Leonard Cohen agus Mi Fhìn

By Rama (Own work) [CeCILL (http://www.cecill.info/licences/Licence_CeCILL_V2-en.html) or CC BY-SA 2.0 fr (http://creativecommons.org/licenses/by-sa/2.0/fr/deed.en)], via Wikimedia Commons

le Calum MacLeòid

Feasgar an-diugh thog mi orm gus tadhal air an taigh far am b’ àbhaist dha Leonard Cohen nach maireann a’ fuireach fad bliadhnaichean. Aig iomadh àm nam bheatha ’s e ceòl is bàrdachd Leonard Cohen ris a bheil mi air tionndadh. Mar gach tachartas ann am baile-mòr Montréal bha deagh mheasgachadh de dhaoine is cànanan air an cruinneachadh còmhla taobh a-muigh dorais air Parc du Portugal, ri taobh Rue Marie Anne, ach bha e soilleir gu robh aon rud againn ann an cumantas: Mgr Cohen.

Chan urrainn dhomh cuimhneachadh a’ chiad uair a chuala mi a cheòl ach nuair a thòisich mi ag èisteachd gu dlùth ris b’ e a’ chiad clàr aige Songs of Leonard Cohen a cheannaich mi. Tha cuimhne agam a’ fuireach ann an taigh mo charaid, ag èisteachd ris a’ chlàir anns an t-seòmar-cadail aca. Taobh a-muigh bha gailleann a’ sèideadh agus a’ crathadh nan uinneagan ach taobh a-staigh cha robh ach guth Cohen, fuaim a ghiotair agus ciall nam facail. Bha rudeigin cho freagarrach mu dhèidhinn seo. Bha coltas gur ann dhomhsa a-mhàin a bha e a’ seinn agus gun robh e anns an t-seòmar còmhla rium.

Mus robh e na sheinneadair cliùiteach ’s e bàrd is sgrìobhadair a bh’ ann, a sgrìobh dà nobhail The Favourite Game agus Beautiful Losers. ’S e nobhailean neònach a th’ annta ach tha e soilleir gu bheil tàlantan nach gann aig an sgrìobhadair agus gu bheil e air a bheò-ghlacadh le chuid de chuspairean: feis, am bàs, creideamh agus gu h-àraid gaol – ann an gach seadh. ’S iad na cuspairean sin a nochd uair agus a-rithist anns na h-òrain aige.
Ann an 2008 chunnaic mi beò e. Airson bliadhnaichean, bha Cohen air a bhith a’ fuireach ann an manachainn Zen agus bha coltas ann nach thilleadh e chun àrd-ùrlar. Mar sin cho luath ’s a chuala mi gum biodh e a’ cluich ann an Caisteal Dhùn Èideann, cheannaich mi na tiogaidean.

An oidhche sin, chluich e airson faisg air trì uairean a thìde. Bha an t-uisge ann. Bha e fuar is gaothach shuas anns na seataichean as saoire. Ach bha mi coma. Eadar na h-òrain bhruidhinn e rinn agus bha e coltach ri seann charaid a’ bruidhinn riut agus a’ toirt togail dhut. Bha sinn uile air cruinneachadh còmhla air an oidhche ud, coma mun stoirm agus mun tuil a bha a’ dòrtadh mun cuairt oirnn, oir bha sinn còmhla, bha sinn a’ dannsa agus bha sinn taingeil.

Bidh na h-òrain, na clàran, na dàin agus na nobhailean againn gu bràth agus anns an t-saoghal dorcha seo a tha cho eagalach aig amannan, b’ fhiach cuimhneachadh mar a thuirt an duine fhèin:

“There is a crack in everything. That’s how the light gets in.”

Molaidhean:
Éist ri: A h-uile not dheth

Coimhead:
Leonard Cohen: I’m your Man – film aithriseach mu bheatha, le seinneadairean eile a gabhail òrain Cohen; Nick Cave, U2 is Rufus Wainright nam measg
McCabe & Mrs Miller – Western air a stiùireadh le Robert Altman a chleachd cuid de dh’òrain bhon a’ chiad chlàr aig Cohen.

Leugh:
The Book of Longing – Cruinneachadh dàn is dealbhan bho 2006.

Beautiful Losers
– an dàrna nobhail aige.

Alt seo bhon t-iris The New Yorker, agallamh fada còmhla ris, a nochd beagan sheachdainean air ais. http://www.newyorker.com/magazine/2016/10/17/leonard-cohen-makes-it-darker

– Calum MacLeòid @CalumMacLeoid

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach