Leonard Nimoy | 1931 – 2015

Tha Eòghan a’ cuimhneachadh air Leonard Nimoy a chaochail an latha eile. 

Leonard Nimoy, 2011, ST Con-2.jpg
Leonard Nimoy, 2011, ST Con-2” by Beth Madison_DSC5611-1 crp. Licensed under CC BY 2.0 via Wikimedia Commons.

House of Cards air Netflix agus dreasa dhubh is ghorm Alana NicAonghais, (air neo a bheil i geal is òr no fiù ’s liath is odhar?) a’ gabhail thairis an t-saoghail airson latha no dhà eile. Anns an sgoil, bha Luchd-sgrùdaidh na Bàn-righ a–bhos againn an t-seachdain-sa cuideachd – tha mi taingeil dhà-rìreabh gur e Dihaoine a bha ann nuair a sgrìobh mi seo

Eadar na stuaghain sin a’ tighinn gu tir, thàinig naidheachd dhuilich leis an làn, gun robh Leonard Nimoy air siubhal aig aois 83.

Bha Nimoy ainmeil mar Spock, agus chluich e am Bhulcanach airson cha mhòr leth-cheud bliadhna uile gu lèir.   Chan eil mòran a bharrachd as urrainn dhomh aithris mu dheidhinn a’ phàirt as motha aige, fear de na pàirtean as ainmeil ann an eachdraidh an telebhisein – ach airson pàirt a bha ainmeil airson a bhith cho ciallach agus cho cèin, chuir Nimoy tòrr adhbhachdas agus daonnachd ris.

Dh’fhàs e cleachdte ri bhith cho ceangailte ri aon phàirt agus chan eil mòran fèin-eachdraidhean le cleasaichean no daoine ainmeil a tha cho smaoineachail, cho feallsanachail, cho meta, ris an dà leabhar I Am Not Spock agus I Am Spock aige.

Tha e doirbh a chreidsinn gun robh àm ann far an robh Nimoy airson Spock a chur air a chùlaibh agus ’s e sin as còireach gun deach Spock a mharbhadh ann an Wrath of Khan. Ach chòrd am fiolmadh ris cho mòr gun do dh’aontaich e tilleadh, agus mar sin thàinig The Search for Spock gu buil agus Nimoy fhèin ann an cathair an stiùiriche. Dhèanadh e fiolmaichean eile, leithid an comadaidh clasaigeach, “Three Men and A Baby”.

Bha an guth domhainn cumhachdail aige ga chleachdadh thar nam bliadhnaichean anns a h-uile càil o na Simpsons gu Transformers, sanasan-reice gu prògraman aithriseach. Chuir e a làmh ri iomadh ealain cuideachd. Bàrdachd, sgrìobhadh, fiù ’s seinn – ged tha mòran a’ measadh a’ chlàir “Presents Mr. Spock’s Music from Outer Space” mar fear de na clàran as miosa a chaidh a dhèanamh riamh – gun ghuth a chantail mun “Ballad of Bilbo Baggins”.

’S ann às an Ugrain a thàinig a phàrantan, agus ’s e gruagaire a bha na athair. Bha e pròiseil às a’ chreideamh Iudhach aige agus thug seo buaidh mhòr air mar a chaidh Spock a chluich – thàinig an t-altachadh Bhulcanaich leis na meuran sgapte o shamhla làimhe airson a’ chiad litir aig ainm Eabhrach airson Dia. “Live Long and Prosper” chanadh e. Cha robh e fada bhon t-seann duan Ghàidhealach – “Gu math fada beò sibh agus ceò às bhur taigh.” Gu mì-fhortanach, ’s e tinneas sgàmhain a thug am bàs dha, dìleab o bhliadhnaichean a’ smocadh – droch chleachdadh a sguir e dheth o chionn trithead bliadhna.

O chionn seachdain, chuir e an-àird beagan den bhàrdachd aige air Twitter agus cuideachd an teachdaireachd dheireannach aige – “Tha beatha coltach ri lìos. Thèid momaidean foirfe fhaighinn, ach cha tèid an glèidheadh ach ann an cuimhne. LLAP”.  Gu dearbh, chrùthaich e gu leòr cuimhneachan dhuinn uile.

Leonard_Nimoy_William_Shatner_Star_Trek_1968
air sgàth – le Leonard Nimoy

air sgàth ’s
gun do dh’fhiosraich mi eu-dòchas
measaidh mi dòchas

air sgàth ’s
gun do dh’fheuch mi sàrachadh
measaidh mi sàsachadh

air sgàth ’s
gu bheil mi air a bhith aonranach
measaidh mi gaol

– Eòghan

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach