Lèirmheas Leabhair | The Naughty Little Book of Gaelic

The Naughty Little Book of Gaelic le Dr. Michael Newton61jXncvbZBL._AA1500_

‘All the Scottish Gaelic You Need to Curse, Swear, Drink, Smoke and Fool Around’

 

Speuradh is smùid, mallachd is ‘muineadaireachd’, òrain phìobaireachd is òrain òil – ’s iomadh rubha ris a bheil an leabhar draosta dibhearsaineach seo a’ suathadh. O cheann gu ceann, cha d’fhuair mi uiread de ghàire is spòrs a-riamh à leabhar mun a’ Ghàidhlig agus a fhuair mi am broinn nan duilleag seo.

Chan e ’s gur e cruinneachadh de bhriathran mì-mhodhail a th’ ann an The Naughty Little Book of Gaelic (uil, chan e sin a-mhàin a th’ ann), ach cuideachd trusadh de bhàrdachd, òrain, is sheanchas mu chuspairean air nach do rinneadh an t-uabhas de dh’iomradh thairis air na bliadhnaichean.

Bheir mi dhuibh eisimpleir. Mar phìobaire mi fhìn, bu mhòr am beud nach robh fhios agam a-riamh gur e briathran ‘A’ Ghlas-Mheur’: ‘òl, òl, òl, òl, òl, òl, òl, òl, òl, òl, òl, òl…’ Bu làn-aighearach mi dar a thionndaidh mi an duilleag ’s a chunnaic mi dealbh de phìobaire na shuidhe air a thòin ’s an dallanach air.

Bha e inntinneach dhomh cuideachd tionndaidhean eadar-dhealaichte a bhith ann de rainn a dh’aithnichinn fhìn. Seo an tionndadh a fhuair mise am badeigin uair, ged a tha tionndadh eile (nas coileanta?) san leabhar a’ dì-moladh an uisge-bheatha:

Uisge-beatha,

Uisge-bàis,

Uisge dh’fhàgas blàths nad chom,

Uisge dh’fhàg na mìltean lom.

Agus san t-seagh seo, bha mi a’ bruidhinn ri fear às a’ Bhreatainn Bheag bho chionn ghoirid agus esan ag ràdh gun robh dìth briathrachais a’ cur bacadh air cuid den òigridh thall an sin. Shònraich e briathrachas na feise gu h-àraidh, le bhith a’ dèanamh coimeas eadar a’ Bhreatnais agus a’ Chuimris, far am faiceadh e Cuimrich ga bruidhinn ann an caochladh de shuidheachaidhean, leithid argamaid, sùgradh, agus òl. Shaoilinn gun robh puing mhath aige, ’s gu deimhinne an coimeas ri cuid de luchd-labhairt ùr na Gàidhlig. Nach eil an t-àm ann briathrachas agus seanchasan leithid seo fhaotainn don a h-uile duine bho fhoillsichear acadaimigeach!

Agus cò a dhìochuimhnich a’ cho-labhairt bho chionn grunnan mhìosan a’ sgrùdadh feis agus gnèitheachd a chaidh a cumail aig Oilthigh Dhùn Èideann? B’ e seo a’ chiad uair a-riamh a bhathar a’ cnuasachadh feis san t-saoghal Cheilteach ann an co-labhairt oilthighe (cho fad ’s fiosrach leam). Ged a bha a’ cho-labhairt sin nas acadaimigiche, theagamh gun abrainn gu bheil The Naughty Little Book nas ‘pragtaigiche’.

Bha mi riamh dèidheil air sgrìobhaidhean Mhìcheil Newton agus chan eil an leabhar bragail beadarach seo ach a’ cur ri sin. Mura bheil sibh air sùil cheart a thoirt air an leabhar seo, ‘cho cinnteach ’s a tha bod ’s an each’, còrdaidh e ribh.

Tha an leabhar ri fhaotainn aig Cape Breton University Press an seo.

 

– Liam Alastair Crouse

 

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach