Lèirmheas | Lus na Tùise le Marcas Mac an Tuairneir

Chaidh an dàrna leabhar bàrdachd le Marcas Mac an Tuairneir, Lus na Tùise, fhoillseachadh san t-Samhain. Tha Rhona air a bhith ga leughadh.

lus-na-tuise-front-cover-image-500px-01

Do chuideigin coltach rium fhìn – cuideigin a tha air a bhith a’ leughadh gach leabhar Beurla air an d’ fhuair mi greim bhon a bha mi nam nighean bheag ach aig nach robh ach a’ Bheurla seachd bliadhna air ais – ’s e rud eadar-dhealaichte a th’ ann a bhith a’ leughadh rosg agus bàrdachd sa Ghàidhlig.

A’ chuid as motha den ùine, ’s ann sa Bheurla a bhios mi a’ leughadh fhathast. Chan eil am briathrachas a th’ agam ann an Gàidhlig cho farsaing ’s gu bheil mi a cheart cho cofhurtail ga leughadh ’s a tha mi sa chiad chànan agam.

Ach ged a tha e nas dorra dhomh, gheibh mi tlachd sònraichte ann an leughadh na Gàidhlig. Chan eil mi air an iomadh ceangal a chruthachadh nam cheann do gach facal Gàidhlig fhathast, agus mar sin tha an dàimh eadar na faclan agus na faireachdainnean a dh’èireas asta nas dìriche ann an dòigh. Ma tha leughadh na Beurla coltach ri coiseachd tro choille bhòidheach, le craobhan ’s geugan ’s freumhan nam fighe mun cuairt ort agus gairm nam beathaichean nad chluais, tha leughadh na Gàidhlig coltach ri tighinn a-mach air maol le sealladh àlainn romhad, gun ghuth ann ri chluinntinn ach ruith na gaoithe – nas gainne, ann an dòigh, ach a cheart cho brìghmhor.

Cuideachd, chan eil mi air fàs cleachdte fhathast ri bhith a’ leughadh sa Ghàidhlig mu na rudan a tha cho àbhaisteach ann am bàrdachd na Beurla – teaghlach, càirdeasan, gaol, feis – gun luaidh air cuspairean eile air a bheil Marcas Mac an Tuairneir a’ sgrìobhadh san leabhar ùr aige. Le sin, tha rudeigin ùr, glacmhor dhomh anns gach dàn.

Mar bhàrd gèidh a’ sgrìobhadh ann an Gàidhlig tro shùil gheur, mhothachail, tha bàrdachd Mhic an Tuairneir a’ mapadh badan ùra nar cànan, air neo a’ cur air ais na h-ainmean nach deach sgrìobhadh sìos sna bliadhnaichean a dh’fhalbh ach a bha a-riamh aig cuid dhinn. Tha na faclan “gun ainm” a’ nochdadh a-rithist agus a-rithist ann an inntinn an leughadair, agus sin a’ togail cheistean mu na guthan gun ainm thar nam bliadhnaichean, agus an eòlas nach deach a chur an cèill.

B’ iad na dàin a bu shìmplidhe, far a bheil guth ri chluinntinn gu soilleir agus na mion-dealbhan ga bheòthachadh, a thug a’ bhuaidh a bu mhotha orm. Tha na “stuaidhean goireil” agus na h-uinneagan falamh ann am “Mac-talla” a’ cur ris an aonaranachd a tha ri cluinntinn san dàn. Ann an “Lus na Tùise”, tha an silidh-smeura agus am pana bainne a’ dèanamh gleus talmhaidh, collaidh san dàn.

Cluinnidh sinn cuideachd, an siud ’s an seo, am bàrd a’ ceasnachadh an dàimh eadar e fhèin agus an cànan anns a bheil e a’ sgrìobhadh. Tron chruinneachadh seo, tha e soilleir gu bheil am bàrd beò ann an saoghal ùr na Gàidhlig, le spèis don dualchas gun a bhith tachdte leis. Gu dearbh, leis cho gann ’s a tha òrain ùra sa Ghàidhlig, ’s ann tro nua-bhàrdachd a tha sinn a’ faicinn leasachadh agus beartachadh a’ chànain.

Ann an “Speactram”, faisg air deireadh an leabhar, tha am bàrd a’ sgrìobhadh mun chùis-mhulaid ann an Orlando. Tron dàn, tha an t-ùghdar a’ faighinn smachd air choireigin air suidheachadh caothachail, agus tha e cudromach gur e bàrd gèidh a tha a’ toirt brìgh às an tàmailt sin. Tha e ag ràdh san leathrann mu dheireadh gum bu chòir dhuinn “gar fàgail seo, am measg an eòrnaich, / gus ar tuigse spìonta ath-fhighe.” Gu dearbh, leis a chruinneachadh ùr tha Mac an Tuairneir a’ cur gu mòr ris an ath-fhighe seo.

Tha an leabhar a’ tighinn gu crìoch le dàn sònraichte air a bheil “Uaireannan”, dàn a tha air leth cumhachdail ann an dòigh chiùin, socair. An dèidh an iomadh cuspair agus na guthan diofraichte a tha sinn air cluinntinn tron leabhar, tha e a’ fighe iomadh ìomhaigh ann an aodach àlainn san dàn seo agus tha e gu math freagarrach mar cheann-uidhe an leabhair.

Dh’fhaodadh “Uaireannan” a bhith mu dheidhinn gnèitheachd, gaol, cànan, bàrdachd fhèin – a h-uile rud sin no iomadh rud eile; tha am bàrd ga fhàgail aig an leughadair. Co-dhiù, ge b’ e cuspair an dàn, tha rudeigin ann, gun ainm, a bheanas ris a’ chridhe.

– Rhona NicDhùghaill

Tha Lus na Tùise le Marcas Mac an Tuairneir ga fhoillseachadh le Bradan Press. Chaidh an dàn “Speactram” fhoillseachadh le Dàna san Lùnastal agus faodaidh sibh a leughadh an seo.

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach