobhadh, ach tha eadar-theangachadh ann a rinn Mìcheal, amhail mar a tha an dèidh a h-uile pìos litreachais eile.

Leis nach eil a’ Ghàidhlig aig tòrr mòr sgoilearan – sgoilearan a’ rannsachadh Eòlas na Gàidhlig, Eòlas na h-Alba, Eòlas Eilthireachd, Eòlas Chanada, agus msaa – bidh na h-eadar-theangaichean seo gu mòran feuma. Tha Mìcheal airson ’s gun cleachd sgoilearan na teacsaichean seo, agus e gam fosgladh a-mach sa Bheurla choitcheann.

Tha e math cuideachd gu bheil an uiread de theacsaichean a’ nochdadh san aon àite. Tha Mìcheal buailteach air co-chruinneachaidhean a sgrìobhadh, a’ coimhead air a’ mhòr-shealladh ‘s gan cur ann an co-theags nan Gàidheal. Tha Warriors of the Word, A Handbook to the Scottish Gaelic World, fiù ’s Dualchas nan Gàidheal, a dheasaich e, mar fhianais air sin.

Tha mi air cuid a chluinntinn ’s iad a’ gearan nach eil an stuth a tha e a’ sgrìobhadh ùr neo cruthachail idir, ach trusadh obair aig sgoilearan dìcheallach eile. Dh’fhaoidte nach eil sin uile na fhaoin-chainnt, ach, san t-seagh sin, tha Mìcheal a’ cruthachadh seata de cho-chruinneachaidhean, neo teacs-leabhraichean, do rannsachadh na Gàidhlig, air neo cuspair Eòlas na Gàidhlig, rud a tha a dhìth.

Chan eil sgrìobhainnean a’ chuspair ach sgapte agus sin a’ fàgail gu bheil e doirbh do dhaoine a dhol a-steach dhan chuspair gun fhoghlam foirmeil. Tha leabhraichean Mhìcheil a’ fosgladh an dualchais dhan mhòr-shluagh, ann an Alba agus thall thairis. Agus, na mo bheachd-sa, ’s e sin a tha a dhìth oirnn ann an Aimeireaga gus tòiseachadh a dhèanamh air oideachadh ceart a thoirt do ‘Chlann nan Gàidheal’ a chaill an dìleab sa Choille Ghruamaich.

Tha Seanchaidh na Coille mar sheud sa chrùn aig sgoilearachd Mhìcheil, a’ toirt sgrìobhainn sgoilearach agus stuth ùr còmhla ann an aon àite, dha na Gàidheil, dha na sgoilearan, agus dhan fheadhainn aig a bheil ùidh ann an dualchas nan Gàidheal an Canada.

’S iomadh duine ann an Aimeireaga nach d’fhuair cothrom na Fèinne air an dualchas, air sgàth bhliadhnaichean de chrìonadh agus claonadh na dìleibe. ’S e seo do chothrom. (Tha mise dol ga cheannachd dha mo mhàthair.)

Liam Alastair Crouse

Share

2 thoughts on “Lèirmheas leabhair | Seanchaidh na Coille

  1. Pingback: "Exactly what we need": Review - Cape Breton University PressCape Breton University Press

  2. Pingback: CBC Interview with Michael Newton now available - Cape Breton University PressCape Breton University Press

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach