Lèirmheas Leabhair: Tintin agus Toit nam Phàro

 

directory-tintin_1710880c2Nuair a bha mi òg, cha robh m’ aire air càil ach na comaigs – bhiodh mo sheanair còir nach maireann a’ ceannach Beano, Dandy, Beezer agus Topper dhomh gach turas a bhithinn a’ cèilidh air ann an Hunndaidh. Cha robh càil na b’ fheàrr a bha a’ còrdadh rium na Roy of the Rovers, air neo sgeulachdan Chommando is Victor, le Alf Tupper no Warlord.

Bha m’ aire air comaigs o thall thairis cuideachd. Tha mi fhathast measail (agus ’s mathaid buileach nas measaile le aois) air Peanuts agus Calvin is Hobbes. Ach ’s e an dithis as còire dhomh Asterix agus Tintin.

Tha eachdraidh fhada aig Asterix sa Ghàidhlig, ’s fhada on a bha Asterix an Ceilteach ga chur an clò le eadar-theangachadh o Pheadar Morgan, ged a bha bearn mhòr ann eadar sin, a’ chiad chruinneachadh aig Goscinny is Uderzo, agus am fear as ùire (agus a’ chiad fhear anns nach robh Uderzo an-sàs) Asterix agus na Cruithnich, air a dheagh eadar-theangachadh le Raghnaid Sandilands.

Tha Tintin ùr anns a’ Ghàidhlig ge-tà agus tha na dàn-thursan aig an naidheachdair Bheilgeach òg agus a chù, Milou san Fhraingis, Snowy sa Bheurla, agus anns a’ Ghàidhlig, Dìleas, air tlachd a thoirt gu mòran air feadh an t-saoghail. Thòisich Georges Remi a’ dealbhadh Tintin fon ainm-pinn Hergé anns an iris Chaitligeach La Petit Vingtieme anns a’ Bheilg ann an 1930 agus rinn e fichead ’s a trì leabhraichean gu leth mus d’ fhuair e bàs ann an 1983.

Nochd a’ chiad leabhar anns a’ Ghàidhlig, An t-Eilean Dubh, ann an 2013, fear freagarrach leis gu bheil ceangal làidir ann ris a’ Ghàidhealtachd, agus ri Barraigh gu sònraichte. (Bha Hergé a’ stèidheachadh mòran de na seallaidhean tìre air dealbhan den eilean.) Chaidh am fear sin eadar-theangachadh le Gillebride MacIlleMhaoil, agus tha an seinneadair agus acadaimeagach air leantainn leis an fhoillseachadh às ùire, Toit nam Phàro (Cigars of the Pharoahs).

Feumaidh mi ràdh gun do chòrd e fìor ghlan rium, ’s e a’ chiad fhear a leugh mi sa Bheurla nuair a bha mi beag agus tha mi garbh measail air. Tha e furasta a thuigsinn, tha a’ Ghàidhlig a’ dol leis an sgeulachd gun dragh sam bith agus tha an sgeulachd gad ghreimeachadh. Tha an sgeulachd, mar a h-uile sgeulachd Tintin, a’ toirt dhut car no dhà air gach duilleag, agus ann an Toit nam Phàro, tha an cunnart a’ faireachdainn fìor agus faisg. Aig an aon àm, tha beagan Deus Ex Machina ri fhaicinn, ach is sin pàirt den tlachd, a bhith a’ faicinn mar a bhiodh Hergé a’ faighinn fuasgladh air na suidheachaidhean anns am biodh e a’ cur Tintin gach seachdain (chaidh na leabhraichean fhoillseachadh bho thùs, duilleag seach duilleag, anns na pàipearan mus deach an cruinneachadh mar leabhar ceart).

toit-nam-pharo-cyfanTha Toit nam Phàro gu math cudromach ann an eachdraidh Thintin. An ceathramh cruinneachadh aig Hergé, is e a’ chiad leabhar san t-sreath far a bheil am plot a’ tighinn ri chèile mar chùis leantainneach. (Roimhe sin, bha na sgeulachdan gu math briste, agus stèidhichte air sàr-ìomhaighean gun rannsachadh, air neo beachdan an luchd-deasachaidh aige, rud a tha gu math follaiseach anns an dara leabhar chonnspaideach Tintin sa Chongo, rud a chuir aithreachas mòr air Hergé na sheann aois.)

San sgeulachd, tha Tintin a’ falbh air làithean-saora airson beagan fois ach ag èirigh ann an teis-meadhain cùl-mhùtaireachd dhrogaichean, turas èiginneach a bheir esan agus Dìleas on Èipheit, gu Arabia, gus mu dheireadh thall, tha iad a’ nochdadh ann an coille-uisge nan Innseachan.

Coinnichidh sinn ris an dithis fhear-poileis, Thompson & Thomson, airson a’ chiad uair, agus aig an àm seo san t-sreath, chan eil iad nan caraidean do Tintin. Tha MacIlleMhaoil air cumail ris a’ chleas a tha aig na h-eadar-theangairean anns gach cànan le bhith a’ cleachdadh ainmean coltach agus ’s e MacDhòmhnaill is Dòmhnallach a tha orra ann an Cainnt na Fèinne. Thòisich a’ chàraid seo gòrach gu leòr agus cha do dh’fhàs iad na bu chliobhaire mar a chaidh iad air adhart.

Is e Seonachan MacSheonachain (Sophocles Sarcophagus) an t-àrc-eòlaiche neònach a tha a’ cur an sgeòil an gnìomh agus ’s esan a’ chiad fhear ann an sreath de luchd-saidheans craicte a bhiodh a’ nochdadh sna leabhraichean.

Tha sinn a’ tachairt ri Rastapopoulos, “Ó Muircheataigh” aig Tintin airson a’ chiad uair cuideachd agus tha buaidh mhòr aige air a’ phlot, ged nach tig e gu buil ris an ath leabhar ach ’s ann an sin a thig cnag na cùise.

Chanainn gum bi an aon duilgheadas ann aig Comhairle na Leabhraichean agus DalenAlba a bha aig Metheun, luchd-foillseachaidh Tintin sa Bheurla, gu bheil an sequel do Thoit nam Phàro, The Blue Lotus, gu daingeann stèidhichte ann an Sìona nuair a bha i fo smachd nan Iapanach ron Dara Cogadh. Cha deach The Blue Lotus fhoillseachadh ann am Breatainn gu 1983, a’ bhliadhna a fhuair e bàs. Ma ’s e Toit nam Phàro a’ chiad leabhar ceart susbainteach anns an t-sreath, chan eil teagamh ann gur e The Blue Lotus a’ chiad shàr-obair aig Hergè, gu h-àraidh mar a bhios Chang Chong Chen, a chluicheadh pàirt cho mòr ann an Tintin ann an Tibet, an t-sàr-obair mu dheireadh aig Hergé deich bliadhna air fhichead às dèidh sin.

Tha an leabhar gu math eireachdail, air a dheagh chlò-bhualadh. Is e ligne-claire an dòigh-dealbhaidh aig Hergé, agus ann an Toit nam Pharo, tha an stoidhle ud a’ tighinn gu buil agus a’ toirt dhuinn cruth ceart air na caractaran a bhiodh a’ fuireach riutha airson a’ chòrr den t-sreath, ach tha aon duine cudromach a dhìth, fear a tha ceart cho cudromach ris an t-sreath ’s a tha Tintin is Dìleas.

Chan eil Caiptean Adag gu bhith a’ nochdadh gus Crùbag nan Ìnean Òra. Thuirt Hergé gun do thagh e an t-ainm sin oir shaoil e gur iasg duilich Sasannach a bha anns an Adag – ach bha mòran riamh den bheachd gun robh an Caiptean co-dhiù rud beag Albannach (gu h-àraidh leis cho measail ’s a bha e air uisge-beatha) – agus le uiread de Ghàidheil a bha nam maraichean cliùiteach, cò tha ri ràdh nach robh beagan fuil nan Gàidheal ann an deagh charaid Thintin? Bidh e math a’ leughadh mar a tha MacIlleMhaoil ag eadar-theangachadh mhionnan a’ Chaiptein san leabhar eile.

Ma tha thu nad phàrant agus tha thu a’ coimhead airson leabhair mhath Ghàidhlig dha do chuid cloinne a tha làn de Ghàidhlig a tha beartach ach furasta a thuigsinn, cha dèan thu nas fheàrr na Dàna-thursan Tintin an Nollaig seo. Tha aon ghille beag as aithne dhomh a bhios gu math toilichte ma nochdas tuilleadh Tintin sa Ghàidhlig.

– Eòghan Stiùbhart

Faodar na leabhraichean Tintin a cheannach tro làrach-lìn Comhairle nan Leabhraichean.  

Share

2 thoughts on “Lèirmheas Leabhair: Tintin agus Toit nam Phàro

  1. “Nochd a’ chiad leabhar anns a’ Ghàidhlig, An t-Eilean Dubh, ann an 2013, fear freagarrach leis gu bheil ceangal làidir ann ris a’ Ghàidhealtachd, agus ri Barraigh gu sònraichte. (Bha Hergé a’ stèidheachadh mòran de na seallaidhean tìre air dealbhan den eilean.)” – seadh, tha seo fìor, agus chan eil mi a’ dol às aicheadh…Bha baile beag “Kiltoch” (nach eil seo gar cuimhneachadh air “Kiltod” / Cill Toid ann an Todaidh Beag ann an leabhar, is fiolm ainmeil Chomptoin MhicCoinnich, ‘Whisky Galore’?) stèidhte air Bagh a’ Chaisteil ceart gu leòr (mar a bha Cill Toid ann an Todaidh Beag a cheart cho math – an robh Hergé air ‘Whisky Galore’ a leughadh, no ‘fhaicinn, anns a’ Fhraingis aig an taigh anns a’ Bheilg?).

    Ach bha ’n caisteal air an Eilean Dubh fhèin stèidhte air Caisteal Loch Raonasa an àite a’ Chaisteil Mhaoil (f. Garen Ewing, ‘The History of The Black Island’, is e ri fhaighinn air-loidhne o: http://www.tintinologist.org/articles/blackisland.html). Agus gheibh sibh loidhne-labhairt an urram don t-seadh seo ann an sealladh ann an Loch Raonasa anns an fhiolm bheag seo – https://www.youtube.com/watch?v=2_P59JOq5BU – a rinn mi an urram do dh’ fhiolm eile à sean-làithean na Gàidhealtachd, https://www.youtube.com/watch?feature=player_embedded&v=W-CpkFgxx2I. Tha mi làn dòchais gum buain sibh tlachd àsda, chòrdadh iad ri Hergé agus Compton MacCoinnich còmhla, saoilidh mi…

  2. Uill, cha bhiodh Herge air Whisky Galore a leughadh neo fhaicinn, o chionns gun deach am Politician fodha bliadhnaichean as deidh don Eilean Dubh bhith ga sgriobhadh ron an Dara Chogadh. Is mathaid gun robh buaidh air ge-ta nuair a chaidh an leabhar ath-dhealbhadh anns an 1960an, agus coltas gun deach an leabhar ath-nuadhachadh.

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach