Leòntan ’s Leotards | Alba v Sasainn aig Glaschu 2014

European Artistic Gymnastics Championships, Moscow/RUS, 17-21 April 2013,‘S e aon de na gearanan a chluinneas tu mu Gheamaichean a’ Cho-fhlaitheis (agus tha gu leòr dhiubh ann) nach bi na farpaisich as fheàrr san t-saoghal uile an làthair. Mur robh na dùthchannan aca fo smachd Bhreatainn aig aon àm, chan fhaigheadh iad cuireadh thighinn a Ghlaschu 2014. ‘S e suidheachadh car neònach a tha seo ann an iomadh dòigh, ach cuideachd, bheireadh e buaidh mhòr air cuid de na co-fharpaisean.

Bidh na co-fharpaisean giomnastachd nam measg. ‘S iad Sìona, Iapan, na Stàitean Aonaichte, na seann stàitean Sovietach agus an Rìoghachd Aonaichte na dùthchannan as soirbheachaile a th’ ann an saoghal giomnastachd, ach cha bhi cothrom aig a’ mhòr-chuid dhiubh a bhith aig na Geamaichean. Bidh na Breatannaich ann, ge-tà, agus sgioba nam fear Breatannach air a bhith gu math làidir a thaobh giomnastachd sna beagan bhliadhnaichean a chaidh seachad.

B’ e bliadhna mhòr a bh’ ann don sgioba ann an 2012, ach le toiseach car cugallach. Cha robh an sgioba soirbheachail ann a bhith a’ glèidheadh àite son Lunnainn 2012 aig Co-fharpais na Cruinne ann an Tokyo ann an 2011 agus cha d’ fhuair iad troimhe gu h-oifigeil gus am Faoilleach 2012.

Thàinig an dà latha orra aig a’ Cho-fharpais Eòrpach san earrach 2012 ge-tà, goirid ro na Geamaichean Oilimpeach, far an do bhuannaich an Rìoghachd Aonaichte am bonn òir son a’ chiad turais a-riamh, an aghaidh a’ Cho-nasgaidh Ruiseanaich agus na h-Ucràin. Bha na sgiobaidhean gu math faisg chun a’ mhionaid mu dheireadh, nuair a fhuair Kristian Thomas à Sasainn comharra mòr gu leòr air an sparr àrd gus a’ chiad àite a ghlèidheadh don sgioba.

Le beagan seachdainean air fhàgail ro Lunnainn 2012, bha coltas dòchasach air cùisean don sgioba Bhreatannach – gu h-ìre. Bha a h-uile duine mothachail gum biodh na sgiobaidhean mòra eile an làthair – Sìona, Iapan agus Na Stàitean Aonaichte – a bharrachd air na Ruiseanaich agus na h-Ucràinich. Gu dearbh, cha robh sgioba bhon Rìoghachd Aonaichte air bonn Oilimpeach a bhuannachadh fad 100 bliadhna.

Ann an co-fharpais nan sgiobaidhean, feumaidh gach sgioba feuchainn air gach pìos acainne no apparatus, ’s iad an t-each pommel, an sparr àrd, an sparr co-shìnte, na fàinneachan, am vault agus an t-ùrlar. Ged a bhios còignear anns gach sgioba, cha bhi ach triùir dhiubh a’ feuchainn air gach acainn. Bidh na sgiobaidhean a’ taghadh an triùir as fheàrr air gach pìos acainne, ’s iad uile ag obair còmhla gus na comharran as àirde fhaighinn airson nan sgiobaidhean aca. Dhomhsa, ’s e co-fharpais nan sgiobaidhean a’ cho-fharpais as fheàrr a th’ ann an giomnastachd, agus tè de na co-fharpaisean as fheàrr leam sna Geamaichean air fad.

Agus abair co-fharpais a bh’ ann aig Lunnainn 2012. B’ e sgioba nan Stàitean Aonaichte a bha sa chiad àite aig toiseach an latha, ach an dèidh tubaist no dhà, chaidh a’ cho-fharpais gu tur ceàrr dhaibh, ’s iad sa chòigeamh àite aig a’ cheann thall, gun bhonn sam bith. Cha do rinn na Ruiseanaich a’ chùis na bu mhotha, ’s iad san t-siathamh àite aig deireadh na co-fharpaise.

Bha na Sìonaich gu math làidir air gach pìos acainne, mar a bhiodh dùil, agus bha na h-Iapanaich air comharran àrda fhaighinn cuideachd, gu ruige am pìos acainne mu dheireadh dhaibh, an t-each pommel. An dèidh do na h-Aimeireaganaich agus na Ruiseanaich mearachdan a dhèanamh, bha An Rìoghachd Aonaichte agus an Ucràin a’ strì an aghaidh a chèile airson an treas àite – euchd air leth math don dà sgioba. Aig a’ cheann thall, an dèidh beagan chonnspaide, ghlèidh na Breatannaich am bonn umha, anns a’ cho-fharpais a b’ fheàrr a bh’ ann, air mo shon-sa dheth, aig Lunnainn 2012 air fad. Ma chaill sibh aig an àm i, seo agaibh na highlights.

Tha na Breatannaich air a bhith a’ soirbheachadh gun sgur bhon uair sin. Sa Chèitean am bliadhna-sa, ghlèidh sgioba nam fireannach am bonn airgid aig a’ Cho-fharpais Eòrpach, ’s iad air a’ phòideam eadar na Ruiseanaich agus na h-Ucràinich. Ghlèidh ceathrar bhon sgioba buinn fa leth, cuideachd; Max Whitlock le bonn òr air pommel, Sam Oldham le bonn airgid air an sparr àrd, Kristian Thomas le bonn umha air an sparr àrd, agus Daniel Purvis le bonn umha air an ùrlar. A bharrachd air sin, bhuannaich sgioba na h-òigridh am bonn òir sa cho-fharpais acasan, còmhla ri 5 buinn òr agus 4 buinn airgid sna co-fharpaisean fa leth. Gu dearbh, nan robh An Rìoghachd Aonaichte a’ feuchainn mar dhùthaich aig Glaschu 2014, cha bhiodh mòran cho-fharpaise ann idir.

Ach leis gur e seo Geamaichean a’ Cho-fhlaitheis seach Geamaichean Oilimpeach, tha na dùthchannan Breatannach air an riochdachadh gu fa leth. Agus sin far a bheil a’ cho-fharpais a’ fàs inntinneach. Ged a bhios na balaich uile a’ fuireach agus a’ trèanadh ann an Sasann – gu dearbh, rugadh iad uile ann an Sasann – tha pàrantan Albannach aig triùir dhiubh, ’s iad a’ riochdachadh Alba aig Glaschu 2014. ‘S iad Daniel Purvis, Daniel Keatings agus Frank Baines. (Dh’fhaoidte nach bi iad cho deònach a-nis ge-tà, an dèidh dhaibh an trusgan Albannach fhaicinn…)

Tha Purvis air a bhith gu math làidir gu cunbhalach air gach pìos acainne, le comharran sònraichte àrd air na fàinneachan, air an sparr co-shìnte agus air an ùrlar. Tha Keatings agus Baines cuideachd comasach air gach pìos. Ge-tà, bidh iad a’ strì an aghaidh Whitlock agus Nile Wilson bho Sgioba Shasainn, a bhuannaich na duaisean uile-chuairteach no all-around – far am bi na giomnastaich fa leth a’ feuchainn air gach pìos acainne – aig a’ Cho-fharpais Bhreatannach am bliadhna-sa. Tha a h-uile coltas ann gum bi a’ cho-fharpais uile-chuairteach agus co-fharpais nan sgiobaidhean ann an Glaschu gu math faisg eadar an dà dhùthaich.

Air an sparr àrd, tha dithis gu math làidir aig sgioba Shasainn, ’s iad Kristian Thomas – a tha gu math comasach air a’ vault, cuideachd – agus Sam Oldham. Chan eil e coltach gum bi na h-Albannaich a’ cur cus dragh orra a thaobh sin, ma-tà. Ach nuair a thig e chun an eich phommel, dh’fhaodadh cùisean a bhith gu math faisg a-rithist, le Whitlock ’s Smith bho Shasann, agus Keatings ’s Purvis bho sgioba na h-Alba uile fìor mhath air.

Gu h-ìre mhòr, bidh soirbheachas sgioba na h-Alba a’ crochadh air dè an sunnd a bhios air Daniel Keatings aig deireadh a’ mhìos seo. B’ e Keatings fear de na giomnastaich a b’ fheàrr san t-saoghal nuair a bha e na b’ òige, ach tha e air a bhith a-mach às an spòrs le leòntan iomadh turas bhon uair sin.

An dèidh dha àite a chall san sgioba Oilimpeach, thàinig Keatings air ais gu soirbheachail aig na Co-fharpaisean Breatannach agus Eòrpach ann an 2013, ach an uair sin, thuit e bhon each pommel aig Co-fharpais na Cruinne na b’ fhaide dhen bhliadhna sin. Bha e air ais ann an deagh fhoirm aig a’ Cho-fharpais Bhreatannach am-bliadhna, far an do bhuannaich e bonn òir air an each pommel agus air an sparr co-shìnte, ach mìos an dèidh sin, cha do rinn e a’ chùis aig a’ Cho-fharpais Eòrpach. Chì sinn ann an seachdain no dhà ma bhios e air a dhòigh an turas seo.

Gun teagamh sam bith, bidh an luchd-leantainn ag ionndrainn nan rionnagan giomnastachd nach bi an làthair ann an Glaschu, leithid Kohei Uchimura à Iapan agus “An Duitseach Air Ite”, Epke Zonderland à Frìoslann. Cuideachd, bidh e doirbh do na dùthchannan giomnastachd eile, leithid Astràilia ’s Canada, mòran bhuinn fhaighinn ann an Glaschu. Ach don luchd-leantainn ann am Breatann, ’s e farpais air leth a bhios ann, làn sgile, dràma ’s gluasachd bhrèagha. Nach mi a tha a’ dèanamh fiughair ris.

– Rhona NicDhùghaill

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach