Ceisteachan-ciùil | Linda NicLeòid

Sreath leantainneach againn a’ faighneachd ri daoine ann an Saoghal na G dè an ceòl as aille leotha. An turas seo, Linda NicLeòid, tosgaire leughaidh òg na Gàidhlig agus guth brèagha ceòlmhor aice fhèin cuideachd.

  1. ’S e a’ chiad òran air a bheil cuimhne agam…

Bhitheadh sinne gabhail tòrr òrain nuair a bha sinn beag bìdeach (fada mus deach sinn dhan sgoil) agus bhitheadh sinn tric ag èisteachd ri seann taipichean (cassettes) neo a’ coimhead Donnie Dòtaman air an telebhisean. Bhitheadh òrain thraidiseanta againn cuideachd, puirt bheaga, ach bha mi fhèin agus mo phiuthar uabhasach measail air òrain Mairead Hulse, a bh’ air an seinn le Iain MacÌomhair, air an teip ‘Trobhadaibh a-steach’. Chan eil cho fada ann bhon a lorg mi an teip agus feumaidh mi ràdh gun do dhùisg e fìor dheagh chuimhneachain annam, nuair a bha mi ag èisteachd ris a-rithist. Bha gach òran a’ còrdadh rinn ach chanainn gun e  ‘Tha tractar ann an uinneag bùth MhicCoinnich’ a bu mhotha bha còrdadh rinn.

 

  1. ’S e an t-òran a chuireas samhradh nam chuimhne…

Runrig – Pride of the Summer. Tha an t-òran seo a’ toirt làithean-saora an t-samhraidh nam chuimhne. Nuair a bha mi nam oileanach bhithinn a’ tilleadh air ais a dh’Uibhist gach sàmhradh agus ag obair airson beagan airgid a shàbhaladh airson an ath thèirm air falbh. Bhitheadh clàran Runrig tric a’ cluich air iPod aig m’ obair neo bhithinn ag èisteachd ris na clàran aca anns a’ chàr. Tha an t-òran seo cuideachd a’ toirt cuirm Runrig ann an Druim na Drochaid ann an 2007 nam chuimhne. Bha leth do dh’Uibhist aig a’ chuirm sin agus a dh’aindeoin deàrrsach uisge agus tuiltean, bha fìor dheagh latha againn uile.

 

  1. ’S e an t-òran a bheir orm smaoineachadh air gaol agus gràdh…

An Eala Bhàn le Dòmhnall Ruadh Chorùna.
Bha mise gu math òg nuair a chuala mi an t-òran seo a toiseach. Bhitheadh mo sheanair tric ga sheinn agus bhitheadh e tric a’ bruidhinn mu dheidhinn Dòmhnall Ruadh Chorùna cuideachd.  Bha an t-òran riamh a’ còrdadh rium agus ged a bha mi òg, bha mi tuigsinn gun e òran gaoil agus òran tùrsach a bh’ ann, agus gach turas a chluinninn e bhithinn a’ smaoineachadh air an dà eala a bhitheadh a’ nochdadh sa bhàgh shìos fon taigh againn, bho bhliadhna gu bliadhna. Nuair a bha mi ann an Sgoil Lionacleit rinn sinn sgrùdadh mionaideach air an òran seo airson pìos sgrìobhaidh agus tha cuimhne agam gum b’ ann an uair sin a chuir mi eòlas ceart air briathran an òrain, an ìomhaigheachd agus air suidheachadh a’ bhàird. ’S e òran gaoil air leth cumhachdach a th’ ann agus nam bheachdsa, tha eala a’ samhlachadh gaoil gu cumhachdach; tha aon chàraid aig eala fad a beatha agus tha iad dìleas ri chèile gus an sgar am bàs iad. Bidh aon eala fhathast a’ tighinn na h-aonar chun a’ bhàigh shìos fon taigh againn an Uibhist agus bidh an sealladh sin an-còmhnaidh a’ toirt sgeul an òrain seo nam chuimhne.

 

  1. ’S e an t-òran a sheinneas mi aig Karaoke/Cèilidh…

Uill cha do sheinn mi ann an Karaoke riamh agus mar sin feumaidh mi òran cèilidh a thaghadh an seo. Nuair a bhitheas mise seinn aig cèilidhean ‘s fìor thoil leam a bhith a’ gabhail deagh òran le sèist, mar sin thaghainn òran as aithne dhan h-uile duine, seann agus òg, òran mar Teann a-nall.

 

  1. ’S e an t-òran a chuireas ann an deagh shunnd mi…

’S iomadh òran sin! Bhitheadh liosta gu math fada an seo nam b’ urrainn dhomh grunn a chur sìos ach leis gum feum mi aonan a thaghadh thèid mi leis an òran a tha mi ag èisteachd ris an-dràsta – Sweet Child O’ Mine le Guns N’ Roses. Bidh ceòl agus òrain gam chur ann an deagh shunnd co-dhiù, ach tha an t-òran seo fìor mhath èisteachd ris nuair a tha mi a’ sgioblachadh am flat!

– Linda

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach