Lèirmheas TBh | The Walshes, BBC4

 

A rèir Graham Linehan, cruthaichear an t-sreath ùr comadaidh seo, cha bu chòir dhuinn coimeas a dhèanamh eadar The Walshes agus an sitcom soirbheachail Èireannach, Mrs Brown’s Boys. Uill, coltach ri Linehan, chan eil mi air Mrs Brown’s Boys fhaicinn, mar sin tha sinn sàbhailte gu leòr. Ach ’s dòcha gur e rud beag reverse saidhceòlas a tha seo o Linehan.

Sa chiad dol a-mach, ged a tha na mìltean de luchd-amhairc aig Mrs Brown’s Boys, chan eil deagh chliù aig a’ phrògram am measg an luchd-aithris Tbh ’s comadaidh. Thuirt Linehan fhèin, “I was never really a big fan of Brendan [O’ Carroll, a tha a’ cluich Mamaidh NicIlleDhuibh] in Dublin, so it probably wouldn’t appeal to me.” Zing. Cuideachd, san dàrna earrann de Na Walshes, tha Tony, athair an teaghlaich agus fìor ghloic, a’ coimhead air Mrs Brown’s Boys. Gu follaiseach, ma-tà, tha Linehan misneachail gu leòr gur e Na Walshes a bhuannaicheadh co-fharpais eadar an dà phrògram.

Ma bhios daoine a’ dèanamh coimeas eadar na Walshes agus Mrs Brown, cha bhi iad a’ smaointinn cus air an t-sreath as cliùitiche bho Linehan – agus bho Èirinn, dh’fhaoite – Father Ted. Ged a tha Linehan air prògraman soirbheachail eile a dhèanamh – Black Books, The IT Crowd – ’s e Ted a tha fhathast aig mullach na liosta. Leis gu bheil Linehan air dol air ais a dh’Èirinn leis Na Walshes, tha e doirbh dìleab Ted a dhìochuimhneachadh. Gu dearbh, tha an dà phrògram gan tòiseachadh le òrain bho Neil Hannon, bhon chòmhlan Èireannach, Divine Comedy.

Ach ’s e an caractar Rory Walsh a tha a’ cur nam chuimhne Father Ted agus dè cho math ’s a bha e. Tha Rory 25 bliadhna a dh’aois, ach nas fhaisge air 15 na dhòigh – no 5 bliadhna a dh’aois, uaireannan – gu math coltach ri Father Dougal McGuire ann an Father Ted. Bha Dougal gu math dèidheil air roller-blading; tha Rory dèidheil air high-kicks a dhèanamh. Tha coltas Ardal O’Hanlon air Rory Connolly, an cleasaiche a tha a’ cluich Rory Walsh – ach chan eil Connolly idir cho math ris.

An rud a bha cho math mu dheidhinn caractar Dhùghaill, ’s e ’s gur e sagart a bh’ ann. Bha Linehan (agus a cho-sgrìobhadair, Arthur Matthews) a’ cleachdadh amaideas Dhùghaill gus magadh air an eaglais Chaitligich, cultar Èireannach, agus tòrr rudan eile. Chan ann mar sin a tha Rory sna Walshes – agus sin an duilgheadas a th’ aig a’ phrògram air fad, theirinn. Bha Father Ted ag ràdh rudeigin mun eaglais agus mun àite a bh’ aice (no nach robh aice tuilleadh) ann an Èirinn. Chan eil Na Walshes ag ràdh mòran mun t-saoghal taobh a-muigh an suburban semi aca. Chan eil sin a’ ciallachadh nach eil e èibhinn, ach chan eil an aon seòrsa cumhachd aig a’ chomadaidh.

Tha deagh loidhnichean aig Carmel Walsh, mamaidh an teaghlaich; bha mi a’ dèanamh gàire nas lugha na dà mhionaid a-steach don chiad earrann ’s Carmel a’ bruidhinn mun frids aice nach eil ag obair gu ceart agus a tha a’ dèanamh fuaimean neònach: “D’you know, I hear conversations coming from that in the middle of the night. It’s like a pub in there.” Nuair a tha Carmel a’ coinneachadh ri Graham (bramair ùr aig Ciara, nighean Carmel) son a’ chiad uair, tha i a’ measgachadh moladh, càineadh agus over-familiarity ann an dòigh gu math èibhinn: “God, and you’re as good-looking, aren’t you! Do you know who you remind me of? A young Liam Neeson – but with a much, much higher hairline. God, look, what’s left of the hair. It’s just so fine. God, you can barely feel it it’s so fine.” Chan eil a h-uile caractar cho math ri Carmel – chan eil Tony, an t-athair, buileach ag obair, agus tha Ciara, an duine “àbhaisteach” san teaghlach, rud beag ro àbhaisteach – ach tha e tràth fhathast, agus thèid na caractairean a leasachadh.

‘S ann nuair a bhios am prògram a’ feuchainn ri dèiligeadh ri rudan àbhaisteach – dàimhean, faireachdainnean – ann an seallaidhean nach eil cho èibhinn, a tha e nas laige. Tha Linehan a’ measgachadh amaideas ’s faireachdainnean fìora, rud nach do rinn e sin le Father Ted. Tha Na Walshes uaireannan eadar fealla-dhà agus dha-rìribh; tha gàire gu leòr ann, ach le beagan den bhior air a thoirt às.

Bidh an treas earrann (an earrann mu dheireadh) de Na Walshes ri fhaicinn a-nochd (Diardaoin) air BBC4 aig 10f. Ma tha thu air a’ chiad dà phrògram a chall, na gabh dragh: tha iad ri fhaotainn air BBC iPlayer an-dràsta.  Agus ma tha thu airson barrachd fhaicinn bho na cleasaichean sa phrògram, am buidheann comadaidh Diet of Worms, thoir sùil air an t-seanail YouTube aca.

– Rhona NicDhùghaill

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach