Lèirmheas; Oidhche Gaelic-tronica, CCA Glaschu, 17mh Ògmhios

Nuair a thig brath bhon bhuidheann Ceòl is Craic gum bi iad a’ cumail tachartais tha fhios gun tig rudeigin inntinneach às.  

Gaelictronica

Tha Ceòl is Craic air cliù a chosnadh dhaibh fhèin son a bhith a’ piobrachadh cultar na Gàidhlig agus ga thoirt còmhla ri cultaran eile, gu sònraichte a thaobh cìuil. An turas sa b’ e seinn Ghàidhlig is ceòl eilteactronaigeach a chaidh a chur dhan phrais còmhla. Am prionnsabal ’s iad dà ghnè ciùil nach bu chòir a dhol còmhla idir. ‘S e rud traidiseanta a th’ann an seinn Ghàidhlig le buinteanas ri nàdar is sgìrean air an iomall. Tha ceòl eilteactroineagach na rud ùr-nòsach a bhuineas ri bailtean mòra is teicneòlas. Ach a reir na chuala mise aig a’ chonsart Gaelic-tronica thèid iad còmhla, is thèid gu math.

Chuir guth nan aingeal aig Alasdair MacIlleBhàin air bhog an oidhche le taic bhon neach-ciùil eilteactronaigach Ross Whyte. Chleachd Ros guth àlainn Alasdair mar shnàth a dh’fhigh e an lùib tapais de dh’fhuaim, a’ togail air a’ ghuth gus dealbh ioma-fhillte a chruthachadh. Gu h-iongantach chaidh aig Ross air na h-òrain a chàradh ’nan co-theacsa nàdarach is eachdraidheal ann an dòigh nach dèanadh fiù ’s ionnsramaid traidiseanta le bhith a’ tarraing air fuaimean nàdarrach is a’ cruthachadh ìomhaighean fuaime nar n-inntinn. Anns an òran ‘Fuaim an Taimh’ chuala sinn crònan na mara is ceilearadh nan eun agus san òran ‘Leis a’ Bhàta’ b’ e dìosgail thiamhaidh dhèilean a’ bhàta a lìon an talla mus tàinig guth Alastair a-steach. B’ e rud brìoghmhor, ealanta a dh’èirich às a bha measail do thùsan nan seann-òran a dh’aindeoin ’s gun robh iad air an libhrigeadh ann an dòigh a bha fada bho eòlas an fheadhainn a sheinneadh iad bho thùs.

Cha robh a h-uile òran a sheinn Alasdair aosta ge-tà. Nuair a thachair Ross ri clàradh a chaidh a dhèanamh de dh’eun a bha na bhall mu dheireadh de ghnè a rachadh à bith le bhàs no an ‘endling’ mar a chanas luchd saidheans ri a leithid, cha b’ urrainn dha an cothrom a dhiùltadh pìos ciùil a dhèanamh dheth. Chuir Alasdair faclan ris a’ tarraing air tiamhaidheachd sgeul an eòin a’ gairm cèile nach robh ann, gus cuspairean mar aonranachd is duilgheadasan conaltraidh a chur fon phrosbaig. Air cùlaibh guth Alasdair chluinneamaid guth fann an eòin mar gun robh iad a’ freagairt càch a chèile. Is sinn a tha feumach air òrain ùr Ghàidhlig agus nach math gu bheil leithid Alasdair is Ross ann a tha deònach an dùbhlan a ghabhail os làimh?

Bha cruth an darna còmhlain mar shamhla air a’ chiad fhear; dithis neach ciùil, aonan ri seinn is aonan ri cruthachadh ceòl eilteactroineagach . An turas sa b’ e boireannaich a bh’annta seach fireannaich; Ainsley Hamill às Càrdanros a’ Seinn sa Ghàidhlig is Ela Orleans às a’ Phòlainn na neach ciùil eilteactronaigeach. Ged a chruthaich Ela a cuid ciùil eilteactronaigeach san aon dòigh ri Ross a chuala sinn na bu thraithe, a’ measgachadh fuaimean nàdarrach is teicneolach, b’ iongantach e dhomh cho diofaraichte ’s a bha toradh obair na dithis aca. Bha an ceòl aig Ela na bu chruaidhe is na bu ghnìomachaile le ruitheam dìorrasach na chois a bha air a dhaingneachadh le seann-fhilmichean dubh is geal de dhannsairean a’ priobadh air sgàilean air a cùl. Chleachd ise an guth aice fhèin ga chur a’-steach dhan mheasgachadh bho àm gu àm a’ tarraing air an dualchas aice le bloighean de laoighean Gregorian Pòlainneach.

Is math gu bheil guth cumhachdach aig Ainsley a bha comasach air èrigh gu mullach a’ chiùil aig Ela gus rud neartmhor a chruthachadh. Shiubhail a guth mar sin air bàrr a’ chiùil caran mar surfair air bàrr tuinn ach cha deach aig an dithis air fhighe a-steach dhan cheòl san aon dòigh a rinn balaich ‘icGilleBhàin, is cha do dh’fhairich mi an aon dàimh eadar ceòl is brìgh nan òran. Ach eu-coltach ri Ross is Alasdair tha Ela is Ainsley air ùr-thighinn còmhla agus ’s dòcha gun tig sin rè ùine.

B’ e ceòl smuaineachail a fhuair sinn gu ruige seo a ghluasadh inntinn seach casan, ach b’ann air a’ chaochladh a bha ceòl a’ Chòmhlain mu dheireadh dhen oidhche; Inyal. B’ e a’ cur casan gu dannsadh adhbhar na bithe aca. B’ e prìomh-fhàth a’ chiùil eilteactronaigich an turas sa ann an làmhan sgileil Hamish MacLeod bunait ruitheam dannsaidh a chruthachadh còmhla ris an drumaireachd aig Owen Sinclair. Chaidh aca air sin a dhèanamh ann an dòigh a bha togarrach is ceòlmhor aig an aon àm. Chuir Josie Duncan a guth binn ris is chaith Robbie Creig air an fhidheall is Conal MacDonagh air a’ phìob ’s is an fhìdeag an cuid ciùil dhan mheasgachadh ga chur na bhoile. G’ e b’ oil leam bha mo chasan a gluasad! Chan eil teagamh nach e ceòladairean ealanta a th’ ann an Robbie is Conal le chèile agus is bochd nach do sheas an cuid ciùil air leth bhon bhuille, gu sònraichte an ceòl aig Conal nach robh mi a’ cluinntinn idir ach air èiginn. Ach coma leat beagan dìth-chothromachaidh san fhuaim, fhuair sin ceòl aighearach, beòthail a dh’fhàg sinn an deagh-shunnd ro dheireadh na h-oidhche.

B’ e ceòl a b’ann a bha airidh air talla làn de dhaoine a’ bogadaich nan caothach. Ach cha robh an làthair ach mu thrithead daoine is tha mi an amharas gun robh cuid math dhiubh sin air liosta nan aoighean. Ann an saoghal na Gàidhlig tha sinn deònach gu leòr gearan mu dhìth-taic dhan Ghàidhlig. Nuair a thèid taic is saothar a chur ri iomairt ionmholta nach eil dleastanas air choireigin againn an taic againn fhèin a chur ris?

‘S e an ath-chuirm a theid a chumail le Ceòl is Craic; Oidhche Americana air 23mh an t-Sultain. Na bi diùid! Thig a-mach is cuir taic ris; is cinnteach gur fhiach e!

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach