Lèirmheas TBh | Spiral, BBC4

O chionn ghoirid, ’s e na Lochlannaich a tha air an cliù as motha fhaighinn airson an cuid dràma “dubh”. Tha na mìltean air coimhead air na sreathan Tbh Eòrpach a tha air a bhith a’ nochdadh air BBC4, leithid Wallander, Borgen agus Am Marbhadh no Forbrydeslsen.

Ach tha barrachd ri fhaicinn air BBC4 na nordic noir. Air ais ann an 2006, thòisich dràma eucoir ùr air an t-seanail – Engrenages no Spiral – suidhichte ann am Paras. Aig deireadh na seachdain seo, thèid crìoch a chur air a’ chòigeamh sreath den phrògram, ’s e air fàs na bu treasa agus na b’ ainmeile gach bliadhna.

‘S e “cogs” a th’ ann an “engrenages”, agus ’s e ainm gu math freagarrach a tha seo don phrògram le brìgh nach fhaigh sinn idir bhon ainm Bheurla. Bidh am prògram a’ leantainn sgioba a’ phoilis (les flics) ’s iad a’ feuchainn ri eucoirich a chur an greim, ach bidh sinn cuideachd a’ faicinn saoghal an luchd-lagha. Air an dàrna làimh, tha sgaradh mòr ann eadar na buidhnean sin, ach air an làimh eile, ged a bhios còmhstri gu tric eatorra, feumaidh iad uile obair còmhla san aon t-siostam.

Ge-tà, chan eil a h-uile cogais ann an siostam a’ cheartais ag obair mar bu chòir. Gach seachdain, chìthear sgioba a’ phoilis a’ dèanamh mearachd mhòr (no dhà, no trì), air neo britheamh a’ tighinn chun a’ cho-dhùnaidh cheàrr. Agus nuair a nì iad adhartas, cha bhi fada aca ri feitheamh mus bi cnapan-starra eile ann – ceannard cruaidh, mì-thuigseach, ball pàrlamaid coirbte – a’ nochdadh nan rathad.

Chan eil gaisgich rin lorg sa phrògram idir; tha na caractairean uile fìor, le gaisidhean gu leòr annta. Gu dearbh, ’s e na caractairean, agus am fìor dheagh sgriopt a th’ aca, a tha gam ghlacadh gach oidhche Shathairne. Gheibhear càirdeas agus comadaidh am measg nan tubaistean.

SpiralSeason4

Os cionn sgioba a’ phoilis, tha Caiptean Laure Berthaud agus an dithis ghillean cas-fhliuch aice, Gilou agus Tintin. Mar a bhiodh dùil, tha trioblaidean pearsanta aca uile, ach chan eil am prògram, no na caractairean fhèin, a’ call cus ùine air na rudan sin. ‘S ann glè ainneamh a chìthear iad air falbh bhon obair aca, no còmhla ri daoine bho thaobh a-muigh na sgioba.

Cluinnidh tu daoine a’ cleachdadh an fhacail “gritty” mun phrògram seo, agus chan ann mu dheidhinn nan eucoirean ’s marbhanan a-mhàin a tha iad a’ bruidhinn. Cha bhi les flics a’ cumail ris na riaghailtean an-còmhnaidh, agus cha bhi iad a’ nighe an aodaich gu tric. Tha an cainnt cho salach ri an cuid aodaich (agus ma tha thu measail air droch-chainnt Fraingis, faodaidh tu farpais briathrachais a dhèanamh air làrach-lìn a’ Ghuardian).

Tha an luchd-lagha beagan eadar-dhealaichte – tha gruag nas glaine ’s aodaich nas spaideile orra co-dhiù. Dh’fhaoidte gum bi cuid de dhaoine ag aithneachadh Grégory Fitoussi a tha a’ cluich Pierre Clément, oir tha e ri fhaicinn ann am Mr Selfridge air ITV an-dràsta, cuideachd. Tha Audrey Fleurot a’ cluich co-obraiche Phierre, an tè ruadh, thàlantach Joséphine Karlsson (la pitbull, mar a th’ aig Laure oirre). Bha Fleurot ri fhaicinn san fhiolm Fhrangach, Untouchable – mholainn sin fhaicinn, cuideachd, mura chunnaic thu aig an àm e.

Tha a’ mhòr-chuid den chòigeamh sreath den phrògram air an iPlayer an-dràsta, agus an corr ri fhaighinn air YouTube. Ma tha ùidh mhòr agad ann, mholainn a dhol air ais ’s coimhead air na sreathan eile; gheibh thu Engrenages 1-4 air DVD. Ach thoir an aire – dh’fhaoidte nach bi am briathrachas a thogas tu bhon phrògram cho freagarrach don ath thuras agad san Fhraing!

– le Rhona NicDhùghaill

Share

One thought on “Lèirmheas TBh | Spiral, BBC4

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach