Linn ùr don Eadar-lìon: HTML5

Leis na comasan is cleachdaidhean an lùib HTML5, tha linn ùr a’ tighinn air an eadar-lìon. Tha Liam a’ toirt sùil air na h-atharraichean a bhios a’ tachairt ann an saoghal còd HTML. Thèid HTML5 a dhaingneachadh san Iuchar, 2014. Feuch sibh fhèin cuid de na làraichean ùra aig an deireadh.

Bho Wikimedia Commons; còir-ghlèidhte aig W3C

Bho Wikimedia Commons; còir-ghlèidhte aig W3C

HTML5?! Dè a th’ ann an HTML4? Dè a th’ ann an HTML?

’S e cànain prògramachaidh a th’ ann an HTML – gu sìmplidh, cànain a dh’innseas do bhrabhsair ciamar a leughar làrach-lìn. Tha na faclan san duilleag seo air an còmhdachadh le còd HTML, ag innseadh don bhrabhsair agad gu bheil na litrichean dubh no gu bheil dealbh suidhichte an-sin.

No gus paragraf ùr a chur ann.

Tha a’ chànain seo air a riaghladh le W3C, buidheann-riaghlaidh an eadar-lìn (aig a bheil prìomh-oifis ann am MIT, Na Stàitean Aonaichte). ’S iadsan a tha a’ co-dhùnadh na tha a’ dèanamh suas na cànain – dè na comasan, dè na cuingleachaidhean, dè a tha sa chòd fhèin.

An-dràsta, tha cuid mhath de na làraichean-lìn air an sgrìobhadh ann an HTML4, a chaidh a chur an gnìomh ann an 1997. Agus tha deagh ghreis air a bhith ann bhon uair sin. Bidh sibh uile eòlach air comasan HTML4: dhuinne, chan eil ann ach an t-eadar-lìon àbhaisteach.

Bho 2008 a-mach, thathar air a bhith ag obair air tionndadh ùr HTML; san Iuchar 2014, thèid HTML5 a dhaingneachadh aig W3C.

Theagamh gum bi atharraichean mòra an lùib seo – cuid air a bheil sinn eòlach gu h-ìre mar-thà, cuid eile air nach eil.

 

Dè a bha ceàrr le HTML4?

Faclan agus dealbhan, bha sin ceart gu leòr. Ach, fhios agad mar a dh’fheumadh plugan (plug-in) a chur an gnìomh gus bhideothan a choimhead? “Chan eil a’ Flash Player agad ùr gu leòr airson seo fhaicinn” agus an leithid.

Bidh HTML5 a’ cur às do phlugain, am measg rudan eile. Bidh gach feumalachd am broinn HTML5 fhèin, am broinn na làraich-lìn fhèin. Chan fhaic thu toll dubh ’s e ag ràdh ‘Ùraich am Plugan’ tuilleadh.

 

Atharraichean? Cuin?

’S e an rud a th’ ann, cha tachair e uile sa bhad – ’s e gluasad slaodach a tha seo. Seadh, tha e air a bhith a’ tachairt fad greis a-nise mar-thà. Mar eisimpleir, na dealbhan agus geamannan gluasaideach a’ nochdadh air duilleag-dhachaigh Ghoogle bho àm gu àm, ’s ann le HTML5 a thathar gan cruthachadh (cuimhnich nuair a bha iad cho ùr inntinneach?).

Fiù ’s an duilleag seo, thug mi sùil oirre; ’s e HTML5 a tha WordPress a’ cleachdadh mar-thà.

Carson nach eil coltas cho ùr gleansach air duilleagan WordPress a-rèiste, ma thathar a’ cleachdadh a’ chòid ùir? Uil, air dà adhbhar. Tha teans ann nach eil am brabhsair agad a’ leughadh a’ chòid, sa chiad dol-a-mach, ged a tha brabhsairean air a bhith ag ùrachadh airson a’ cheuma seo. ’S e Chrome a tha air thoiseach an-dràsta, le comharra timcheall air 91% san deuchainn HTML5 (http://html5test.com/). ’S e Firefox a tha san dara àite. Mas e Internet Explorer a tha thu a’ cleachdadh, sguir dheth (faisg air an deireadh le timcheall 67%). Nuair a thèid HTML5 a dhaingneachadh, bidh na brabhsairean mòra uile deiseil an còd a leughadh.

Agus, an-dràsta, chan eil tòrr a’ cur feum air farsaingeachd chomasan HTML5, ach a’ cleachdadh a’ chòid bhunaitich. ’S e as coireach dha sin nach eil a’ W3C air an còd fhèin a dhaingneachadh (gus an Iuchair). Cha bhiodh tu airson làrach-lìn spaideil gnìomhach a chruthachadh, leis gach comas a th’ aig HTML5, agus leth-chuid dheth nach gabh leughadh aig brabhsair air sgàth ’s nach do dhaingnich W3C cuid den chòd a bha thu a’ cleachdadh.

 

Dè tha an dàn don eadar-lìon ma-thà?

Uil, tha mi an dòchas gum bi an t-eadar-lìon fada nas spòrsaile, fada nas glacaile, fada nas eadar-mheadhanaiche. Ach, carson a dh’innsinn dhuibh nuair a b’ urrainn dhomh sealltainn dhuibh?

NB: Bidh feum agaibh air brabhsair adhartach aig a bheil comas an còd a leughadh. Chaidh na leanas a leughadh leis a’ Firefox agam.

 

Comasan farsaing HTML5: http://beta.theepressiveweb.com/#!/welcome

Leabhar-iùil HTML5: www.html5rocks.com/webappfieldguide/

An toil leat ceòl? (fuaim na chois): http://www.thisshell.com/

An toil leat siubhail? http://www.letstravelsomewhere.com/

Chan eil sìon a dh’fhios agam: http://thegoodman.cc/

Fear as fheàrr leam-sa: http://handytesten.usedtobe.no/

 

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach